Chaidh Mis’ a dh’Eubhal Imprig

Na h-Eileanan Siar

29 An t-Ògmhios 2021

Òran gun urra Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Peigi Nic a’ Phiocair

Faclan

Hem bò, ho luì leò,
Ro challa leò èileadh,
Hem bò, ho luì leò.

Chaidh mis’ a dh’Eubhal imprig,
Hem bò, msaa.
’S thog mi gàrradh, lìon mi iodhlann,
Chan ann dhan eòrna ghlan thioram
Ach a dh’òigridh ceist mo chinnidh;
’S ghabh mi mo chead ris na beannan,
A dh’Eubhal mhòr ’s Bheinn na h-Aire,
Caolas Rònaigh na seòl geala
Gu Eilein nam Mucan-mara.

’S ann agam fhìn bha na bràithrean,
Ùisdean, Lachlann, Eachann, Teàrlach,
Iain is Raghnall is Ràghall,
’S Alasdair na gruaige fàinnich.

Mìle marbhphaisg ort, a dhuine,
’S aotram do cheum, ’s trom do bhuille,
Ach mo mhallachd aig do mhuime
Nach do leag i ort glùn no uileann
Mun mharbh thu na fir oirnn uileag.

Ùisdein ’ic ’Ill’Easbaig Chlèirich,
Far na laigh thu slàn nar èirich!
Sgeula do bhàis gu mnathan Shlèite,
’S thugamsa mo dhearbh-chuid fhèin dhi.

Mar a thagh mi an t-òran

Lorg mi an t-òran seo anns an leabhar Duanaire na Sracaire – Anthology of Medieval Gaelic Poetry deas. Wilson MacLeod & Meg Bateman (Dùn Èideann, 2007: 424-427). ’S ann an sin a fhuair mi na faclan agus an fhiosrachadh mun òran ach fhuair mi am fonn bho bhith ag èisteachd ris air a sheinn le Fanaidh NicÌosaig air Tobar an Dualchais. Chòrd an t-òran seo rium leis gur ann bho shealladh nighean òg de mhuinntir ’ic a’ Phiocair Uibhist a Tuath a tha e agus gur e sin m’ainm fhìn agus bhuinneadh aon taobh dhe mo theaghlach dha Uibhist.

An t-ùghdar

Chan eil fhios agam cò rinn an t-òran seo ach tha e coltach gur ann bho shealladh nighean òg a tha a’ caoidh murt a bràithrean aig deireadh an t-siathamh linn deug ann an Uibhist a Tuath a tha e. Chaidh am marbhadh le Ùisdean MacGhillEasbaig Chlèirich – fear olc a bhuinneadh do Dhòmhnallaich Shlèite.

An t-òran

Chaidh an t-òran seo a dhèanamh aig deireadh an t-siathamh linn deug agus ’s ann mu nighean òg de mhuinntir ‘ic a’ Phiocair a’ caoidh murt a bhràithrean le Ùisdean MacGhillEasbaig Chlèirich a tha e. ‘S e thachair gun do rinn an ceann-cinnidh Ùisdean na bhàillidh air Uibhist a Tuath ach aig an àm cha robh fhios aige gun robh Ùisdean an tòir air an fhearann aca. Dh’fheuch Ùisdean geur-leanmhainn a dhèanamh air Clann ‘ic a’ Phiocair le eich, coin is claidheamhan ach, nuair a fhuair an ceann-cinnidh a-mach mu dheidhinn, ghlac e Ùisdean aig Dùn an Sticir agus thug e null dhan Eilean Sgitheanach e, gu Caisteal Dhùn Thuilm. An seo bhiath e Ùisdean le feòil shaillte gus an do bhàsaich e le pathadh.

Fiosrachadh eile

Bhuinneadh Ùisdean MacGhillEasbaig Chlèirich do Dhòmnhallaich Shlèite ach aig an àm seo b’ e bàillidh Uibhist a Tuath a bh’ann, le droch rùintean. Fhad ’s a bha e ann an Uibhist bhiodh e a’ fuireach aig Dùn an Sticir agus b’ ann an seo a bha e nuair a chuala e gun robh daoine às a dhèidh. Rinn e oidhirp a bhith ann an riochd boireannaich gus nach aithnicheadh iad e, agus dh’obraich sin airson ùine ach, mu dheireadh thall, chaidh a ghlacadh agus a thoirt a-null dhan Eilean Sgitheanach. Fhad ’s a bha e ann an Dùn Tuilm bha e glaiste san toll-dubh anns a’ chaisteal.

Buidheachas

Taing mhòr do Chalum Ailig Mac a’ Mhaoilein airson an stiùireadh aige agus dha m’athair airson a bhith a’ brosnachadh cuspairean rannsachaidh dhomh.

← Air ais gu liosta nan òran