An t-Iorram Niseach

Òran le: Ailean ‘Mòr’ MacIlleMhoire

Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Ceitlin L.R. Nic a’ Ghobhainn

Fhuair mi an t-òran seo bho Mhàiri Nic a’ Ghobhainn nuair a bha mi ag ullachadh airson an tràchdais agam. Rinn mi an àird m’ inntinn gu robh mi ag iarraidh ionnsachadh agus sheinn mi e airson an deuchainn mu dheireadh agam san oilthigh le fonn a thug Iseabail T NicDhòmhnaill dhomh.


 

Iomair thusa, Choinnich chridhe
Nèill a mhic ’s na hò rò
Gaol nam ban òg ’s gràdh nan nighean
Nèill a mhic ’s na hò rò
Hè rò, hò rò.

Tha eagal mòr air mo chridhe
Sèist
Gur e birlinn Nèill tha tighinn
Sèist

Iomraidh mise fear mar dhithis
Sèist
’S nam b’ èiginn e fear mar thrithear
Sèist

Ach ’s truagh nach robh mi fhìn ’s Niall Odhar
Sèist
’N lagan beag os cionn Dhùn Othail
Sèist

Biodag am làimh ’s Niall bhith fodham
Sèist
Dhearbhainn fhìn gun deigheadh i domhainn
Sèist

’S gum biodh fuil a chlèibh mu ghobhal
Sèist
’S gun dèantadh feòil ’s gun dèantadh sitheann
Sèist

’S gum biodh biadh fo ghob an fhithich
Sèist
Cha d’ rinn mi fhathast beud no pudhar
Sèist

Mur do leag mi fiadh bho bhruthach
Sèist
No biast mhaol an caolas cumhang
Sèist

No dubh-sgarbh an cois na tuinne
Sèist
Chì mi nise tighinn air fàire
Sèist

Gob an Rubha ’s iodhlann na h-Àirde
Sèist
Far ’n do mhilleadh mo chuid chàirdean
Sèist