Òran do Eilean Mhiughalaigh

le Niall Mac a’ Phì

Seachdain 30 – 22.7.2020

Air a ghabhail le Lisa MacFhionghuin

Bidh m’ aigne fhèin a’ gabhail reug
Air siubhal sgèith mo smaointinnean,
Ag aiseag spèis o ghrunnd mo chlèibh
Gu sgeireig èidich aonaraich.
Far an tug mo mhàthair ghràidh
A dh’àireamh chlann nan daoine mi,
’S far an iarrainn fois a’ bhàis
Nam biodh e ’n dàn dhomh fhaotainn ann.

Chunnaic mise an cabhlach èisg
A’ falbh ’s am brèidean sgaoilt’ orra,
A’ tolladh slige ghoirm nan speur
Cha bhreug tha sin ged shaoilear e.
Cha robh san àm mo fhradharc fann
’S cha sealladh meallta dhraoidheachd e,
Ach rud a bh’ ann ’s a bhios ann
Is chì a’ chlann dhiubh daonnan e.

’S tric a dh’èist mi gàir’ nan tonn
Ri cladach lom nan caolasan,
Is m’ aigne fhèin cho rèidh ri phong
’S mo chridhe trom a’ smaointinn air.
A liuthad car a chaidh don t-sruth
On chruthaicheadh an saoghal seo,
Air ais ’s air aghaidh gus an-diugh
’S fuaim a’ ghuth gun chaochladh air.

’S tric air feasgar Cèitein ciùin
’S gun leam ach speil de dh’fhaoileagan,
A shuidh mi greis gun mòran suim
Air binneag Druim na h-Aoineige.
An àm don ghrèin bhith dol sa chuan
Bu mhaiseach snuadh a h-aodainn leam,
’S ged a rinn i mìle cuairt
Cha tàinig tuar na h-aois oirre.

Leam bu mhiann bhith ’g amharc uam
Air madainn fhuaraidh fhaoilleachail,
A’ gabhail beachd air neart nan stuagh
Bu ghreannach gruamach caoir-ghealach.
A’ cur nan car dhiubh tè ma seach
Len cìrein geal nan laomanan,
A’ nighe cas nan creagan glas
’S a’ froiseadh às a’ mhaoraiche.

Bhiodh druim a’ chuain bu cholgach stuagh
Gu sgolbach duaichnidh braois-thonnach,
A’ stròlachadh suas on aigeil chruaidh
Gu colbhach, cruachach, craobh-steallach.
Gu molach, borb, dubh-ghlas is gorm
Gu bronnach, bolgach, craos-ghealach,
Le luasgadh dian nam mìltean sian
O linntean cian an t-saoghail seo.

An siud bidh dùbhlan borb na h-iarmailt
Gun chuibhreach srian no taod oirre
Ag iomairt neart ’s a’marcachd sian
Air sgiathan fuar nan gaothanan.
An dealan lùb-chlis chritheach geur
A’ lasadh speur nan craoslaichean
’S an tàirneanaich a’ tighinn na dhèidh
Toirt Mòrachd Dhè gum smaointeanan.

Den teaghlach ghreadhnach shuidh gach oidhch’
Mun chagailt chruinn, bha naoinear ann,
Chan eil an-diugh air lom an tuinn
Ach mise caoidh nam aonaran.
Tha ’n tràthach gorm mun teintein fhuar
Gun beò mun cuairt ach caoraich air,
Is luchd mo ghràidh nan seòmar suain
Is glasan buan an aoig orra.

Tha chreagan corrach, sgorrach, ciar
Is trusgan liath na h-aois orra,
Ag èirigh suas mar bhalla-dìon
An aghaidh sian nam faoilleachan.
Ged thug gailleann gart is greann
Air bàrr nam meall ’s nam maolaidhean
Tha cluaintean fasgach ’n achlais bheann
Is dreach an t-samhraidh daonnan orr’.

San iuchar shamhraidh bhiodh am bàrr
Le cinneas fàs air raonaidhean,
Na bhanndail uaine dualach, àrd
Le cuisle làn gu laomadh air.
Bhiodh eòrn’ is coirce nan curachd thràth
Gu diasach, grànach, craobhagach,
Is duilleach gorm air a’ bhuntàt’
Is a flùr bhàn air sgaoileadh air.

An t-àite

Tha Miughalaigh am measg nan còig prìomh eileanan a tha deas air Barraigh – Bhatarsaigh, Sanndraigh, Pabaigh, Miughalaigh agus Beàrnaraigh.  Tha e mu dhusan mìle deas air Bàgh a’ Chaisteil agus chan eil ach Beàrnaraigh nas fhaide deas na e.  Bha Am Baile, anns an robh a’ mhòrchuid de shluagh an eilein a’ fuireach, suidhichte timcheall air bàgh brèagha air taobh sear an eilein. Air taobh siar agus taobh tuath an eilein tha creagan àrda, le Biolacreig, air taobh a deas Bàgh na h-Aoineig, a’ ruighinn àirde 229 meatair.  Tha stacan-mara àrda mar Àrnamul, Lianamul agus Gunamul faisg air cladach taobh siar an eilein.

