Òran le: Mairead NicNèill
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Iain Seumas Mac a’ Bhreatannaich
Sgrìobhte le Mairead NicNèill, ‘Mairead Fhorbais’, à Eòlaigearraidh, aig fìor cheann a tuath Bharraigh. Bha Mairead bliadhnachan mòra na tidsear anns na bun-sgoiltean ann am Barraigh agus anns an òran seo tha i a’ bruidhinn air na h-atharraichean a th’ air tighinn air cleachdadh na Gàidhlig tro na linntean.
Cà’ bheil a’ chagailt bha aoigheil is blàth,
Càite bheil m’ athair ’s mo mhàthair?
Cà’ bheil na lorgan a lean mi san tràigh,
Cà’ bheil an dachaigh a dh’fhàg mi?
Sèist:
Tìm cha dèan fuireach ri duin’ air an t-saoghal,
’S faoin a bhith sireadh na bh’ ann.
Tionndaidhidh cuibheall an fhortain co-dhiù,
’S falbhaidh gach nì mar an driùchd.
An làrach nan tobhtaichean, taighean air fàs,
Daoine nach aithnich mi tàmh ann.
Chan fhaic mi cruach-mhòna air starsaich an-dràst’,
Tha ’n dealan toirt solas is blàths dhuinn.
Sèist:
Chan fhaic mi bean-òg muigh a’ bleoghan na bà,
Cha bhi iad ri snìomh neo ri càrdadh.
A’ chlann tha ri spòrs far an robh mi nam phàist’,
Cha chluinn mi ach aon fhacal Gàidhlig.
Sèist
Dòighean na Galldachd air tighinn don àit’,
’S math gu bheil cùisean nas fhèarr ann,
Cothrom is foghlam bhios còmhnard gu leòr,
Ach ’s truagh gun do thrèig iad an cànain.
Tìm cha dèan fuireach ri duin’ air an t-saoghal,
’S faoin a bhith sireadh na bh’ ann.
Tionndaidhidh cuibheall an fhortain co-dhiù,
’S falbhaidh gach nì mar an driùchd;
’S falbhaidh gach nì mar an driùchd.