Ho Rò Tha Mi Sunndach

Òran le: Calum Boidhd (Cal Curstag Chaluim Bhoidhd às an Leideig, Barraigh)
 
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Iain Seumas Mac a’ Bhreatannaich
 
Sgrìobhte le Calum Boidhd, ‘Cal Curstag Chaluim Bhoidhd,’ às an Leideig, air iomall Bhàgh a’ Chaisteil. Bhiodh na Suainich a’ toirt leotha geòla neo dhà air bòrd nan soitheachan aca ‘s iad a’ dèanamh air Barraigh airson an reic, agus cheannaich Calum tè dhiubh ‘s e ag innse dhuinn cho toilichte ‘s a bha e leatha. B’ i Mairead NicNèill à Eòlaigearraidh a dh’ionnsaich an t-òran seo dhomh.
 


 

Sèist:
Ho rò tha mi sunndach ‘s mi togail mo chuid shiùil rithe,
Bàta beag mo rùin ‘s i bha bòidheach;
Bàta beag bha uasak a fhuair mi aig na Suainich,
‘S gum bithinn gabhail cuairt leath’ an-còmhnaidh.

’S ann am Port na h-Àirde a chunnaic mis’ am bàta,
Bha dà dheagh ràmh agus seòl oirr’;
’S bha mi fhèin a’ smaointinn nan gabhadh ise faotainn
Gum fanainn fad na h-oidhche ga seòladh.

Sèist

Feasgar Diciadain dh’fhalbh mi ga h-iarraidh,
Bha àrag on iar agus ceò ann;
’S mise bha pròiseil air bòrd na bàta Dùitsich,
A’ càradh mo chuid shiùil ris a’ gheòla.

Sèist

Chaidh mi lath’ a dh’iasgach, gu dearbh bha i fiadhaich,
Ghabh mi seachad sìos air Maol Dòmhnaich;
Iasg a bha brèagha ga fhaighinn mar bu mhiann leinn,
Ga lìonadh gu beul le gach seòrsa.

Sèist

Nuair dh’ fhàsas mi sgìth dhith bheiridh mi air tìr i,
Glanaidh mi is sgrìobaidh mi gheòla
Peantaidh mise liath i air chor ’s gum bi i brèagha
’S ma gheibh mi oirre sia bidh mi còrdadh.

Sèist