A Mhòr nighean Uilleam ’ic ’an Bhàin

Na h-Eileanan Siar

11 An t-Ògmhios 2020

Le Somhairle MacAmhlaigh agus Ruaraidh MacNèill
Seachdain 24 – 11.06.2020

Air a ghabhail le Amy NicAoidh

Faclan

A Mhòr nighean Uilleam ’ic ’an Bhàin
Cas is deise sheas air sràid
Ged nach pòsainn thu gu bràth
Gun d’ chùm do ghràdh à Gallaibh mi.

Dh’fhalbh mi ’n-uiridh ’s mi fo leòn
Nach dìochuimhnich mi ri mo bheò
Ann an dùil gu faighinn stòr
’S gum pòsainn air an t-Samhain thu.

Thill mi dhachaigh air mo chlaoidh
’N dèidh am bàta chuir do Chlìn
’S cha tug mise, ghaoil, gu tìr
Na cheannaicheadh nì air thalamh dhut.

Nuair nach tug mi dhachaigh stòr
Saoilidh tu gun robh mi ’g òl
Ach cho cinnteach ’s tha mi beò
Cha deachadh stòp le m’ anail dheth.

Ach ma bhios mi bliadhna beò
Gheibh mi bonn no dhà dhan òr
Ge b’ ann ag iasgach na ròin
No seòladh do dh’Astràilia.

Mo nighean donn dhan tig an gùn
Fear as fheàrr san fhasan ùr
B’ òg a thug mi dhut mo rùn
Mun dùraiginn bhith ’g aithris air.

Gur e gile bian mo ghaoil
Na sneachd òg air bhàrr a’ fhraoich
Thug mi m’ inntinn dhi cho saor
’S gu faod an saoghal aithneachadh.

’S ann thuirt mo nàbaidh rium an-dè
Nach robh do leithid fon a’ ghrèin
’S gur e mise bhith gun fheum
A chùm o chèil’ as t-earrach sinn.

Na h-ùghdairean

B’ ann à Greòsabhagh, Na Hearadh, a bha Somhairle Mòr MacAmhlaigh agus a rèir an fhiosrachaidh a bha aig an t-seinneadair ainmeil Cairistiona Sheadha bha e fhèin agus co-ogha dha, Ruaraidh MacNèill, an tòir air Mòr nighean Uilleim. B’ e iasgairean a bh’ ann an Somhairle agus Ruaraidh, ach a’ bhliadhna a bha seo dh’fhuirich Somhairle Mòr aig an taigh an àite falbh gu iasgach Ghallaibh mar a rinn Ruaraidh agus phòs e Mòr fhad ’s a bha Ruaraidh air falbh. Tha e coltach gu robh Mòr brèagha agus gu robh i na banaltram cho math ’s a bh’ anns na h-eileanan aig an àm. Bha e air a ràdh gur e Ruaraidh a thòisich air an òran ach gur e Somhairle Mòr a chur crìoch air.

An t-òran

Ged is e òran gaoil a tha seo tha e cuideachd a’ toirt dhuinn sealladh air beatha iasgairean a dh’fheumadh falbh bhon dachaidhean a dh’obair air bàtaichean a’ chost an ear ’s a’ chost a tuath airson bith-beò a dhèanamh.

Iasgach Ghallaibh

Chaidh an cunntas goirid seo air iasgach Ghallaibh a sgriobhadh leis an Urr. Calum MacGilleathainn (1896-1961) a rugadh san Sgarp agus a bha na mhinisteir air A’ Chomraich agus ann an Drochaid Sgudail mus deach e na mhinisteir-airm aig àm an Dàrna Cogaidh.

“Bhiodh muinntir nan Eilean agus muinntir tìr-mòr cuide riutha a’ dol gu Gallaibh agus gu Cost nam Bucach. Bhiodh iad a’ dèanamh sin agus a’ dol ann agus às air tùs le an cuid bhàtaichean fhèin, timcheall a’ Chairbh agus tron a’ Chaol Arcach. Is e mo bheachd gur e Inbhir Thòrsaidh an seòrsa ceann-uidhe a bha aca gu tric. Ri tìde, thòisich soithichean ag aiseag nam fear air ais agus air adhart. Ach uair agus uair, an uair a thuiteadh mar a chanadh iad droch shèasan, thigeadh orra coiseachd à Gallaibh gu ruige caladh air choreigin air an taobh siar.

