Bothan Àirigh am Bràigh Raineach
Sgìrean Eile
15 An t-Ògmhios 2016
Òran le: gun urra
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Morvyn Mheinnearach
Chan eil fhios againn cò rinn an t-òran seo ach lorg mi e ann an cruinneachadh MhicLagain, ML 92, G 242-44. Thathar ag ràdh gun d’ rinn boireannach òg na faclan seo mu fhear mac-meanmnach.
Bu thoil leam taing mhòr a thoirt dha Ealasaid NicDiarmaid airson a cuid taice is brosnachadh ’s mi ag ionnsachadh mu chànan is ceòl na Gàidhlig ann an Siorrachd Pheairt.
Faclan
Gur e m’ anam is m’ eudail
Chaidh an-dè do Ghleann Garadh,
Fear na gruaige mar an t-òr
Is nam pòg air bhlas meala.
Sèist:
O hi ò hù ò, o hi ò hù ò,
Hì ri ri ri ò hu èile
Hì ri rì ri o gheallaibh ò
Is tu as fheàrr don tig deise
De na sheasadh air thalamh,
Is tu as fheàrr don tig culaidh
De na chunna mi dh’fhearaibh.
Sèist
Is tu as fheàrr don tig osan
Is brog shocrach nam barraill,
Còta Lunnainneach dubh-ghorm
Is bidh na crùintean ga cheannach.
Sèist
An uair a ruigeadh tu an fhèill
Is e mo ghèar-sa a thig dhachaigh –
Mo chriosan is mo chìre
Is mo stìomag chaol cheangail;
Sèist
Mo làmhainnean bòidheach
Is dèis òir air am barraibh;
Mo sporan donn iallach
Mar ri sgian nan cas ainneamh.
Sèist
Thig mo chrios à Dùn Èideann
Is mo bhrèid à Dùn Chailleann;
Cuime am biomaid gun eudail
Agus sprèidh aig na Gallaibh?
Sèist
Gheibh sinn crodh às a’ Mhaorainn
Agus caoraich à Gallaibh:
’S ann a bhios sinn gan àrach
Air àirigh am Bràigh Raineach.
Sèist
Ann am bothan an t-sùgraidh,
Gur e bu dùnadh dha barrach;
Bhiodh a’ chuthag ’s an smùdan
A’ gabhail ciùil dhuinn air chrannaibh.
Sèist