Amhran do dh’Aonghas ‘Ic ‘Ailein

Na h-Eileanan Siar

14 An t-Ògmhios 2016

Òran le: Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn
Air a rannsachadh agus air a ghabhail le: Ceitlin LR Nic a’ Ghobhainn

Fhuair mi an t-òran seo an toiseach bho Cheanna Chaimbeul agus nuair a bha mi a’ rannsachadh òrain à Nis mhol Màiri Nic a’ Ghobhainn seo dhomh cuideachd. Tha Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn a rinn an t-òran na shinnsear dhomh.

Faclan

Gur e mis’ tha duilich ann an cumha mo bhràthar
A dh’fhalbh às an tìr seo bho dhaoine ’s bho chàirdean,
’S e chaidh am measg nan coill’ fhiadhaich tha giùlan biastan an fhàsaich,
Far nach iarr duine sgeul ort ’s nach èirich grian air an t-Sàboind.

Trì fichead bliadhna ’s a trì, b’ e sin an aois mun robh thu;
Cha mhòr tuilleadh a shaoghal tha cuid a dhaoine ri faighinn;
Nuair a dh’fhàg thu do dhìlsean b’ fhaoin an nì dha do leithid
Gu a dhol a ghearradh nan craobhan, och, gus an seann duine a chaitheamh.

Bha do cheann-sa air liathadh, bha do chiabhan air glasadh,
Obair duine gun chiall dhol a dh’iarraidh a bheairteis
Far nach fhaic thu luchd-eòlais a nì còmhradh le tlachd riut
No nì faighneachd dè as beò dhut no bheir lòn dhut an-asgaidh.

Cha b’ ionnan dhut fuireach sna Dailean ag àiteach fearann a’ chòmhnaird,
Far an itheadh tu an t-aran ’s far an garadh a’ mhòin’ thu,
Seach a dhol a dh’fhàgail na tìre san d’ fhuair do shinnsirean beò-shlàint,
Far nach goideadh mathan ort caora measg an fhraoich air a’ mhòintich.

Bu tu buachaill’ nan caorach, cas a dhìreadh nam mullach,
’S cha bu mhios’ air latha buan’ thu togail sguab air an iomair;
’S e sin dh’fhàg mise fo ghruaimean nuair thèid mi suas dhan a’ mhuilinn,
’S mi faicinn thobhtaichean fàsa far am b’ àbhaist dhut fuireach.

Nuair a thigeadh tu ’n bhaile dh’aithnichinn sadadh do làimhe,
Nuair a bhiodh tu cainnt rium gheibhinn d’ inntinn cho làidir;
’S e sin a dh’fhàg mise gun mhisneachd nuair nach tuigte le càch e,
’S gun fhios o Ailean no Dhòmhnall a bheil thu beò no ’n d’ bhàsaich.

Is ann agad tha naidheachd ma tha do latha air a shìneadh,
Mun eaglais a dh’fhàg thu gun nì ach càradh ort d’ aodach,
Far an cluinneadh tu briathran o bheul nach fiaradh an fhìrinn,
’S tu ‘n-diugh measg fhineachan fiadhaich nach cuala diadhachd o sinnsear.

Chan e do bhòidhchead no d’ àilleachd tha mi ‘n-dràsta ri facain
Ach nach fhaic mi gu bràth thu latha Sàboind no seachdain:
Sinn cho fada bho chèile ’s tha ’n Cruinne-Cè ’s e cho farsaing,
Sinn gun sgrìobhadh, gun leughadh, och, gun sgeul a thoirt eadarainn.

← Air ais gu liosta nan òran