Bàthadh Dhail

Òran le: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Chràisgean, Bàrd Bharabhais)
 
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Ceitlin L.R. Nic a’ Ghobhainn
 
Chuala mi an sgeulachd seo an toiseach bho m’ athair. Tha mi càirdeach dha aon dhe na daoine san òran, agus thug sin orm ionnsachadh. B’ ann bho Iseabail T NicDhòmhnaill a dh’ionnsaich mi an dreachd seo dhen òran.
 


 

’S ann Diluain a sheòl sibh le bàta bòidheach ùr,
Bha h-uile nì an òrdugh, bha na ròpan às na siùil,
’S cha b’ e dìth luchd-eòlais nach d’ fhuair sibh ’n còrr a dh’ùin’
Ach freastal Dhè ga òrdachadh ’s cha till sibh beò an taobh-s’.

’S mise chaill an caraid, Iain Alasdair, is càch:
Iain mac Aonghais ’ic Ailein ’s Aonghas Chaluim, fear a’ bhàt’,
Iain mac Dhòmhnaill ’ic Dhòmhnaill a bha chòmhnaidh anns an Àird,
’S Aonghas ’An ’ic Aonghais bu ro ionmhainn leam a phàirt.

Dòmhnall mac Aonghais ’ic Fhionnlaigh cha do chunnt mi e measg chàich,
Cha b’ e gun d’ rinn mi dìochuimhn’ air, ’s e fhèin a b’ fhiach an t-àit’,
B’ e e fhèin am maraiche gu tarraing air an t-sàl,
’S bha sibh uile treubhach agus fèitheil air an t-sràid.

Nach bu chruaidh an sealladh bhith gur faicinn ri toirt seòl
’S ri cur ur cùrsa dhachaigh oirr’ tro mharannan ’s tro cheò,
Ach tha ’n teachdair ud cho cabhagach gun truas ri anail bheò,
Is rinn e fhèin ur sgaradh anns a’ chuan tha farsaing mòr.

’S tha farsaingeachd dha-rìribh ann, Ò ’s iomadh mìle th’ ann,
’S cha chan e g’ eil e riaraichte ged lìonte e gu cheann,
Ach an Tì tha riaghladh gach cnoc is sliabh is gleann
Chan fhàg E aon air dhìochuimhn’ ann gun iarraidh aig an àm.

Nach gabh sibh truas ri dìlleachdain mar chaoraich anns a’ ghleann,
Mòran chlann gun athraichean is màthraichean nan ceann,
Nam biodh an athair sàbhailte ged bhiodh an càirdean gann
Ach ’s e dleastanas nan nàbaidhean an àite chumail ann.