Mo Chùlaibh

Òran le: Eòin MacDhùghaill

Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Iain Seumas Mac a’ Bhreatannaich

Sgrìobhte le Eòin MacDhùghaill, ‘Eòin a’ Mhuilleir’, a bha greis a’ fuireach air Eilean Theiliseigh, an ear-thuath air Barraigh, an dèidh dhan teaghlach aige a bhith air am fuadach às na taighean aca agus far an fhearainn thorraich a bh’ aca air taobh an iar Bharraigh.


 

Mo chùlaibh, mo chùlaibh, mo chùlaibh ris a’ bhaile seo,
Is m’ aghaidh air an àite far an d’ àraicheadh mar leanabh mi,
Mo chùlaibh, mo chùlaibh.

’S mairg a bheireadh cùl ris an dùthaich a bha beannaichte,
Far faighte iasg is maorach is eunlaith taobh nan cladaichean,
Mo chùlaibh, mo chùlaibh

Far faighte iasg is maorach, is eunlaith taobh nan cladaichean,
Chan ionann ’s mar tha ’n t-àite, nach fhaighear tràth gun cheannach ann,
Mo chùlaibh, mo chùlaibh

Fhuair mi dràm om chàirdean nuair thàinig iad don bhaile seo,
Chan fhanadh iad san àite, ’s ann thug iad sàile glan orra,
Mo chùlaibh, mo chùlaibh.

Fhuair sinn fearann ùr ann, ’s e ’n Crùn a rinn a cheannach dhuinn,
Grìnn is Cliaid is Bhàslainn, tha chuid as fhèarr de Bharraigh ann.

Mo chùlaibh, mo chùlaibh, mo chùlaibh ris a’ bhaile seo,
Is m’ aghaidh air an àite far an d’ àraicheadh mar leanabh mi,
Mo chùlaibh, mo chùlaibh.