B’ ann le Clann Nèill Bharraigh a bha Miughalaigh eadar an còigeamh agus an naoidheamh linn deug. Eadar toiseach an fhicheadamh linn agus a’ bhliadhna 2000, nuair a ghabh Urras Nàiseanta na h-Alba sealbh air an eilean, bha e aig diofar dhaoine – Ionatan MacIlleathainn à Barraigh, Iain Russell a bha na thuathanach chaorach ann an Astràilia agus an Ameireagaidh, Peigi Greer a bha na bana-thuathanach ann an Essex agus Barra Head Isles Sheepstock Company.

Coltach ri muinntir Hiort bha iomadh adhbhar aig muinntir Mhiughalaigh an t-eilean fhàgail. Bha e air a ghearradh dheth uaireannan fad sheachdainnean sa gheamhradh chionns nach robh caladh fasgach ann. Bha an dòigh-beatha, a bha gu ìre mhòr stèidhichte air iasgach agus eòin-mhara, cruaidh agus aig amannan cunnartach. Cha robh e furasta do shagart no do dhotair faighinn ann aig àm èiginn.

Anns an Iuchair 1906 bha trì teaglaichean à Miughalaigh còmhla ri na coitearan Barrach a dh’fheuch ri fearann a ghabhail thairis ann a Bhatarsaigh. Chaidh an toirt gu cùirt leis an uachdaran, Lady Gordon Cathcart, agus, ged a thubhairt am britheamh nach robh an oighreachd air a dleastanas a choileanadh mar bu chòir, chaidh binn dà mhìos sa phrìosan a thoirt dha na “raiders”. Ann an 1908 dh’fheuch ochdnar eile à Miughalaigh ris an aon rud a dhèanamh. An ath-bhliadhna a-rithist chaidh sia teaghlaichean eile à Miughalaigh gu mì-laghail a dh’fhuireach air Sanndraigh.

Thairis air ùine thàinig seo gu aire an Riaghaltais agus ann an 1909 cheannaich an Congested Districts Board Bhatarsaigh airson £6,250 agus chaidh a roinn na leth-cheud croit agus a h-ochd. B’ e teaghlaichean à Barraigh agus à Miughalaigh a fhuair na croitean. 

Bha miann aig na sia teaghlaichean a bha a-nis air Miughalaigh an t-eilean fhàgail, agus dh’fhalbh na daoine mu dheireadh às ann an 1912. On uairsin chan eil air a bhith air an eilean ach caoraich agus eòin.

Tha Miughalaigh cudromach mar àite-tèarmainn airson eòin-mhara, nam measg coltraichean, eun-dubh a’ sgadain, ruideagan, sgairbh, eòin chrom, buthaidean, annlagan-fairge agus steàrnagan.  Ann an 1983 chaidh Miughalaigh agus Beàrnaraigh ainmeacahdh mar Ionad de Shuim Shònraichte Sghaidheansail.  

Rugadh athair Lisa Storey ann am Miughalaigh agus anns an leabhar aice Muinntir Mhiughalaigh (Clàr 2007) tha i ag innse cho cudromach agus a bha na h-eòin-mhara ann am beatha muinntir an eilein.

“Aig amannan sònraichte dhen bhliadhna bhiodh na creagan ’s na stacan beò le eòin-mhara, no peataichean mar a chanadh na Miughalaich riutha. Bha langaidhean, duibheunaich, sgairbh agus peataichean-ruadha gu h-àraid ann. Bha iad nam biadh dha na daoine agus bha dòighean innleachdach aca air an glacadh.”

Airson dealbh air dòigh-beatha nan daoine a bha a’ fuireach air Miughalaigh ’s math as fhiach an leabhar seo a leughadh.

An t-ùghdair

Sgrìobh Niall Mac a’ Phì, Niall Chaluim Dhòmhnaill (1874-1929), an t-òran seo bliadhnaichean an dèidh dha na daoine Miughalaigh fhàgail. Bhuineadh e do theaghlach a bha aithnichte airson an sgoilearachd agus b’ e Niall a’ sgrìobh litrichean gu luchd-poilitigs is eile às leth “raiders” Bhatarasaigh, nuair a ghabh iad sealbh air fearann san eilean ann an 1908-9. Bha a dhachaigh fhèin ann a Bhatarsaigh bho 1908.

Sgrìobh Ben Buxton, ùghdair an leabhair, Mingulay, an island and its people (Birlinn, Dùn Èideann, 1995) gur e “a man of remarkable ability” a bha ann an Niall.  

Tuilleadh fiosrachaidh

National Trust for Scotland

Visit Scotland