Air a’ Cheathramh Latha de dh’August

Na h-Eileanan Siar

22 An t-Ògmhios 2016

Òran le: Murchadh Greumach (Am Beag)
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Isabelle Bain

Chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh le Murchadh Greumach (Am Beag) bhon Bhac, ach a bha a’ fuireach ann an Griais. Rugadh e ann an 1898. Bha e anns na Gordon Highlanders agus chaidh e fhèin a leòn anns na trainnsichean anns a’ Chiad Chogadh. Bha e cuagach airson a’ chòrr de bheatha. Aig àm a’ Chiad Chogaidh b’ e tac a bh’ ann an Griais. Cha robh baile ann. Nuair a thill na balaich às a’ chogadh bha iad ag iarraidh talamh airson dachaighean dhaibh fhèin is an teaghlaichean. B’ e esan aon de na raiders a bha a’ sabaid airson talamh fhaighinn air an tac gus dachaighean a thogail dhaibh fhèin an dèidh a’ Chiad Chogaidh. Shoirbhich leotha agus ’s ann mar sin a thàinig baile Ghriais gu bith. Bhàsaich Murchadh anns an Iuchar 1973.

Faclan

Air a’ cheathramh latha de dh’August
’S sinn cho dòigheil anns a’ Bhruaich;
’S ann air Latha na Sàboind
Thàinig fios thugainn bha cruaidh,
Gun deach an Nèibhidh thogail
Is gu h-­aithghearr an toirt suas;
Is iomadh sùil bha drùidhteach
’N àm na fiùrain a thoirt bhuap’.

Dh’fhalbh sinn an October
’S sinn ri seòladh dhan an Fhraing,
’S chaidh sinn uil’ air bòrd oirre
Long mhòr nan trì chrann;
Nuair a ràinig sinn an t‐àite
Far an robh na Gàidheil cruinn,
B’ fheudar leigeil soraidh
Is cur aghaidh air an trainns’.

Chan urrainn dhòmhs’ bhith ’g innse dhuibh
Mu chruadalan na trainns’,
Fodha gu do ghlùinean
Ann am bùrn is ann am poll:
Chan fhaigheadh sinn an cadal ann
Ach an-shocair gach àm;
Nam biodh sinn aig an dachaigh
Nach sinn a chaidleadh trom.

Bheir mi iomradh air na fiùrain dhuibh
A thuit an siud san strì:
Bha Dòmhnall MacIllEathain ann
Is Dòmhnall MacCoinnich caomh,
Bha Alasdair MacAsgaill ann
Is Dòmhnall MacAoidh bha còir;
’S tha cuid den sin an “Ypres”
Nan sìneadh fo na fòid.

Nuair thèid mi chun a’ chladaich
’S a bhios mi ann leam fhìn
’S ann oirbh a bhios mi smaoineachadh
Sibh ’s fhaisg’ bhios air mo chrìdh;
Ach tha mo smuaintean dìomhain dhomh,
Sibh san t-­sìorraidheachd gun chrìch;
’S chan fhaic mi sibh gu sìorraidh
’S sibh tiodhlaichte air na raoin.

Ach nì mi nis co-­dhùnadh
Le dùrachd bho mo chrìdh,
’S mi dòchasach gun till
Na tha beò ac’ dhan an tìr;
Ach na chaidh a mharbhadh dhiubh
San Fhraing cha till an tìm
’S cha bhi iad air an tiodhlaigeadh
An Griais fo ghainmhich mhìn.

← Air ais gu liosta nan òran