Òran Kirsteen

Òran le: Peigi Niciomhair (Peigi Aonghais Ruairidh, à Cnoc Chàrlabhaigh, Leòdhas)
 
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Màiri NicIllinnein
 
Sgrìobh Peigi NicÌomhair (Peigi Aonghais Ruairidh) an cumha seo do nighean bheag, Kirsteen NicLeòid, a chaidh às an rathad, còmhla ri h-athair agus a màthair, ann an teine a bha nan dachaigh, air Rathad a’ Phentland, Càrlabhagh, anns an t-Samhain 1988. Anns an òran, tha Peigi a’ dèanamh luaidh air bòidhchead agus pearsa na h-ìghne agus ag innse mar a chuir an tachartas neul air an sgìre gu lèir.
 


 

Chan eil fileantachd nam bhriathran
A chuireas sgeul na h-oidhch’ an dàn,
Na dhealbhas meud na tubaist chianail
A dh’fhàg an fhàrdach ud cho bàn.

Mar an t-eucorach ri faire
’S a dh’ fhàsas breun fo sgàil na h-oidhch’,
Thàir am bàs a-steach don dachaigh
’S dh’fhàg e sinne ’s càch ri caoidh.

Ghlac e thu an grèim cho daingeann
’S ged a rinn luchd-cobhair strì,
Thriall thu uainn air sgiath na h-oidhche
Is chrìochnaich thu do chuairt an tìm.

Bha e dhuinn mar bhruaillean cadail
Is dhiùlt sin creideas a thoirt dha;
Ach bha na sparran dàtht’ ga aithris,
Toirt fianais thiamhaidh dhuinn mar bha.

An sùil na h-inntinn chì sinn d’ ìomhaigh
Is fiamh na gàir’ ort mar bu nòs,
Is cha tig preasadh aois nad ghruaidhean
No gaisean liath nad chuailean òir.

Bha thu mar na seudan luachmhor
A lasas suas na thèid nan còir,
Mar a thogas snàithlean sgiamhach
Dathan riabhach a’ chlò mhòir.

Bha thu ciatach, còir nad nàdar,
Bha thu bòidheach na do shnuadh;
Ach mar is maisich’ flùr a’ ghàrraidh
’S ann as tràithe thèid a bhuain.

Ach ged a bha do rèis cho goirid,
Mar sgeul ro aithghearr air a luaidh,
Bidh cuimhne bhlàth againn gu bràth ort
Nach dèan cràdh do bhàis thoirt bhuainn.

Làimh ri d’ phàrantan chaidh d’ fhàgail
An leabaidh shàmhach ’n cois na tràgh’d;
’S bidh crònan mara nis gad thàladh
An cadal uaigneach, buan a’ bhàis.