An t-Alltan Dubh

A' Ghàidhealtachd

22 Am Faoilleach 2020

Le Dòmhnall Friseal
Seachdain 4 – 22.01.2020

Air a ghabhail le Tormod MacLeòid

Faclan

Seist:
Tha ligh’ an-diugh san alltan dubh
’S chan urra mi dhol thairis air;
Tha eagal orm aig meud an t-sruth
Nach fhaigh mi ’n-diugh a-null air.

Tha ’n t-alltan dubh cho bagarrach,
’S e ’n dùil gun till e dhachaigh mi
Le thururaich is le thartaraich,
Le bhagartaich ’s le bhùraich.

Chì mi na daimh chràiceach thall
’S an lagan bheag sam b’ àbhaist dhaibh;
’S nan tiginn uair mun tàinig mi
Cha bhiodh iad slàn sa chunntas.

Saoil thu Mhòrag nighinn Fhionnlaigh
An glèidh thu dhomh do ghealltanas,
Ma gheibh sinn thar an alltain seo
Nach toll thu fear den triùir ud?

Nuair ràinig mis’ an t-àite
Far an do gheall i dhomh bhith sàbhailte,
Bha mac nan sonn ri làr aice
Mun tug mi mhàin om shùil i.

Thuirt Mòrag is i freagairt rium –
“Na cuireadh e bonn eagail ort
Nach faigh thu ’m fear is treise dhiubh
Ma fhreagras do chuid fùdair.”

Tha seachd bliadhn is tamall ann
Bhon thug mi à Srath Charrainn thu;
’S i Nic an t-Saoir a cheannaich thu
’S chan aithreach leam an cùmhnant.

An t-àite

Tha An t-Alltan Dubh a’ tòiseachadh far a bheil Abhainn na Glas Chàrnaich agus Abhainn Srath a’ Bhàthaich, a’ tighinn gu chèile, faisg air an Drochaid Dhuibh a tha a’ giùlain an A835, am prìomh rathad a tha a’ dol tuath gu Ulapul, thairis air. Tha An t-Alltan Dubh an uairsin a’ dol seachad air Gairbh, tro Loch Ghairbh agus Loch na Cròic. Tha e a’ dol thairis air Easan Rothagaidh, seachad air Cunndainn, timcheall Eilean Chunndainn mus tèid e a-steach do dh’Abhainn Chonainn faisg air Drochaid Mhuaigh.

An t-ùghdair

B’ ann à sgìre Loch Bhraoin a bha Dòmhnall Friseal, ach bha e ag obair na gheamair ann am Fainich ann an Siorrachd Rois san naoidheamh linn deug. B’ e Mòrag Nighean Fhionnlaigh an t-ainm a bh’ aige air a ghunna. Rinn e co-dhiù trì òrain eile a bhithear a’ seinn fhathast – Mo Nighean Donn na Buaile, Frìth nan Damh Ruadha agus òran dha bhean, ’S i mo leannan an tè ùr. Chaochail e ann an Àird a’ Chuilin ann an Dùthaich MhicAoidh ann an 1880.

An t-òran

’S e òran seilge a th’ anns An t-Alltan Dubh agus tha e follaiseach gun deach an t-òran a dhèanamh aig àm nuair a bha dìle uisge anns an sgìre, a’ cur bacadh air an ùghdair bho dhol tarsainn air an alltan gu far am faigheadh e cothrom air fèidh. Tha am facal lighe a’ ciallachadh àite far a bheil allt no abhainn a’taomadh thairis air na bruaichean, a’ cruthachadh seòrsa de loch.

Ann an Litir do Luchd-ionnsachaidh air BBC Radio nan Gàidheal (22.12.2007), dh’innis Ruaraidh MacIlleathainn mar a bha dìle uabhasach anns an sgìre ann an ochd ceud deug, fichead ’s a naoi.

“ ’S e samhradh uabhasach teth a bh’ ann. Bha teas anabarrach ann sa Chèitean, san Ògmhios agus san Lùnastal. Ach thachair rudan annasach. Aig toiseach an Iuchair, nochd na Fir-chlis anns an iarmailt – agus bha iad uabhasach soilleir. Bha gaoth làidir ann nuair a nochd iad. Agus corra latha, ann an corra àite, bha uisge mòr ann – chan e fras, ach dìle.

Thachair a leithid air an dàrna latha deug (12mh) dhen Iuchar ann an Ceann Loch Lùicheirt, baile beag eadar Gairbh is Ach na Sìne. ’S e Latha na Sàbaid a bh’ ann agus bha a’ chuid a bu mhotha de mhuinntir a’ bhaile san eaglais. Ach chunnaic aon duine na thachair le a shùilean fhèin. B’ esan an t-òstair à Ach nan Allt, baile beag eile faisg air làimh. Chunnaic e maoim-slèibhe a chaidh adhbharachadh leis an dìle. Bha a’ mhaoim-slèibhe mar bhalla de dh’ùir is de dh’uisge. Thàinig i gu luath anuas air a’ bhaile. Rinn i sgrios air a h-uile nì a bha na rathad – taighean, bàrr is stoc. Chaidh na drochaidean thairis air na h-uillt a sgrios. Bha na daoine glaiste eadar dà allt. Cha d’ fhuair iad a-mach gus an robh an t-uisge air lughdachadh annta.

Sìos an rathad ann an Gairbh anns an t-samhradh sin, bha tuil anns an taigh-òsta. Ach cha b’ ann air an aon latha a bha sin, oir bha an samhradh sin air leth dona airson tuiltean. Dh’èirich an t-uisge am broinn Taigh-òsta Ghairbh gu doimhneachd de cheithir troighean. B’ fheudar do bhuidheann de shealgairean a bha a’ fuireach ann ròpan a chleachdadh airson faighinn a-mach gu sàbhailteachd. Agus – seadh – ’s e an t-Alltan Dubh a bu choireach. Bha lighe ann an uair sin, is cha b’ urrainn duine dhol thairis air, ach air èiginn.”

← Air ais gu liosta nan òran