Chì mi Cleatrabhal Bhuam
Na h-Eileanan Siar
29 An t-Ògmhios 2021
Òran le Aonghas MacGillFhaolain (1912-1995) Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Peigi Nic a’ Phiocair
Faclan
Chì mi Cleatrabhal bhuam
Carra-crom an taobh tuath
Beinn Olghaidh ’s an stuagh fo sròin.
An Tigh a’ Gheàrraidh ma thàmh
Am fàile fìorghlan an t-sàil
’S a nuallan, le gàir ’s gach cròic
Chì mi Cleatrabhal bhuam…
Taigh a’ Gheàrraidh nan cluan
’S nan cnocan glas-uain’
Nan loch bhileagach ruadh ’s nan lòn.
Chì mi Cleatrabhal bhuam…
’S fada sealladh mo shùil –
Monadh Hearach an fhraoich
Gu Barraigh bheag mhaol nam bò.
Chì mi Cleatrabhal bhuam…
Na h-aonar san iar
Hiorta bhiorach nan eun
’S Haisgear eagach far an caidil na ròin.
Chì mi Cleatrabhal bhuam…
Eilean Heisgeir e fhèin
A dh’ àraich maraichean treun
Bu ghaisgeil an dèidh na seòid.
Chì mi Cleatrabhal bhuam…
Ard an Rùnair nan tonn
A dheasaich bàrdachd an com
Mhic Codrum ’s gum b’ fhonnmhor a cheòl.
Chì mi Cleatrabhal bhuam…
Bailtean Phaibil nan raoin
Far ’m bu torrach an grunnd
San do chinn cho sùghmhor an t-eòrn’.
Chì mi Cleatrabhal bhuam…
Gu deas seallaidh mi sìos
Tha beinn mhòr leathann, liath,
Le rolagan snìomhach de cheò.
Chì mi Cleatrabhal bhuam…
Tha beanntan ìosal is glinn
Eadar mis’ agus Lì
Agus dubh-lochan mhìle meòir.
Chì mi Cleatrabhal bhuam…
Fearann Sholais an àigh
Cha do dh’ ainmich mo dhàn
Na Baile MhicPhàil ghorm an fheòir.
Thug mi Cleatrabhal bhuam…
Mi nam shuidh air a’ chàrn
Eadar monadh is tràigh
Chì mi machair is àill’ fo na neòil.
Chì mi Cleatrabhal bhuam…
’S iomadh fear agus tè
Thall an dùthchannan cèin
’S bidh an cuimhne, le spèis, don òig.
A chunnaic Cleatrabhal ‘uath…
Nach bu chiatach bhith ’n-dràst’
Ann an dùthaich an gràidh
Nan suidh’ air a’ charra na chòir.
A’ faicinn Chleatrabhal ‘uath’…
Tha cnoc Cholasaigh balbh
Far an caidil na dh’fhalbh
Nach fairich fallas air garbh-chlach nas mò.
A chunnaic Cleatrabhal uath’
Carra-crom an taobh tuath
Beinn Olghaidh ’s an stuagh fo sròin.
Mar a thagh mi an t-òran
Chuala mi an t-òran seo air an rèidio nuair a bha mi a’ tòiseachadh air rannsachadh a dhèanamh airson Fuaran agus bhuail e orm leis gur ann mu Chleatrabhal ann an Uibhist a Tuath a tha e. ’S ann faisg air sin, ann am Baile Loch, a bhios mo theaghlach a’ fuireach nuair a bhios sinn a’ tadhal air ar càirdean a tha fuireach air taobh siar an eilein. B’ e Ceana Chaimbeul a bha ga ghabhail agus an dèidh èisteachd ris turas no dhà eile rinn mi barrachd rannsachaidh agus lorg mi na faclan sgrìobhte san leabhar ‘Beagan Bàrdachd à Uibhist a Tuath’ anns a bheil na dàin aig Aonghas Lachlainn.
Mun ùghdair
Rugadh agus thogadh Aonghas MacGillFhaolain, Aonghas Lachlainn, ann an Taigh a’ Gheàrraidh ann an Uibhist a Tuath sa bhliadhna 1912. Bha dùil aige faighinn air falbh gu tìr-mòr cho luath ’s a bha e deiseil leis an sgoil ach bha aige ri fuireach aig an taigh gus obair air croit athar. Nuair a dh’fhàg e, aig aois 24, dh’fheuch e air Glaschu gus obair fhaighinn air na bàtaichean ach leis nach robh mòran eòlais aige cha do mhair e ro fhada. An dèidh sin rinn e air Lunnain agus thòisich e ag obair do Sheirbheis nan Taighean-solais timcheall air cladaichean Shasainn. Air adhbharan slàinte bha aige ri tilleadh dhachaigh as dèidh ùine shìos mu dheas gus a bhith ri croitearachd còmhla ri a phiuthar agus a bhràthair, ged a chanadh e nach b’e croitear math a bh’ann idir. An seo bhiodh e a’ cur bàrdachd ri chèile, an dà chuid na inntinn agus tro bhith ga sgrìobhadh.
An t-òran
Tha Aonghas Lachlainn a’ toirt sealladh dhuinn air na chithear bho Chleatrabhal, a’ tòiseachadh le Taigh a’ Gheàrraidh, dachaigh an ùghdair. Chì e cho fada ris na Hearradh agus Barraigh, an uairsin a-mach gu Hiort agus Heisgeir. Nas fhaisge air laimh, Paibeil, Beinn Lì agus Solas, agus a’ crìochnachadh le Cnoc Cholasaigh agus a’ Charra Chrom (ainm an taighe agam san Eilean Sgitheanach) Tha e a’ meòrachadh air na dh’fhalbh agus na daoine ris an còrdadh e a bhith ann, ach nach urrainn a bhith ann. Sa mhòrchuid, ’s e moladh a th’ann de bhòidhchead Uibhist a Tuath agus na h-Eileanan Siar eile.
Fiosrachadh eile
’S e cnoc air taobh siar Uibhist a Tuath a th’ann an Cleatrabhal. Chithear e bho bhailtean Thaigh a’ Gheàrraidh, Hogha Gearraidh, Hòsta, Baile Loch agus nas fhaide. Tha an t-ùghdar a’ dèanamh iomradh air daoine nach eil ann an Uibhist ach a mhiannaicheadh a bhith ann, ma dh’fhaodte eilthirich agus saighdearan nach do thill.
Buidheachas
Taing mhòr do Chalum Ailig Mac a’ Mhaoilein airson an stiùireadh aige agus dha m’athair airson a bhith a’ brosnachadh cuspairean rannsachaidh dhomh.
