Ag Ionndrainn
Na h-Eileanan Siar
15 An t-Ògmhios 2016
Òran le: Màiri NicDhòmhnaill
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Isabelle Bain
Chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh le Màiri NicDhòmhnaill. Rugadh Màiri (NicGriogair mus do phòs i) ann an Sulaisiadar anns an Rubha air 24mh den Iuchar 1907. B’ i an tritheamh duine ann an teaghlach de naoinear. B’ e Seumas MacGriogair (Seumas Eachainn) à Cnoc an t-Solais air a’ Bhac a h-athair agus b’ e Cairstìona Mhoireach, à Pabail anns an Rubha a màthair. Phòs i Ailean MacDhòmhnaill à Tolastadh bho Thuath, anns an Ògmhios 1942 agus rinn iad an dachaigh ann an Griais far an do thog iad an teaghlach, triùir nighean agus aon mhac. Bhàsaich i aig aois 100 bliadhna anns a’ Ghiblean 2008. Bhàsaich an duine aice ann an 1985. Chan eil fhios agam cuin a sgrìobh i an t-òran seo ach nuair a bha i ceud bliadhna dh’iarr an teaghlach aice orm a sheinn aig pàrtaidh cò-latha breith a chuir iad air dòigh dhi. ’S e an teaghlach aice a thug na facail dhomh.
Faclan
Bidh mo smuaintean tric ri dol thairis
Thar nan làithean bh’ agam nam òig’,
An dachaigh tha ’n taobh Cnoc Chailein
Far an d’ fhuair mi m’ altram ’s mi òg;
’S miann leam bhith cuimhneachadh fhathast
Air a’ chuideachd a bh’ agam nam òig’,
Cha robh nì sam bith air ar n-aire
Ach gàire is danns’ agus ceòl.
Nuair a dheidheadh sinn a‐mach chun a’ mhonadh
Leis a’ chrodh ’s na laoigh ’s an sprèidh
Casruisgte’ falbh na mòintich
Lorg neadan len àl aig gach eun;
Measg fraoch is toman is luachair
Cluinntinn fuaim nan tonn air an tràigh;
Tha na làithean sin air a dhol seachad
Chan eil lorg air na nithean a bha
San dachaigh tha ’n taobh Cnoc Chailein
Far an robh iad fada ri tàmh
Bha an teaghlach gu càirdeil dòigheil
Mun cuairt air an teine bha blàth;
Nuair a thèid mi cuairt a Shiadar
’S a bheir mi sùil air a’ Bhràigh
Bidh na deòir a’ sileadh bhom shùilean
Gun dùil am faicinn gu bràth.
Nam biodh agam gibht bàrdachd mo mhàthar
Bhiodh na rainn na b’ fheàrr na seo cruinn
Air na làithean a bh’ agam nam phàiste
Measg mo chàirdean san dachaigh ud thall;
Tha cuid ac’ nach coinnich gu bràth rium,
’S e sin thug orm dàn a chur cruinn:
Bhith ’g ionndrainn m’ athar ’s mo mhàthar
Chuireadh fàilt’ orm nuair ruiginn a-null.
Tha mo bheannachd a-nise gu bràth
Aig na cnàmhan tha tosdach san uaigh;
’S iomadh earail a fhuair mi nam phàiste
Nach tèid gu bràth às mo chuimhn’;
Tha sinne a-nis a dh’ fhàg iad
Ri cur na fàsach nar dèidh,
Gus an tig crìoch air ar làithean
’S gum bi sinn a’ triall nan ceum.