Tha cuimhne agam fear a chunnaic mi a rinn a leithid. An uair a phàigheadh dheth iad cha robh am pàigheadh ann, agus dh’fhalbh iad dhan cois. Is ann aig Ulapul a stad iad. Thàinig roinn aca tron mhonadh rathad Làirig, no Luirg mar a chanadh iad, ach bha feadhainn eile aca ann agus, le eagal an allabain agus eagal an acrais, lean iad an cois a’ chladaich a h-uile ceum troimh Dhùthaich Mhic Aoidh. Abair gun do ghabh iad an rathad fada, glan ach bha iad air a’ Ghàidhealtachd agus bu leòr sin airson biadh is blàths riamh. Far an teirig Gàidhealtachd teirgidh aoigheachd do dhaoine bochda.

Is ann an uair a bhiodh an t-àiteach seachad agus a’ mhòine air a buain a dh’fhalbhadh na fir gu ruige Gallaibh. Mum falbhadh iad, ri ciad chuimhne dhaoine, leigeadh iad beannachd le gach taigh anns a’ bhaile. Bhiodh na bailtean an sin aig bodaich aosmhor agus mnathan agus muinntir glè òg.

Thigeadh iad air ais, cha chreid mi, mu Lùnasdal agus abair gum biodh fàilte rompa. A’ bhliadhna a bhiodh iasgach math ann bhiodh airgead aca a’ tighinn ach bhiodh iad bliadhnaichean gu math falamh.” (Gairm Àireamh 169. An Geamhradh 1994-95)

A’ bruidhinn ri Mòrag NicLeòid bho Sgoil Eòlais na h-Alba, dh’innis Calum MacSuain a rugadh ann an Sgalpaigh ann an 1881 mar a bhiodh e fhèin a’ dol chun a’ chost an ear gach samhradh eadar 1902 agus 1911. Nuair a dh’fhaighnich Mòrag dha dè am paigheadh a bh’aca airson seusan seo am freagairt a fhuair i:

“Bha sinn air ar pàigheadh air an trìtheamh sèidhir deug … bha tighinn a-mach às a’ ghross deich nota fichead airson cosgais ar bidhe agus na bha am bàta feumachdainn a ghual. Bha sen a’ tighinn às a’ ghross ma faigheamaide sgillinn ’s bha sinn air ar pàigheadh air an trìtheamh sèidhear deug an dèidh sen. Bhiomaid a’ faighinn uaireannan dà fhichead not, uaireannan eile deich nota fichead. ’S nuair a gheibheamaid lethcheud not bha sin dha chunntais na iasgach math.”

Airson an cunntas aig Calum air a làithean fhèin na iasgair faicibh Tocher, iris Sgoil Eòlais na h-Alba, Àireamh 46.

An t-àite

’S e baile baile beag ann an Sgìre nam Bàgh air taobh sear na Hearadh a th’ ann an Greòsabhagh. Tha e deas air an Tairbeairt, eadar Scadabhagh agus Cliuthar, air a’ Gholden Road mar a chanar ris.

Anns an leabhar aige Traditions of Harris tha Bill Lawson ag innse gun d’ thàinig dà theaghlach à Ùige Leòdhais a Ghreòsabhagh anns na 1780an, nuair a bha daoine a’ tighinn a dh’fhuireach ann an Sgìre nam Bàgh. B’ e Clann IllEathainn a bh’ ann an aon teaghlach, Clann ’ic Amhlaigh san teaghlach eile. Bha dà bhràthair air an robh Ruaraidh agus Somhairle am measg Clann ’ic Amhlaigh. Chan e ainm cumanta a tha ann an Somhairle sna Hearadh agus tha e coltach gum buin an ìre mhath a h-uile Somhairle a bha riamh sna Hearadh don t-Somhairle a thàinig à Ùig sna 1780an.

← Air ais gu liosta nan òran