A’ dìreach Cluaintean Easclaid – Laithean a dh’ aom – air fonn – Clachan Glinn Da Ruadhail
19 An Gearran 2024
Òran le Murchadh MacIlleMhoire (Murchadh a' Bhocs) air a rannsachadh agus air a ghabhail le Iris NicLeòid
Faclan
An cluinn thu nis mo chailin mi,
Ged 's fhada sinn bho chèile
Do spèis cur ceòl 'n am bhuadhan
'S a' dùsgadh suas mo theudan.
A’ ghrian gu moch 'n uair dhèalras i
Bho cùirtean àrd 's na speuran,
Bidh a gathan òr-bhuidhe dèarrsach
A' cur sgèimh air geàrraidh Easclaid.
Is bian nan sliabh gur maiseach iad,
'S an snuadh air dhreach a' Chèitein;
Bu taitneach leam 's an àm sin,
Madainn shamhraidh mu ghleann Easclaid.
'M bheil cuimhn' agad 'n uair b' uallach sinn,
A' buachailleachd le chèile;
'S cho tric 's a sheinn mi duanag leat
A' direadh cluaintean Easclaid?
Mar a thagh mi an t-òran
Thagh mi dà òran às an leabhar ‘Fear Siubhal nan Gleann’: ‘O, Thugainn a Rùin’ agus ‘A' Dìreadh Cluaintean Easclaid’. Tha an dà òran seo mu dheidhinn an dachaigh aig Murchadh MacIlleMhoire, agus na cuimhneachain aige mu dheidhinn cho brèagha ’s a bha Eilean Leòdhais.
An t-ùghdar
Rugadh Murchadh MacIlleMhoire (Murchadh a' Bhocs) ann an Mullach a Toll/Mullach an Tòil, Si-adar Uarach, Eilean Leòdhais, ann an 1884. Ghluas e a Steòrnabhagh ann an 1903 airson obrachadh mar fhuineadair airson trì bhliadhna, mus do ghluais e gu baile mòr Glaschu ann an 1906. Mu dheir-eadh thall, rinn e eilthireachd gu Ameireaga ann an 1911. Sheòl e gu Ameireaga agus rinn e dachaigh ann an Niagara Falls, New York, far an do dh’ fhuirich e airson a’ chòrr de bheatha. Sgrìobh e iomadh òran mu dheidhinn an eilean far an do rugadh e, a mhòr-chuid dhiubh nuair a bha e a’ fuireach ann an Glaschu. Chaidh na h-òrain seo a chuir ri chèile anns an leabhar, ‘Fear Siubhal nan Gleann’, a chaidh fhoillseachadh ann an 1923.