Òran na Muice-mara

Facail le Dòmhnall MacDhòmhnaill; Fonn le Eilidh NicCoinnich

Seachdain 8 – 19.02.2020

Air a ghabhail le Tormod MacLeòid

Bha fear a mhuinntir Uibhist uair a’ suirghe air nighinn ann an Hiort. Tha e coltach nach robh bàta aige idir agus gur ann air druim muice-mara a chaidh e a Hiort a phòsadh.

Dòmhnall Fhearchair ’s e bha calma,
Dh’fhalbh e air Didòmhnaich
E fhèin ’s a chist air druim na muice
Dol a Hiort a phòsadh

Nuair a ràinig e ’n cladach bha a’ mhuc a’ feitheamh air
Thubhairt a’ mhuc ’s i tighinn am bàrr,
“Tha d’ fharadh pàidht, a Dhòmhnaill,
Ma bheir thu dhomh tè leann an dràsd
’S a dhà de Mhac an Tòisich”.

Thug Dòmhnall siud dhith ’s thòisich e air dèanamh deiseil airson an turais
Fhuair e combaist is cairt-iùil,
’S gun leag e cùrsa dòigheil
’S chuir e sròn ’s an àirde tuath
Is ròpa cruaidh mu sgòrnan

Nuair a chaidh an t-uisge-beatha gu ceann na muice thòisich i ri ùpraid is dh’fheuch Dòmhnall ri stad a chur oirre
“Air do shocair nis, a mhuic,
Le d’ phlubairtich gun dòigh ort,
Cum do bheul gu dùinte teann
Mun tachair meall de ròin ort.”

Cha do chòrd seo ris a’ mhuic ’s thubhairt i:
“Mur a cùm thu dìon do bheul,
Gun crìochnaich mise ’n t-òran,
’S ruigidh tu gu dè do chrìoch
Ma chual’ thu riamh mu Ionas”.

Thubhairt Dòmhnall:
“Gabh mo leisgeul nis, a mhuic,
Cha robh mi ach mar spòrs riut,
’S air son an àigh riut glèidh do chiall,
Mun dèan thu iasg is feòil dhìom.”

Co-dhiù, ràinig iad sàbhailte ’s thug Dòmhnall làmh air a’ bhotal a-rithist
“Slàinte mhòr dhut fhèin, a mhuic,
’S tu thug an fhurtachd dhomh-sa,
Ith do leòr de dh’iasg a’ chuain
’S guma fada buan do sheòrsa.”

Chòrd seo ris a’ mhuc is thubhairt i:
“’S e do bheath’, a Dhòmhnaill chòir,
’S ma phòsas tu ri Seònaid
Gun cinneadh leibh a h-uile là
’S ur bothan àlainn ’s ceò às.

Facail à Sùil ri Cladach deasaichte le Alma Jamieson agus Alexina Ghreumach.  Air fhoillseachadh le Acair 1992. 

An t-àite 

S e còig eileanan agus stacan mara a th’ anns an innis-mhuir ris an canar gu bitheanta Hiort. Tha iad anns a’ Chuan Siar, 41 mìle (66 cilemeatair) an iar air Beinn na Faoghla. ’S e Hiort an t-eilean as motha, ach tha eileanan Bhoirearaigh, Dùn agus Sòaigh faisg air làimh, mar a tha na stacan-mara Leibhinis, Stac an Àrmainn agus Stac Lì, na stacan-mara as àirde ann am Breatainn. 

Tha suas ri millean eun-mara de dh’iomadh seòrsa air na h-eileanan, nam measg an àireamh as motha air an t-saoghal de shùlairean agus an colonaidh as motha san Rìoghachd Aonaichte de bhuthaigirean. Bha muinntir an eilein a’ dèanamh feum mòr dhe na sùlairean, na fulmairean agus na buthaigirean mar bhiadh, airson an itean agus airson ola. Bha iad fhèin a’ cleachdadh cuid dheth agus bha an còrr a’ pàigheadh a’ mhàil dhaibh. Bha iad a’ glacadh nan eun eadar Am Màrt agus An t-Sultain, len làmhan, le slait eunachd no ann an ribeachan. B’ e saoghal cruaidh anns an robh na Hiortaich a’ tighinn beò. 

