Aoir an Rodain

Òran le: Aonghas Caimbeul (Am Puillean)

Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Ceitlin L.R. Nic a’ Ghobhainn

B’ e seann chreideamh a bh’ ann gum faigheadh daoine cuidhteas air radain le bhith gan aoireadh. ’S ann à Nis a tha an aoir seo is lorg mi i nuair a bha mi a’ rannsachadh òrain aig Comunn Eachdraidh Nis. Chòrd sgeulachd an òrain rium gu mòr is thug sin orm ionnsachadh.


 

O hò rò rodain ’s na hò hò rò èile
O hò rò rodain ’s na hò hò rò èile
O hò rò rodain ’s na hò hò rò èile
Is gòrach an t-astar gun tàinig tu chèilidh;
O hò rò rodain.

A rodain mhic ghobaich tha crostadh san arbhar,
Is dubh ga do chorp ma thèid ‘Topsy’ a shealg ort;
Cha teàrn do luath chas thu, no idir toll balla,
Gum bi e air d’ amhaich gu grad ga do mharbhadh;
O hò rò rodain.

Nach ann ort bha ’n dalladh ’s an t-amaideas mòr nuair
Bu chòir dhut, a bhraidein, bhith tagradh ri tròcair;
Tha trap aig a’ chaillich ’s mur dèan i do ghlacadh
Chan fhàg an cat glas air an talamh seo beò thu;
O hò rò rodain.

Dè chuir thu, a bhròinein, a’ spògail thu ’n t-astar,
’S a liuthad àit’ tha ’n Eòrapaidh mòran nas beartaich’?
’S nach iarradh tu shòlas ach biadh baile mòr
Bhith fo d’ fhiaclan na shròicean ’s do bheò-shlàint an-asgaidh.
O hò rò rodain.

’S nan gabhadh tu mo chomhairl’ ’s ann thogadh tu imrich,
’S dh’fhàgadh tu sabhal gu h-obann ’s gu h-iomlan;
B’ fheàrr dhut bhith bochd ann an stòras ’s an codach
Na tòrr bhith nad sporan ’s tu tagairt ri tiomnadh.
O hò rò rodain.

Sin dh’fhàsadh tu reamhar ’s tu cagnadh na thàrradh tu,
Is fàileadh a’ bhragsaidh bho d’ anail, a mhèirlich;
Bhiodh òirleach do shaill na do dhruim agus clais ann,
Cho dùint’ ann am bloinig ris a’ Ghaisean à Tàbost;
O hò rò rodain.

Mura còrd bail’ an t-siabainn riut ’s ciatach dhut fhàgail
’S chomhairlichinn riag a thoirt sìos an Cnoc Àrd dhut;
’S mura stad thu sa Phort na bi crost’ ann an Lìonal,
Tha ’m Poileas cho geur ort is dèan às a Thàbost.
O hò rò rodain.

’S ma bha na do bheachd tè thoirt dhachaigh ri pòsadh,
Tha pailteas an Adabroc ’s deallan an Eòropaidh;
’S mas e tè leòmach as còir dhut a mealladh,
Tha Sgiogarstaidh pailt annt’ ’s gabh tarsainn a’ mhòine.
O hò rò rodain.