Clach Mhìn Mheallain, Nam biodh agam gioball bodaich, Cìobairean Taobh Loch Odha
Seachdain 33 – 13.8.2020
Air a ghabhail le Ceitlin Lilidh
1. Clach mhìn mheallain san tobar ad thall
Clach mhìn mheallain san tobar ad thall,
Clach mhìn mheallain san tobar ad thall.
Am buachaille bochd fo sgàil nan cnoc
A bhata fo uchd ’s a dhealg na bhrot,
’S e ’g iarraidh air Dia turadh is grian a chur ann.
Clach mhìn mheallain san tobar ad thall,
Clach mhìn mheallain san tobar ad thall.
2. Nam biodh agam gioball bodaich
Nam biodh agam gioball bodaich
Bhogainn as an allt e
Nam biodh agam gioball bodaich
Bhogainn as an allt e
Nam biodh agam gioball bodaich
Bhogainn as an allt e
’S mur biodh e glan nuair bheirinn às e
Bhogainn rithist ann e.
Bhogainn e ’s gun togainn e
’S gum bogainn as an allt e
Bhogainn e ’s gun togainn e
’S gum bogainn as an allt e
Bhogainn e ’s gun togainn e
’S gum bogainn as an allt e
’S mur biodh e glan nuair bheirinn às e
Bhogainn rithist ann e.
3. Cìobairean Taobh Loch Odha
’S coma leis na h-ìghneagan
Cìobairean Taobh Loch Odha
Bidh iad anns na dìgean
A’ spìonadh nan caorach odhar
Coma leis na h-ìghneagan
Cìobairean Taobh Loch Odha
Bidh iad le an ìnean
A’ sgrìobadh nan caorach odhar
Dìreadh iad, teàrnadh iad,
Dìreadh iad is mo thogair
Dìreadh iad, teàrnadh iad,
Fàgadh iad Taobh Loch Odha.
Dìreadh iad, teàrnadh iad,
Dìreadh iad is mo thogair
Ruigeadh iad Mucàrna
Is fàgadh iad Taobh loch Odha.
Clach Mhìn Mheallain
Tha e coltach gum biodh clann a’ seinn Clach Mhìn Mheallain dha daolag-bhreac mar ghuidhe gu stadadh an t-uisge ’s gu faigheadh iad a-mach a chluich. Ann an tionndadh eile gheibhear:
Am buachaille bochd na shuidhe ri cnoc
’S e ’g ùrnaigh ri Dia turadh is fèath bhith ann an nochd.
Loch Odha
Tha Loch Odha ann an Earra-ghàidheal agus tha am baile leis an aon ainm mu thrì mìle an iar air Clachan an Dìseirt (Dul Mhàilidh). Tha an loch a’ dol bhon iar-dheas chun ear-thuath, caran co-shìnte ris na lochan-mara Loch Èite agus Loch Fìne. Tha Port Samhnachan air a’ chladach a deas agus Taigh a’ Chreagain aig tuath, far as cumhainge a tha Loch Odha. Bha aiseag a’ dol eatorra aig aon àm agus b’ ann an seo a bhiodh dròbhairean a’ toirt a’ chruidh tarsainn air an slighe gu na fèilltean chruidh aig deas.
Aig ceann a tuath Loch Odha tha Caisteal Caol a’ Chùirn a chaidh a thogail meadhan a’ chòigeamh linn deug mar dhaingneach dha Caimbeulaich Ghleann Urchaidh. Nuair a ghluais iad gu Caisteal Bhealaich cha robh feum air agus rè ùine thuit e às a’ chèile. Tha e fo chùram Àrainneachd Eachdraidheil Alba an-diugh.
A rèir beul-aithris bha creutair os-nàdarra ris an cante Beathach Mòr Loch Odha ri chluinntinn anns a’ gheamhradh, a’ briseadh an deigh air an loch. Chanadh cuid gu robh e coltach ri each mòr, cuid eile gur e seòrsa de dh’ easgann mòr a bh’ ann.
Tha e coltach gun deach am port Cìobairean Taobh Loch Odhaa dhèanamh mar chàineadh air cìobairean Gallda. Tha fianais air a’ bhuaidh a thug tuathanasan chaorach air an sgìre ri lorg ann an òran a rinn Iain Mac-an-t-Saoir (1821-1897), mac le Pàdraig Mac an t Saoir, a rinn an t-òran Cruachan Beann. Bha Iain a’ cumail an taigh-litrichean an Cille Chreanain agus anns an òran Taobh Loch Odha tha e ag ràdh :
’S cianail mi bhon dh’ fhalbh an comunn,
Luchd mo ghaoil bha taobh Loch Odha;
’S cianail mi bhon dh’ fhalbh an comunn.
Gur a mise tha fo èislean,
Is mi tàmh an Cill a’ Chreanain,
Faicinn mòran de luchd Beurla,
Far an robh na Gàidheil gan togail.
Tha e a’ dèanamh dealbh air a’ choimhearsanachd Ghàidhealach a bha mun cuairt air na òige, daoine càirdeil, suairce, a bha a’ cumail ri seann chleachdaidhean mar iomain air Latha na Bliadhn’ Ùire, agus tha e a’ caoidh mar a thachair dhaibh.
Chuir am Factor spèis sna caoraich,
’S chaidh na teaghlaichean a sgaoileadh,
Fhuair iad bàirlinn a bha daor leo,
Chum an saodach bho Loch Odha.
Ach tha sòlas dhuinn mar tha iad,
Thug iad buaidh a-mach ’s gach ceàrna,
Chum iad urram ’s cliù nan Gàidheal,
Mar a b’ àbhaist taobh Loch Odha.
Chuid tha còmhnaidh measg nan Gall dhiubh,
Tillidh rinn nuair thig an samhradh,
’S cùbhraidh fallaineachd nam beann leo,
’S gur e m’ annsachd bhi nan coinneamh.
Gum bu slàn a thig ’s a thèid iad,
Cumaidh iad a’ Ghàidhlig spèiseil,
Is a dh’ aindeoin luchd na Beurla,
Labhraidh sinn i rèidh ’s gach coinneamh.

Tuilleadh fiosrachaidh