Ann an 1852, chaidh 36 neach a dh’Astràilia, agus thòisich àireamh an t-sluaigh a’ crìonadh. Ann an 1912 bha biadh gann agus, ann an 1913, thàinig an cnatan mòr air na daoine. Bha buill dhen Chabhlach Rìoghail ann a’ Hiort aig àm a’ chiad chogaidh agus gheibheadh na Hiortaich biadh agus bathar air na bàtaichean a bha a’ falbh ’s a’ tighinn leotha.  Nuair a sguir seo aig deireadh a’ chogaidh, bha na daoine a’ faireachdainn na b’ aonranaiche agus na b’ iomallaiche na bha iad a-riamh. Dh’fhalbh cuid dhe na fireannaich òga agus chaidh eaconamaidh an eilein cha mhòr à bith. Ann an 1930 ’s e dìreach 36 neach a bha air fhàgail agus dh’iarr iad taic airson gluasad gu tìr-mòr Alba.

Ann an 1931 chaidh Hiort a reic ri Iarla Bhòid, aig an robh ùidh mhòr ann an eòin. Dh’fhàg e Hiort aig Urras Nàiseanta na h-Alba ann an 1957.

Ghabh UNESCO ri Hiort mar Làrach Dhualchas na Cruinne ann an 1986 a chionns gu bheil àrainnean nàdarrach cho sònraichte ann. Ann an 2004 chaidh seo a leudachadh gu àrainneachd na mara mun innis-mhuir agus ann an 2005 chaidh comharrachadh a bharrachd a thoirt do chultar muinntir Hiort. Tha e a-nise am measg àireamh bheag de dh’àiteachan san t-saoghal aig a bheil inbhe dhùbailte a thaobh Dualchas na Cruinne.

Tha cùram agus dìon nan eilean an urra ri Urras Nàiseanta na h-Alba, Dualchas Nàdair na h-Alba agus Ministrealachd an Dìon.

An t-òran

‘S e òran èibhinn, làn spòrs is mac-meanmhainn, a tha seo, ann an riochd còmhradh eadar Dòmhnall agus a’ mhuc-mhara a tha ga ghiùlain gu ruige Hiort far a bheil e an dòchas a leannan fhaicinn. Chan eil fios le cinnt cò às a thàinig an t-òran no cò bha ann an Dòmhnall MacDhòmhnaill.

Mucan-mara

Bhiodh fireannaich a’ dol a shealg mhucan-mara sa Chuan Siar a Deas bho thoiseach an fhicheadamh linn. Bha companaidh Nirribheach, Salvesen’s, stèidhichte ann an Lìte agus bhiodh na fireannaich a’ falbh air bàtaichean Salvesen’s gu ruige South Georgia agus ag obair agus a’ fuireach an sin fad bliadhna no bliadhna gu leth gach turas. Ged a bha deagh chosnadh ann, b’ e obair chunnartach, shalach, chruaidh a bh’ ann mar a dh’innis Dòmhnall Iain Mac a’ Mhaoilein à Uibhist a Deas san òran  ‘S truagh nach do dh’fhuirich mi tioram air tìr:

Ruith na muic-mhara ri gailleann sa chuan,
Mo mheòirean air reothadh a dh’aindeoin a bhith cruaidh,
B’ fheàrr a bhith ’n ceartuair air acair air Chluaidh,
Na bhith dìreadh nan crann an South Georgia.

Dìle bhon t-sneachd ’s tu gun fhasgadh on fhuachd,
D’ aodann ga sgailceadh le fras bho gach stuagh,
’N t-airgead am pailteas ’s gun dòigh a chur bhuat,
’S e sìor losgadh toll ann ad phòca.     
                                     

Sguir fireannaich nan eilean a dhol a shealg mu na 1960an is àireamh nam mucan-mara a’ dol sìos agus daoine ag iomairt an aghaidh a chleachdaidh.

Tha làrach stèisean às am biodh daoine a’ sealg mhucan-mara fhathast ri fhaicinn sna Hearadh eadar an rathad mòr agus cladach Loch Bun Abhainn Eadarra. Tha similear breige, aon de thrì a bh’ ann bho thùs, ri fhaicinn, le ùrlaran concrait timcheall air, na tha air fhàgail de na togalaichean eile a bh’ ann.

An-diugh tha daoine air an stiùireadh leis an Hebridean Whale & Dolphin Trust, stèidhichte ann am Muile, gu àiteachan sònraichte timcheall cladaichean Alba far am faod iad, ma tha iad fortanach, mucan-mara fhaicinn.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu Hiort tro na ceanglaichean seo:

Urras Nàiseanta na h-Alba

Visit Outer Hebrides

UNESCO

Tuilleadh fiosrachaidh mu stèisean mhucan-mara na Hearadh

Tuilleadh fiosrachadh mu Shlighe nam Mucan-mara aig Urras Mhuc-mhara nan Eilean