A’ Fàgail Ghriais
Na h-Eileanan Siar
6 An Cèitean 2020
Le Eilidh NicCoinnich
Seachdain 19 – 06.05.2020
Air a ghabhail le Muriel Urchardan
Faclan
Tha a h-uile nì ciùin
Ach sùghaibh na mara
Ag imlich bainne briste na gainneamh
Tha crìoch an latha ann.
Tha mi fàgail, a’ fàgail
A’ fàgail àite mo chrìdh’
Ach cumaidh mi mo chànan ’s mo cheòl
Feadh gach dùthaich san siubhal mi.
Cumaidh mi mo chànan ’s mo cheòl
Cho fad ’s a bhios anail nam chrè.
Tha an t-àm nis air tighinn
Is ’s fheudar dhomh fàgail
A’ dealachadh mar chiad ghràdh
Ri àite nan Daoine.
Tha mi fàgail, a’ fàgail
A’ fàgail àite mo chrìdh’
Ach cumaidh mi mo chànan ’s mo cheòl
Feadh gach dùthaich san siubhal mi.
Cumaidh mi mo chànan ’s mo cheòl
Cho fad ’s a bhios anail nam chrè.
Tha am fraoch air Beinn Iomhair
A’ cagair ri òrain ar sinnsear
Ach tha ’n dìleab seo ga mùchadh
Le stoirm neo-bhinn bho dheas.
Tha mi fàgail, a’ fàgail
A’ fàgail Griais mo chrìdh’
Ach cumaidh mi mo chànan ’s mo cheòl
Feadh gach dùthaich san siubhal mi.
Cumaidh mi mo chànan ’s mo cheòl
Cho fad ’s a bhios anail nam chrè.
An t-òran
Nuair a chruthaich Eilidh NicCoinnich an t-òran seo bha Sheila, a piuthar bu shine, a’ dèanamh deiseil airson falbh à Griais ’s i a’ dol na h-oileanach a Ghlaschu, gluasad a thug buaidh air a peathraichean a b’ òige. Anns an òran tha Eilidh a’ cuimhneachadh air na faireachdainnean a bh’ aice fhèin agus aig an teaghlach aig an àm sin.
An t-ùghdair
Buinidh Eilidh NicCoinnich do theaghlach de luchd-ciùil aig a bheil ceangal làidir ri Clais an Easaidh agus An Cùl Cinn anns an Stòr faisg air Loch an Inbhir, agus sgìre a’ Bhac ann a Leòdhas. Rugadh i ann an Goillspidh ann an 1967 ach thogadh i ann a Leòdhas far an robh a h-athair, Rodney MacCoinnich, a’ teagasg ann an Sgoil MhicNeacail. Thòisich agus stiùir Rodney trì còisirean soirbheachail san eilean.
Na h-obair latha tha Eilidh a’ ruith Fèisgoil dha Fèisean nan Gàidheal. Tha i pòsta aig Coinneach Barker agus tha ceathrar chloinne aca – Calum, Seumas, Dòmhnall agus Peigi.
An t-àite
Tha baile Ghriais a’coimhead thairis air an Loch a Tuath ann an Sgìre a’ Bhac ann a Leòdhas air an rathad B895 eadar Steòrnabhagh agus Tolastadh bho Thuath. Ged is e baile beag a th’ ann, bha e gu mòr anns an naidheachdan eadar 1919 agus 1921 nuair a ghabh fireannaich a bha air tilleadh às a’ Chiad Chogadh, sealbh air tacannan Ghriais, Chuil agus Thung a bha leis a’ Mhorair Leverhulme aig an àm. An dèidh strì chruaidh fhuair na fir sealbh air an fhearann. Nam measg bha Murchadh Greumach (Am Beag) a sgrìobh aon de na h-òrain a tha ri fhaotainn air Fuaran.
An-diugh tha carragh-cuimhne eireachdail faisg air Abhainn Ghriais a’ comharrachadh mar a choisinn na daoine tacannan Ghriais, Chuil agus Thung mar chroitean dhaibh p’fhèin.
