Mo Nighean Dubh is Bòidheach Dubh

Òran le:  gun urra

Air a rannsachadh is air a ghabhail le:  Morvyn Mheinnearach
Gheibhear an dreachd seo den òran as an leabhar ‘Tales from Highland Perthshire’ air an cruinneachadh leis a’ Bhaintighearna Evelyn Stiùbhart Mhoireach (1868-1940) à Blàr Athall agus deasaichte le Sylvia Robasdan ’s Tony Dilworth. Chleachd mi am port a th’ aig Caiptean Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain, ‘An Eòsag’, ’s e ga sheinn air clàradh a tha ri fhaotainn tro Thobar an Dualchais (àireamh 93692).


 

Sèist:
Mo nighean dubh is bòidheach dubh,
Mo nighean dubh na trèig mi,
Ged theireadh càch gu bheil thu dubh,
Cho geal ’s tha an gruth leam fhèin thu,
Mo nighean dubh is bòidheach dubh.

Moch latha-coinnle dhomh sa mhadainn,
Airtneulach ’s mi ag èirigh,
Gum facas òigh an taice rium,
’S a gnùis mar sneachd air gheugan.

Sèist

Do shùilean mar na dearcagan,
Do ghruaidh mar lasair chèire,
Cùl do chinn air dhath an fhithich,
Rùn mo chridhe fhèin thu.

Sèist

’S do chom meanbh-gheal mar thonn
Air bhàrr gainmhich ag èirigh,
Mar bhradan tarra-gheal, iasg na fairge,
Bha do dhealbh is d’ aogasg.

Sèist

’S thig stocainn gheal is guisead dhearg
Air do chalpa glè gheal;
Brògan barrach nam bucaill airgid –
’S òighe mar dhealan na grèin’ thu.

Sèist

Do chùl dualach trom neo-luideach
An càradh sguaib air m’ euchdag:
’S ge bòidheach mu do ghualainn e
Cha mhist’ an cuailean brèide.

Sèist

Thig pasg’ òmair air d’ uchd bòidheach,
Ann an òrdagh glè mhath:
’S e gaol do phòige rinn mo leònadh,
Dh’fhàg mi beò gun spèirid.

Sèist

Thig staoidh anns an fhasan dhut
Cho math ’s thig à Dùn Èideann
Mud mheadhan caol ga theannachadh
Sa chamhanaich ’s tu ’g èirigh.

Sèist

’S gar nach dèan mi fìdhlearachd
Nì mise sgrìobh’ ’s leugh’,
Air nàile dhèanainn searmad dhut
Nach talaicheadh neach fon ghrèin air.

Sèist