Beitidh Sailí Deain

19 An Gearran 2024

Òran le Seumas Mac a’ Bhàird air a rannsachadh agus air a ghabhail le Mirren Ward

Faclan

Thèid mi mach chun a’ Chamais Bhig
Feuch an solarachadh a thig
Cudainn bheag no cudainn mhòr nam biodh i ri faighinn
Nuair a thilleas mi a-rithist dhan taigh dh’iarraidh greim bìdh
Nì i droch-dhìol orm ’s a brù mhòr.

Ò mo chreach ’s mo mhìle dìth (mì-shealbh)
C’mar a dh’èirich e nam chridhe
A gabhail cleamhnas riamh do Bheitidh Saili Deain
Oir chan eil latha on cheangladh ‘n snaidhm
Orm fhìn is air Beitidh mhìn

Nach robh doilgheas agus dòrainn dhomh an dàn
Nuair a thèid mi sìos chun (na) tràghad
A chur mach feamainn agus stamh,
Thig mi air ais salach claoidhte is sgìth bhon an latha,
Nuair a thig mi a-steach dhan taigh a dh’iarraidh greim bìdh
Fàgaidh i brochan Indian is sùghan sìos dhomh fhìn

Ò Is iomadh stuagh garbh
A bhris air eun is air ràmh
’S cha do thuislich thu ’s gun eagal na do chridhe
Is gun èireadh tu gu daingeann leis an fhaoileig air na tuinn
‘s gun tig gu tìr le luchd chudainn aig Poll an Lín

Barr an Phointe is an Bhoilg Mhór
Sruth Phort Deilge ‘s an Camas Mòr,
Beul Phort Chala dol gu tuath à Druim a’ Bhogha
Daonan a’ dol bho thaobh gu taobh
An-còmhnaidh gluasad mean air mhean
’S cha tug thu riamh do chùl don Oitir Mhòir.

Ach tu ‘nis sean ’s a’ sìoladh às,
‘s comharra ‘chruadail air do cheann,
Chaill thu blàth na h-òige a bha ort aig toiseach do latha,
Ach fhathast ’s tusa gaol mo chridhe,
Chan fhàgainn thu a-chaoidh
Gus mi nam shineadh sa chladh ri do thaobh

Nì Mac John Eoin gu faiceallach
Crois de phleadhan a bhios gun luchd
Is deanaidh curach chiste-laighe dhìond s` gu bràth
Is cuiridh Beitidh ri mo thaobh pòcannan flùir mar lèine uisge
Is bidh sgarfa mar marbhphaisg orm san uaigh.

Mar a thagh mi an t-òran

Bha mi a’ sireadh òran a bhuaileadh air an ceangal làidir a th’ann agus a bh’ann eadar Èirinn agus Alba gu h-àraid eadar Dùn na nGall agus Glaschu. Thachair mi air làrach mu ceangalaichean eadar an dà tìr air làrach lìn Sabhal Mòr Ostaig. Choimhead mi air na ceagnalichean bho Dùn nan Gall agus cha b’ urrainn dhomh creidsinn nuair a chunnaic mi ainm mo shin-sheanair Seumas Mac a’Bhàird sgriobhte. Fhuair mi a-mach bhon a sin gun robh Seumas air òrain a sgriobadh. Bha an làrach a bruidhinn air an òran ‘Beití Saili Deain’ a sgriobh e ‘s mar sin dh’ fhoighnich mi mun cuairt mo theaghlach agus fhuair mi greim air tè Maire ni Choilm a bhios ga sheinn ‘s latha an diugh. Lorg mi leth-bhreac do na faclan air loidhne agus dh’ fhoighnich mi do Paul Geadais le taic bho co-ogha dha m’ athair Caoimhin Mac a’ Bhàird am bitheadh iad cho math eadar-theangachadh a dheanamh dhomh bho Gaelige Tìr Chonnail gu Gàidhlig. Bha an eadar-theangachadh e fhèin gu math inntinneach faicinn leis cho fàisg ‘sa tha an dà chànan agus e folaiseach gur e an aon chànan a bh’ annta sa chiad dol a-mach.

An t-ùghdar

Thogadh Seumas Mac a’ Bhàird air eilean Toraigh (eilean bheag far costa Dùn na nGall ann an Èirinn) agus bha Gaelige agus Beurla aige bhon ghlùin. Sgriobh Seumas pailteas do dh’ òrain, bàrdachd, sgeulachdan ghoirid agus nobhailean ann an Gaelige. Bha Seumas ainichte mar rìgh agus prionsa don eilean agus a bharrachd air obair sa taigh-sholais air eilean Toraigh agus dha ‘Lands and Fisherie’ sna Dùnaibh (air tir mhòr Dun na nGall) bha e cuideachd gu math an sàs le bhith glèidheadh a cheòl, a chultar agus a chànan aig àm, coltach ri Alba, far an robh an dùthaich fo rioghaladh Sàsainn agus bha a chànan a crìonadh gu luath. Chaidh Conradh na Gaelige a stèidheachadh ann an 1893 mar thoradh air an crìonadh seo, leis an amas aca an cànan, an ceòl is dannsa tradiseanta aca a chumail beò. As deidh an soirbheacahas aig Conradh na Gaelige air an tir mhòr na h-Èirinn, chaidh conradh na gaelige a stèidhachadh ann an Glaschu ann an 1895 airson a mhòr-shluagh a ghluais à Èirinn gu Alba anns na 1840an mar thoradh air A’ Ghort Mhòr. Chaidh conradh na Gaelige a stèidheachadh air eilean Toraigh ann an 1899, le taic bho conraidhean eile- Glaschu nam measg. Chaidh fhoighneach air Seumas dannsa-ceum Èirinneachd aig taisbeanadh Ghlaschu 1900, agus an uairsin a bhith mar ‘timire’ airson lìog Gaelige ann an Dun nan Gall eadar 1902-3. Chaidh cuireadh a thoirt do Sheumais ceilidh air Glaschu ann an 1904 agus 1905 far am bitheadh cothrom aca seisean a ghabhail is na tàlantan agus na h-òrain aca a thaisbeanadh- ‘s cinnteach gu robh ‘Beití Sailí Deain’ nan measg!

Mun òran

S e seòrsa de òran ghaoil a th’ann an ‘Beitidh Sailì Dàn’ le stoidhle gu math aotrom agus èibhinn. ‘S ann mu bàta leis an aon ainm ris an òran a th’ann agus tha sinn a cluintinn air na tursan aca còmhla mun cuairt eilean Toraigh, ‘s mar nach eil Beitidh riamh air trioblaidean a thoirt do Sheumais. Ged a ‘s e òran aotrom a th’ ann- ‘s ann aig àm gu math doirbh a chaidh a sgrìobhadh (àm A Ghort Mhòr) agus e toirt iomradh air an acras a bh’ann gach latha tighinn dhachaigh son dìnneir agus gu biadh a bha dèanamh tòrr dhiubh gu math bochd.

← Air ais gu liosta nan òran