On dh’fhàg thu mi ’s mulad orm

Le Tormod Moireach

Seachdain 22 – 27.05.2020

Air a ghabhail le Muriel Urchardan

Sèist:

On dh’fhàg thu mi ’s mulad orm
’S duilich às do dhèidh mi,
’S an uair bha dùil gu leanadh sinn
’S e dealachadh a b’ fheudar.
On dh’fhàg thu mi ’s mulad orm.

Chan e ’n aois tha liathadh
Mo chiabhagan cho glè-gheal
No siaban nan tonn fiadhaich
No ’n Cuan Siar le bheucaich.
On dh’fhàg thu mi ’s mulad orm.

Ged a gheibhinn caileag,
Tè cho beartach ’s tha ’n Dùn Èideann
Gum b’ fheàrr leam Seònaid Alasdair
’S cha chaillinn air an fhèill i.

Dìreadh staidhre Gharraboist
Gu maiseach dol dhan èisteachd;
’S e rudhadh bha nad ghruaidhean
Bha buaireadh mo chèille.
On dh’fhàg thu mi ’s mulad orm.

Cha b’ e meud do stòrais
A dh’fhàg mi cho mòr an dèidh ort;
Ach thu bhith laghach, dòigheil,
’S gum pòsainn thu ro thèile.
On dh’fhàg thu mi ’s mulad orm.

’S mise bha gu h-aigeannach
Ri pasgadh a cuid brèidean
Nuair chuala mi an eachdraidh
Aig a’ Chaiptein ’s e ga leughadh.
On dh’fhàg thu mi ‘s mulad orm.

’S mise tha gu cràiteach
A’ falbh air Sràid Iameuga,
’S mi smaointinn thu bhith càirte
Fo na fàdan is nach èirich.
On dh’fhàg thu mi ’s mulad orm.

An t-òran:
A rèir na sgeòil, air a’ chiad latha den Lùnastal 1870 chaidh dithis nighean à sgìre an Rubha, Leòdhas, a bhàthadh ann an Abhainn Ghrìde dìreach far a bheil i a’ dol a-steach gu Loch a’ Chlachain. Bha a’ chlann-nighean air falbh bhon dachaidhean air an àirigh. Bha tè aca, Seònaid NicGumaraid, Seònaid Alasdair, aois seachd bliadhna deug, air a bhith a’ falbh le Tormod Moireach, Tormod Mhurchaidh ’ic Choinnich à Pabail Uarach. Bha Tormod na shaor aig muir agus nuair a fhuair e naidheachd bàis Sheònaid rinn e an t-òran seo. Goirid an dèidh sin thàinig e dhachaidh air fòrladh agus thug e an t-òran do mhàthair Sheònaid mus do thill e air ais gu muir. Gu duilich dh’fhàs e tinn air bòrd an t-soithich agus bhàsaich e fhèin. Chaidh Tormod a thiodhlacadh aig muir.

Cluinnear na ceathramhan a leanas uaireannan mar phàirt den òran:

Seòladh mach à Grianaig
On iar-thuath gun shèid i,
Le tàirneanaich is dealanaich
’S na solais cha bu lèir dhuinn.
On dh’fhàg thu mi ’s mulad orm.

’S mise bha gu tùrsach
Dol dlùth air fearann Èirinn
Bha an oidhche dorch ’s i doicheallach
’S na solais cha bu lèir dhuinn.
On dh’fhàg thu mi ’s mulad orm.

’S ged a chuirte nam ainm-sa
Na bha dh’airgead aig Sir Seumas;
B’fheàrr leam Seònaid Alasdair
’S gun toirinn far an fhèill i.
On dh’fhàg thu mi ’s mulad orm

Tha òrain eile ann leis an aon shèist agus an aon fhonn ris an òran seo.

An t-àite

Bha cuid de dh’àirighean muinntir an Rubha air gach taobh den A858 eadar An t-Acha Mòr agus Steòrnabhagh. Tha Abhainn Ghrìde a’ tòiseachadh faisg air Rathad a’ Phentland mu sheachd mìle à Stèornabhagh. Tha i a’dol tro Loch an Ois agus Loch a’ Chlachain agus tro ghàrraidhean Caisteal Leòdhais mu ruig i am muir ann an caladh Steòrnabhaigh.Tha an abhainn ainmeil airson iasgach bhreac agus bhradan.

Air an àirigh
Ann an Uisge an Fhuarain, cuimhneachan air laithean òige a sgrìobh am bàrd Seumas MacThòmais, tha an cunntas seo mu bhith air an àirigh ann an Leòdhas. Rugadh MacThòmais ann an 1888 agus bha e na mhaighstir-sgoile ann an Sgoil Phaibil sa Rubha eadar 1922 agus 1953.

“Bha an àirigh fhèin aig gach teaghlach suidhichte air an aon làrach gach bliadhna. Cha b’ e taigh mòr no àite bòidheach a bha anns an àirigh idir ach bothan beag de chip no clachan air nach do bhuail buille ùird, air a thughadh mar bu trice le sgrathan is fraoch, gun solas latha ach na thigeadh tro tholl anns an tughadh no tron doras a bhiodh fosgailte. Bha doras air gach taobh dhan àirigh ach bhiodh doras an fhuaraidh dùinte. Anns a’ bhalla a-staigh bha tuill dhorcha airson nam mìosan bainne, an t-ìm ’s an gruth, agus goireasan eile a ghleidheadh.

Bha a’ chailleach – ceap fada caol – o thaobh gu taobh den bhothan air beulaibh an teine, agus air cùl sin rachadh leid fhraoich is fhìonaich a chàradh aig àm cadail. Bha àite teine an ceann na h-àirigh ach is ainneamh a chuirte feum air, oir gu bitheanta bha am biadh air a dheasachadh air greadan a-muigh. Bhuaineadh iad connadh am bliadhna an cois na h-àirigh airson an h-ath bhliadhna.

B’ e na mnathan agus na caileagan òg a a bhiodh air an àirigh agus chuireadh iad an ùine seachad a’ saodachadh a’ chruidh, a’ deasachadh am bidh fhèin, figheadh agus fuaigheal aodach geamhraidh don teaghlach agus a’ deoghal slàinte o chùbhraidheachd a’ mhonaidh agus o àile glan nam beann.

Cha robh iad gun sùgradh gun cheòl oir ruigeadh luchd-tadhail iad an-dràsta ’s a-rithist on bhaile. Agus b’ e latha mòr na h-imrich latha mòr a’ghreadhnachais agus an dannsaidh.

B’fheàirrde an sprèidh rè na bliadhna an cuairt anns an fhraoch agus bha feur baile a’ feitheamh orra nuair a thilleadh iad on gheàrraidh.

Nuair a bha aimsir bhlàth ann chan fhairichte an ùine dol seachad oir bha fearas-chuideachd aig a’chloinn gu an toil. Bhiodh ruith is leum is seòladh bhàtaichean seilisdeir ann; bhiodh sireadh meala am measg nan tom, is trusadh oighreagan; bhiodh snàmh is iasgach air loch is gluma is abhainn.”
(Gairm, Àireamh 184.Am Foghar 1998)

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo:

Stories my suitcase could tell

Visit Outer Hebrides

Visit Scotland

Syangling.com