Fail Ò Rò Bhon Dh’Fhàg Sinn

Òran le: gun urra
 
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Isabelle Bain
 

Fhuair mi facail an òrain seo bho Ailig Greumach (Am Prem) à Griais. B’ e esan mac Mhurchaidh Ghreumaich. Rugadh esan air an 9mh latha den Ghearran ann an 1930 agus bhàsaich e anns a’ Mhàrt ann an 2008. Thug e dhomh na facail nuair a bha mi ochd no naoi bliadhna a dh’aois. Bha e air a thighinn a dh’èisteachd rium a’ seinn òran athar, “Air a’ Cheathramh Latha de dh’August”, aig a’ Mhòd. An dèidh sin dh’iarr e orm a thighinn a shealltainn air, air sgàth’ s gun robh òran aige a bha e a’ smaoineachadh a bhiodh freagarrach dhomh. Thug e na facail dhomh ach cha do sheinn mi an t-òran chun an seo. Chan eil fhios agam cò a rinn an t-òran agus gu mì-fhortanach chan eil Ailig Greumach beò
an-diugh gus innse dhuinn.

 


 

Fail ò rò bhon dh’fhàg sinn
Ar dùthaich ’s ar càirdean,
Gillean òga ar dùthaich
Cur siùil ri cruinn àrda,
Fail ò rò mar dh’fhàg sinn.

Am Barque a sheòl à Cluaidh leinn,
Bu bhòidheach air sàl i,
Bha fichead seòl ’s a trì
Air an rìbhinn a b’ àille,
Fail ò rò mar dh’fhàg sinn.

Mach mun eilean ruadh
Cur suas na siùil àrda,
Nuair a dhiùlt i thighinn mun cuairt dhuinn
Chaidh an Suaineach bh’ innt’ a bhàthadh
Fail ò rò mar dh’fhàg sinn.

Suaineach a bh’ air a cliathaich
’S e dìreadh suas an fhàradh,
Nuair thug i liost gu fuaradh
Sa chuan rinn i fhàgail,
Fail ò rò mar dh’fhàg sinn.

Gur mise ghabh an t-uabhas
Nuair chuala mi an cànan;
’S e thuirt am meat sa Bheurla
“Siud fhèin an t-àite is fheàrr dha”,
Fail ò rò mar dh’fhàg sinn.

Meat a bh’ air a quarter-deic
’S e ag èigheachd rium an àirde,
Dè an t-iongnadh ged a liathainn
Nan dèanadh siabainn sàil e?
Fail ò rò mar dh’fhàg sinn.

Nuair a thàinig uair mo chuibhle
’S a dhìrich mi an àirde;
Mòr gum b’ fheàrr a bhith an uair sin
Air cluasag mo mhàthar,
Fail ò rò mar dh’fhàg sinn.

Tha an turas a-nise crìochnaichte,
Gach ròp is sìon nan àite;
An acair air a gualainn
’S Grianaig air a starboard
Fail ò rò mar dh’fhàg sinn.