Òran Ghleann Bhargaill

Òran le Teàrlach MacMhathain (‘Teàrlach a’ Phost’)

Air a rannsachadh ‘s air a ghabhail le Ruairidh MacCarmaig

Fhir a thèid don mhonadh
Thoir mo shoraidh do Ghleann Bhargaill
Oir b’ eòlach mun a’ bhaile mi –
Bu mhath leam iad bhith sealbhach;
On fhuair mi sgeul thug misneachd dhomh,
’S cha mhiste leam an seanchas,
’S e gu robh Lachlann Friseal ann –
Bha meas aig’ air an t-searbhant.

Och, ma chuir thu ùidh innte,
Tha ionntas aig an t-sealbh dhi –
’S iomadh maighdeann eireachdail
A leumadh air a’ bhargan;
Gum b’ aithne dhomh tè loinneil dhiubh
’S bu thoigh leatha bhith falbh leat,
’S gur tric a rinn sibh coinneamh
Ann an Coillesiadar anmoch.

Cuir fios air feadh gach baile
Gu gach caileag agus balachan
Gach bodach agus cailleach ann,
Gach sgalag agus searbhant’,
Gach iasgair agus maraiche,
Gach ceannaich’ agus sealgair,
’S bheir mise dhuibh mo ghealladh
Gum bi banais a bhios garbh ann.

Bidh cuirm ann bhios sòlasach,
Bidh pìos de dh’fheòil an tairbh ann;
Bidh sitheann dhe gach seòrsa ann,
Bidh ròcaisean, bidh sgairbh ann;
Bidh bonnach air an dòrn ann
A dh’aran-eòrna ’s beirm ann,
’S chan iongnadh leam na còcairean
An-còmhnaidh leam na coirbte.

Thig na Hearaich còmhla ann
Ma dheònaicheas tu cuirm dhaibh;
Bidh mòran aig a’ phòsadh –
Tha mi ’n dòchas nach bi stoirm ann;
’S ma bhios an t-sìde bagarrach
’S nach bi an t-aiseag soirbh dhaibh,
Thig long-adhair cinnteach
Leis a’ phìobair às an Tairbeart.

Tha balach anns an Òlach
Bhios an-còmhnaidh dèanamh rann;
Cha toireadh cuireadh idir dha
Chan e fios no àm;
Ach nis cha ghabh e diùltadh
On a tha ùidh aig anns an danns’
Bidh cliabh air a chùlaibh
Gu bhith giùlan bean na bainns’.

An t-òran

’S e fìor dheagh òran cèilidh a tha seo. Lorg mi an t-òran bhon obair aig a’ bhàrd baile, Teàrlach a’ Phost, às a’ Bhràighe san Eilean Sgitheanach. Tron an òran, tha sinn a’ faighinn sealladh èibhinn air banais. Tha Teàrlach a’ Phost a’ magadh air muinntir na Hearadh, a tha a’ dol a thìghinn chun na bainnse, gus pàrtaidh mòr a thòiseachadh.

Tha e a’ togail dhraghan anns an òran gum bi cus dhaoine aig a’ bhanais agus gun tèid cùisean bun-os-cionn. Cuideachd, tha Teàrlach a’ Phost a’ bruidhinn mu fhear às an Òlach. Chan eil an duine seo a togail ùidhe mòran dhaoine anns a’ choimhearsnachd. Ach leis gu bheil e math air dannsa agus banais gu bhith romhainn, tha iad toirt cuireadh dha agus ’s e tha a’ còrdadh ris.

Ruairidh MacCarmaig, 2019

Aithneachadh

Air a chlàradh aig The Green Door Studio, Glaschu
Air fhiolmadh aig Taigh-cluiche Cùirt an Easbaig, Inbhir Nis
Air fhiolmadh le Mike Webster, Spiral Out Pictures
Maise-gnùis Sam Whitby