An ‘Linnet’ Mhòr
A' Ghàidhealtachd
28 An t-Ògmhios 2021
Òran le Artar Ros (an t-ochdamh agus an naoidheamh linn deug). Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Calum Rosach
Faclan
Fhuair sinn gairm a-nis gu bròn
’S e th’againn tuireadh an àite ceòl
’S gach uile neach dan lèir ar dòigh
Nis dèanadh iad bròn maille rinn.
Tha 'n duine truagh gach uile là,
A' dol air thuras dh'ionnsaigh 'bhàis,
'S gun fhios an t-àm an tèid e 'n sàs -
Tha uair a bhàis am falach air.
Ach tinn no slàn dar thig an uair,
Thèid e a dh'ionnsaigh an dachaidh bhuain
Is mar sin tha gach fear den t-sluagh
Air thuras luath gu bìth-bhuantachd.
An ‘Linnet’ Mhòr bha siubhal a’ chuain
Thàinig a-steach air oidhch’ fo ghruaim
Is chaidh iomrall anns an dorch
Is thilg an stoirm i Chadabol.
Dh’fhan i sin rè ùine gun gluas’d
Na soitheach brìste sna creagaibh cruaidh,
Is cuid a dh’fheuch a togail suas
Is ’chur air a’ chuan is ’bhith ’g obair leath’.
Ach dhiùlt i falbh dhaibh uair no dhà
Is iad ga feuchainn le luchd-ceàird
Ach nuair a thàinig oidhch’ a’ bhàis
Is ghabh i ’n sàl is dh’imich i.
’S ged bha àireamh mhòr air bòrd
Ga tarraing suas gu Bail’ an Todhair
Dh’fhalbh i uath’ gun stiùir, gun seòl,
Is cha bu deòin leath’ fuireach dhaibh.
Don t-sneachdar a bha air bòrd
A bh’ air am fàgail siud gun treòir
’S gun dol às ac’ o’n a’ bhàs
A b’fhaid na bàrr nan crannagan.
’S iad gun siùil a ghabhadh truas
No stiùir a thionndadh i mun cuairt
Ach ruith a cùrs’ le doinnean tuath
Leò’ dh’ionnsaidh an uaigh sna chaidil iad.
Mar a thagh mi an t-òran
B’ e mo mhiann òrain à Ros an Ear (“A’ Mhachair Rois”) a riochdachadh agus a thaisbeanadh anns an iomairt, air sgàth ’s gu bheil buinteanas agam ris an sgìre. Air dhomh an t-òran “An Linnet Mhòr” a lorg, b’ e mo rùn a thaisbeanadh agus a thoirt an làthair mo cho-aoisean. ’S e pìos “bàrdachd” air leth cumhachdach a th’ ann, na ìomhaigheachd, a bhriathrachas soisgeulach agus a dhìorras creidmheach. Thachair mi air an òran seo anns an leabhar “Saoghal Bana-mharaiche,” le Seòsamh Watson, a bha anabarrach cuideachail le fiosrachadh agus seanchas.
B’ e iasgairean agus tuathanaich a bha na mo shinnsearan agus mo theaghlach ann an Ros an Ear agus, air sgàth sin, tha sùim agam ann an sgeulachdan, òrain agus seanchas co-cheangailte ris a’ chuan, iasgach agus obair fearainn. Tha buinteanas làidir agam ri mòran de na sgìrean anns an òran agus b’ e mo rùn an taisbeanadh agus an sealltainn dhuibh uile leis an òran seo.
An t-ùghdar
Rugadh agus thogadh Artar Ros anns an Lòintean Rath-Riachaidh, sgìre na Manachainn, anns a’ Mhachair Rois (Ros an Ear) anns an ochdamh linn deug agus an naoidheamh linn deug. B’ e tuathanach a bh’ ann a bha a’ fuireach còmhla ri a bhràthair, Dàibhidh, agus a phiuthar, Elspet.
Tha e air leth dàicheil gum b’ urrainn dhan bhàrd sgrìobhadh agus leughadh agus nach deach a chlàradh le neach-clàraidh agus gun deach an t-òran a sheinn gu h-ionadail. Chaidh an t-òran a chlàradh agus fhoillseachadh a-rithist agus a sgaoileadh nas fharsaing le “Northern Counties Newspaper and Printing and Publishing Company of Inverness” mu mheadhan an naoidheamh linn deug.
Chan eil aithris no sgeul an do sgrìobh e òrain no bàrdachd eile ach feumaidh gun do sgrìobh e barrachd na tha againn an seo. Tha e inntinneach lorg gu bheil buaidh agus nòs creidmheach anns an nòs-sgrìobhaidh aige, air a dhrùidheadh le briathran is cainnt a’ Bhìobaill, mar a chithear ann an sgrìobhaidhean Dhùghaill Bhochanain.
An t-òran
’S e “Marbh-Rann air Daoinibh Chaidh Dhìth air Bòrd Soitheach Briste a Chaidh Mach air Cladach Chatboil aig Toiseach a’ Bhliadhna 1843” an t-ainm a th’ air an òran gu h-oifigeil. Chaidh an t-soitheach, an “Linnet”, air na creagan agus dh’fheuch muinntir a’ bhaile a h-ath-thogail, ga tarraing gu Baile an Todhair. A dh’aindheoin an oidhirp, dh’fhalbh an “Linnet” bhuapa agus iad fhèin air an tarraing leatha. Gun dòigh air teicheadh no an sàbhaladh fhèin, dh’fhalbh iad leis an stoirm far an d’ theirig iad an uair sin. Tha meòrachadh creidmheach mun a’ bhàs a’ leantainn.
Fiosrachadh eile
Tha sgìre Rois an Ear cliùiteach aison ’àilleachd, a thorrachas agus iasgach. Tha eachdraidh fada agus lìonmhor anns an sgìre mar an ceudna, o linn nan Cruithneach agus nan Gàidheal, leasachadh na h-eaglaise agus iomairtean nan cinneadh, m.s.a.a.
B’ ann anns na “trì puirt-mara” (Baile a’ Chnuic, Baile an Todhair agus Seannduig) a bha mòrchuid de dh’ iasgairean na sgìre aig an àm. B’ e beatha chruaidh a bh’ aca, le tubaistean-mara an lùib beòshlaint mharaichean agus iasgairean. An-diugh tha na trì puirt-mara fhathast ainmeil airson an iasgach agus an ceangal làidir ris a’ Ghàidhlig agus seanchas nan Gàidheal san latha an-diugh.