Le Dòmhnall MacIlleathain
Seachdain 39 – 12.10.2020
Air a ghabhail le Tormod MacArtair
Air feasgar na Sàbaid thàinig bàta don bhaile
A’ tighinn a-steach don bhàgh, bha i grànnda na sealladh;
Bha i ìosal mu sàilean, ’s an crann àrd aic’ na bhloighean
’S bha còmhdach a guaillean mar uachdar an talaimh –
Le dìth a’ pheant’.
Bha ceò às a’ bheul àrd aic’, ’s bha i slaodach na coiseachd
Cha robh nì innt’ a’ gluasad ach fear no dhà bh’ anns an toiseach;
Bha ’m bòsun toirt òrdugh “A Dhuadain, dèan cabhaig!
Gabh a’ ròp seo, Mhic Ruagain, ’s ceangail am bàta gu h-aithghearr –
Mas fhaigh sibh sac!”
Thuirt fear caol, àrd, dubh, ann an còmhradh na Gàidhlig,
“’S e àite mòr tha ’n Bhancùbhar, bheil sibh ’n dùil ’eil e sàbhailt?
Oir tha iomadh seòrs’ de dhaoine gabhail còmhnaidh na shràidean;
Cuimhnichibh sibhse cumail dlùth air mo shàil-sa –
Mus tèid ur goid.”
Thainig misneachd agus dòchas, thàinig eòlas nan còmhradh,
“’S mise Murchadh mac Sheonaidh, seo Dòmhnall mo bhràthair;
Seo Murchadh mac Ruagain, ’s Aonghas Mhur’ Chaluim, a nàbaidh;
Seo Tormod mac Uilleim, tha bhràthair athar pòst’ aig Màrlaid –
Mas cuimhne leat.”
“Tha mi toilicht’ ur faicinn, ’s bidh mi duilich ur fàgail.
Thigibh a-null gu mo dhachaidh, ’s i mo bhean Anna Dhànaidh.”
Thuirt Murchadh, ri freagairt, “Tha thu pòst’ aig mo chàirdean,
Sin nighean bràthair mo sheanar, nighean bu shine bh’aig Dànaidh” –
Anns a’ Chnoc.
Thigibh a-nall agus gheibh sibh gach nì th’ anns an fhàrdaich
Bidh ur broinn a’ cur thairis le marag ’s buntàta.
Bidh i toilicht’ ur faicinn ’s gheibh i naidheachd an àite
Far an robh i na nighinn, ’s far na dh’ fhàg i a càirdean –
Cho fad’ à seo.”
Thainig carbad gar n-iarraidh, ’s chaidh a lìonadh gu h-aithghearr
Le òrdugh bhith gluasad ’s a dhol sìos chun na h-aiseig.
Mac Ruagain ag ùrnaigh “Dèan tròcair air m’ anam.
Bha e dhomhs’ na bu shàbhailt’ a bhith siubhal na mara –
Na bhith an seo!”
Ràinig sinn an t-àite a bh’ air faobhar na coille
Fhuair sinn crathadh ar làmhan ’s fiamh a’ ghàir air gach aghaidh.
“’S dè, a ghràidh, mar a tha sibh, ’s cò màthair nan gillean?
Thigibh a-steach don fhàrdaich, ’s e làn dìth ur beatha.” –
Arsa bean an taigh.
Seo “Blac”, seo “Duadan” ’s Aonghas Mhurch’ Chaluim,
Seo “Cutsaidh” mac Ruagain, seo “Coididh”, do charaid
Bha agad na nàbaidh muigh air cliathaich na Beinne
’S gheibh thu naidheachd an àite,’s cha tèid nì ort a chleith –
Le “Duadan” dubh.”
“Thigibh a chàirdean, chan eil am bòrd againn falamh,
Gheibh sibh sgait is buntàta, am biadh a b’fheàrr le ur seanair.
Tha i ùr, ’s ann as fheàrr i, ’s cha chuir i fàileadh bho ’r n-anail
’S tha sibh fada bho na pàistean aig na dh’fhàg sibh ur beannachd –
A-nuas an sgait!”
“Cuir a-nuas am buntàta, tha iad nas fheàrr gun an rùsgadh;
Thoir air falbh bhuainn na spàinnean, nì ar làmhan a’ chùis orr’.
Ged is fasan an àit’ e, ’s mòr as fheàrr leinn ar meòirean
A dh’ ionnsaich sinn òg ’g ithe chudaig is chnòdain –
Aig an taigh.”
Altachadh:
“O mo bhràithrean, bidh sinn a’ dùnadh ar sùilean
Bheir sinn taing dhut, a Dhè, gu bheil am bàta seo a Bhancùbhar
Ach nan dèanadh Tu dhuinn ceartas, bhristeadh Tu sgairt an Induna
Gus nach fhàgadh i ’n t-àit’ seo leibh cho tràth ’s a bha dùil aic’ –
Le gillean gasta”.
