Òran na h-Earbaig

Gun Urra

Seachdain 20 – 13.05.2020

Air a ghabhail le Gwen NicGuaire

Mo thruaighe lèir thu, ’ille bhuidhe
’S ann an-diugh tha ’n dèigh ort,
Mo thruaighe lèir thu, ’ille bhuidhe.

Chuir sinn croinn sa bhàta
Dà là mun d’ fhàg sinn Èirinn.

Chuir sinn na croinn ùr innte,
’S gun d’ fhuair sinn smùid na dhèidh sin.

’S thog sinn a cuid acraichean
Am Beul Feirst’ an Èirinn.

’S thug sinn an Cuan Siar dhith
Mun d’ rinn a’ ghrian ach èirigh.

Cuttaran is gàidsearan,
Gar sàrachadh le chèile.

Fùdar ’s luaidhe Shasannach
Toirt faram air a dèile.

Seachad Maol Chinn-tìre
Bha siaban geal ag èirigh.

Nuair a dh’at an fhairge,
’S i ’n Earbag a bha treubhach.

’S bha i raoir cho dìonach
Ri botal fìon is cèir air.

Seachad Maol na h-Oa,
Gun d’ òl sinn air a chèile.

Dh’òl sinn buaidh don sgiobair
Nach robh idir anns an èisteachd.

Thàin’ iad oirnn cho cabhagach
’S gun d’ fhàg sinn às ar dèidh e.

Dh’òl sinn buaidh don bhàta
Thug sàbhailt’ sinn à Èirinn.

Bha uisge ’s clacha-meallainn ann,
Is canabhas ga reubadh.

Seachad Caisteal Dhubhairt
Bha sruth ’s ar turas rèidh leinn.

’S ràinig sinn Loch Àlainn
Mun d’ rinn ach pàirt dhiubh èirigh.

An t-òran
Chan eil teagamh nach robh uisge-beatha mì-laghail air a dhèanamh ann an iomadh àite air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean aig aon àm. Chante poitean-dubha ris na stailean beaga anns am bite ga dhèanamh. Ged a bha reic an uisge-beatha sin mì-laghail, anns an naoidheamh linn deug bha malairt uisge-beatha bitheanta, mar eisimpleir eadar Earra-Ghàidheal is Èirinn. Tha an t-òran a’ dol air ais gu na h-amannan sin, is ag innse mu sgioba as a’ Mhorbhairne a chaidh a dh’Èirinn a cheannachd uisge-beatha. Mus robh iad deiseil dhen gnothaich chaidh an cur ann an cabhaig le “cuttaran is gèidsearan” air an tòir. Bha a’ chabhaig cho mòr ’s gum b’ fheudar dhaibh teiche gu muir, a’ fàgail sgiobair na h-Earbaig air tìr ann an Èirinn. Tha an t-òran a’ toirt dealbh air an turas air ais a Loch Àlainn.

Uisge-beatha na Poite-duibhe
Bha uisge-beatha na poite-duibhe, uisge-beatha mì-laghail, air a dhèanamh mar bu trice ann an àiteachan falachaidh air a’ mhonadh no anns a’ bheinn – fada air falbh bho dhaoine agus gu h-àraid bho ghèidsearan – uamh ’s dòcha, no gleann aonranach, tric ri taobh allt no faisg air fuaran. Am measg nan seann Ghàidheil cha robh e air a chunntadh na chiont no na pheacadh a bhith a’ dèanamh no bhith a’ reic an uisge-beatha mhì-laghail seo.

Bha pàirtean na poite-duibhe, mar a chante ris an stail bheag anns am bite a’ dèanamh an uisge-bheatha, air an toirt gu cùramach, gun fhios do mhòran, bhon a’ bhaile chun an àite falachaidh agus air an cur ri chèile an sin.

Tha cuid de na h-òrain a tha co-cheangailte ris an obair seo a’ feuchainn ri an cuspair a chleith le bhith a’ toirt diofar ainmean air a’ phoit dhubh. Ann an aon òran ’s e “bean na bainnse” a th’aig a’ bhàrd oirre –

Tha bhean òg ann an cùil,
Fàileadh cùbhraidh bho sròin.
Chan eil gèidsear fon chrùn
Nach bi dlùth air a tòir.

Thig am Belleach (an gèidsear) mun cuairt,
Gheibh e ’m bruaich a’ bhean òg;
Bheir e ’n collar dhi ’s a’ chuairt,
Falbhaidh buannachd an stòip.

Ge mòr agaibhs’ an tea,
B’ ait leam fhìn a bhi ’g òl
Glainne don gharbh-ghucaig mhìn,
Thogadh m’ intinn bho bhròn.

B’ e a’ gharbh-ghucag a’ chiad tarraing, a’ chiad bhoinneagan uisge-beatha a nochdadh anns a’ ghlacadan. Bhathar ag iarraidh gum biodh uisge-beatha air a dhà tharraing co-dhiù agus ann an aon òran thathar a’ moladh “uisge-beatha nam feadan, air a tharraing trì uairean”.

B’ e uisge-beatha baoghal a chante ris an uisge-beatha a b’ fheàrr oir bha e air a tharraing ceithir tursan – agus tha am facal “baoghal” a’ ciallachadh cunnart!

Ann an aon phort-à-beul tha a’ phoit-dhubh air a h-ainmeachadh mar chaora.

Tha bainn’ aig na caoraich uile x3
Is galan aig a’ chaora chrom.

Ùth oirre cho mòr ri gamhainn x3
Is iad cho sleamhain ris an ìm.

A’ chaora chrom air a’ leacainn
Dh’èireadh i gu dìreach tapaidh
Chuireadh i le gaoth a sròin
An gille cròcach air a dhruim.

Tha òran eile ann a bhathar a’ cur an ainm fear air an robh Fionnlagh MacCalmain. ’S e bò mas fhìor a th’ anns a’ phoit-dhubh aig MacCalmain. Tha e ag ràdh –

Fhuair sinn nuas bho Àrd Mhic Shimidh,
Bò mhaol dhubh, ’s i air leth-shine,
’S iomadh fear a thig le sgilig,
Dh’iarraidh dileag de cuid bainne.

Tha e an uairsin ag ràdh –

Siud far an robh a’ bhò bha neònach
Bidh luchd mionaich innte an-còmhnaidh,
’S tric a thug mi fhèin mo leòr dhith,
Sùgh an eòrn’ as fheàrr san talamh.

Bha an t-eagal daonnan air luchd-dèanamh an uisge-bheatha gun tigeadh na gèidsearan is gun sgriosadh iad a’ phoit dhubh –is gum biodh iad fhèin sa chùirt agus ’s dòcha sa phrìosan airson an lagh a bhriseadh. Tha sin a’ tighinn am bàrr ann an òran eile:

Nuair a theann sinn air cur foidhpe,
Bha a’ bhò dhubh agus laogh òg aic’,
’S eagal oirnn gun tig na seòid,
’S gum fàg iad sinn gun bhò ’s gun bhainne.

Ged a bha an t-òran aig Fionnlagh MacCalmain a’ moladh na poite-duibhe, bha Fionnlagh mothachail gum biodh deoch làidir a’ dèanamh cron cuideachd. Anns an rann mu dheireadh tha e ag ràdh:

’S tric a thug i air fear stòlda
A bhith gleadhrach, bruidhneach, òlmhor,
’S tric a thug i air fear gòrach,
A bhith strì ri dhòrn a tharraing.