Moladh Eubhal

Òran le: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh Chorùna)

Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Robbie Greig

B’ ann bho Neillidh Fearghasdan à Càirinis ann an Uibhist a Tuath a fhuair mi an t-òran seo aig tachartas ann an Loch nam Madadh a bha a’ cuimhneachadh air a’ Chiad Chogadh. B’ e Dòmhnall Ruadh Chorùna à Cladach a’ Bhaile Shear a rinn an t-òran. Bha Dòmhnall Ruadh na shaighdear anns a’ Chogadh Mhòr. Mar as trice, bidh daoine a’ smaoineachadh air mar bhàrd cogaidh, ach tha an t-òran seo a’ taisbeanadh nan sgilean air leth a bh’ aige air bàrdachd nàdair cuideachd.


 

O fhad ’s bhios muir a’ bualadh riut
Is fhad ’s bhios stuagh ag èirigh,
Fhad ’s bhios onfhadh trom sa chuan,
Bidh m’ aigne buan an Eubhal.

Bidh thusa, bheinn mo ghaoil fo d’ chleòc,
Sa mhadainn cheòthair Chèitein,
Is Biùrabhal is Lì bho thuath
Ag amharc bhuap’ a chèile.

Chan iarradh tus’ a’ ghrian gu h-àrd
A dheàlradh air do shlèibhtean,
Ach sgòth ’s i dubh le bròn mu d’ chuairt
’S tu smaointinn air na thrèig thu.

Bhiodh gach duilleag ghorm tha fàs
Le ceann gu làr gun èirigh
’S an smeòrach dhonn a tha nad ghleann
Gun sguir i rann a ghleusadh.

Air do leacaich mhorghaich bhàin,
Air feadh do bhàghan rèidhe,
Bu tric a chùm mi breac an sàs
Le dubhan bàis na bheul-san.

Ach ’ille tha nad leanabh òg,
Nuair chluinn’ thu m’ òran èist ris,
Feuch nuair a thèid thu dhan ghleann
Gun gabh thu ann leat fhèin e.

An uair a dh’ fhàsas tu nad laoch
Le neart is aois a rèir siud,
Chì thu saothair mo chuid làmh
Air feadh gach bàgh is ceum dheth.

Chì thu ann na càrnain iasg
Mar ghnìomh mi ann ri chèil’ iad,
’S na sligean maoraich ann nan ceud
Mar thug mo mheur orr’ gèilleadh.

Ged bhios tusa làidir òg
Gun ghruaim no bròn gad cheusadh,
Le inntinn aotrom mar na h-eòin,
Gun dall an ceò do lèirsinn.

Thèid gach oidhche ’s latha air chùl
’S cha chunntais thu nad dhèidh iad;
Is bidh fear ùr a’ faighinn d’ àit’,
’S bidh bheinn mar dh’ fhàg mi fhèin i.