Facail bho Clachan Crìche air fhoillseacahdh le Comann Eachdraidh Tholastaidh bho Thuath 2005
An t-ùghdair
B’ ann à Tolastadh bho Thuath ann a Leòdhas a bha Dòmhnall MacIlleathainn, Dòmhnall Dhiogain (1889-1962). Ron a’ Chiad Chogadh chaidh e fhèin agus a bhean, Anna NicLeòid, Anna Dhànaidh, a Chanada agus rinn iad an dàchaidh ann an Bhancùbhar, baile-puirt ann am British Columbia air taobh siar Chanada. Tha e coltach gum biodh Dòmhnall a’ dol a dh’fhaicinn gach bàta a bha tighinn gu port ann an Bhancùbhar airson seòladairean Gàidhealach, gu h-àraid mas ann à Tolastadh bho Thuath a bha iad, fhiathachadh chun an dachaidh aige mar a tha e ag innse ann an Òran an Induna. Rinn Dòmhnall dà òran eile mun Induna agus ann am fear dhiubh tha e ag innse mu thuras a fhuair e fhèin cuireadh gu biadh air bòrd:
Bhuail an clag is chaidh mi steach don toll bha anns an toiseach aic’;
Bha bòrd le biadh gun rèit’, gun rian, ’s praise feòil ri deasachadh;
Chaidh suidhe sìos le spàinn’s le sgian, ’s fear no dhà le forc aca
’S chaidh urram a thoirt dhomhsa am biadh bha saor a bheannachadh.
Bha brochan tiugh de shùgh na muic ’s seòldairean ag obair air
Bha ùillean buidhe air ’s dath na buidhich’ – stamag truisg a sheasadh ris;
Ged fhuair mi cuireadh bhon a’ bhuidheann am biadh a bh’ ann a bheannachadh
Cha robh e rèidh rim reusan – ’s ann a b’fheudar dhomh a mhallachadh!
Feumaidh e bhith gu robh am biadh air an Induna ainmeil oir anns an treas òran “Lof an Induna” tha e ag ràdh:
’S mòr mo thruas ribh’ tha ’g ith na fuar-lit
An-diugh a fhuair mi air bòrd a’ bhàta
Tha crusta cruaidh oirr’ ’s i tionndadh uaine
’S gun toir i luairean air rinn mo chàil-sa.
Tha òrain Dhòmhnaill mun Induna rim faighinn anns an leabhar Sheòl mi ’n uiridh deasaichte le Màiri Nic a’ Ghobhainn, air fhoillseachadh le Clàr ann an 2009.
Bhancùbhar
Bha seòldairean nan eilean air leth dèidheil air Bhancùbhar, baile puirt anns an robh mòran Ghàidheil a bhiodh ro thoilichte am faicinn. Anns an leabhar aige Seanchaidh na Coille (Cape Breton University Press 2015) tha an t-Oll. Mìcheal Newton a’ toirt sealladh dhuinn air na bha de Ghàidheil ann a’ Bhancùbhar ri linn Dhòmhnaill. Tha e ag innse: “Comann Gàidhlig Bhancùbhar (The Vancouver Gaelic Society) was founded in 1908 by twenty members but within a year had several hundred.” Chaidh an uairsin an Vancouver Gaelic Literary Society a stèidheachadh le feadhainn a bha dhen bheachd nach robh a’ chiad Chomann dealasach gu leòr a thaobh na Gàidhlig agus litreachas na Gàidhlig. A rèir coltais bha comann aig na Leòdhasaich dhaibh pèin – “members of Comann Gàidhlig Leòdhais in 1920s Vancouver read Gaelic newspapers aloud between Gaelic songs and dances and wrote and performed their own Gaelic plays”.
Chan eil teagamh nach robh an cianalas air mòran de Ghàidheil Bhancùbhar. Ged a bha deagh chosnadh aig Ailig Dòmhnallach, Ailig Dhòmhnaill Ruaidh mhic Alasdair, à Boraraigh ann an Uibhist a Tuath na mhaor-sìthe ann a’ Bhancùbhair, cha b’ urrainn dha sguir a’ smaoineachadh air Uibhist:
Ged tha Bhancùbhair na àite bòidheach
Le bùithtean àrda ’s le sràidean còmhnard,
Ged mholas càch e mar àite-còmhnaidh,
’S e ’n tìr a dh’fhàg mi tha dhomhsa bòidheach.
A dh’aindeoin ’s gu robh Iain Nocs MacCoinnich às an Rubha a Leòdhas air a bhith ann an Canada fad dà fhichead bliadhna ’s a còig chuir e Dùil ri tilleadh a Leòdhas dhachaidh à Bhancùbhar, is e a’ cuimhneachadh chan ann a-mhain air seallaidhean a’ bhaile anns na dh’fhàs e suas, ach air fuaimean cuideachd:
Èist ri torman binn nan allt air feasgar fann sa Mhàigh
Le fuaim is faram ruith nan deann sa ghleann a dh’ ionnsaigh tràigh
’S ri smèorach ghlas air bhàrr nan geug, ri seinn le teudan tlàth
’S gach eun air sgèith ri seinn le eud, le caithream binn don àl.
Èist ri fuaim nan tonn a tha air tràigh ri bualadh trom
’S mu charraigean nan steallaibh bàn, le cop air bhàrr gach tonn,
Is smùid na mara mar an drìuchd ri ’g èirigh suas gu h-àrd,
Chì thu sin gu tric san tìr san robh mi fhìn nam phàist’.

Tuilleadh fiosrachaidh