Ciad Turas MhicDhòmhnaill a Ghlaschu
Sgìrean Eile
29 An t-Ògmhios 2021
Òran le Uilleam Marshall (1935-1996) Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Sophie NicDhòmhnaill
Faclan
When I came to Glasgow first, a-mach gu Tìr nan Gall,
I was like a man adrift, air iomrall ’s dol air chall;
The noise it seemed like thunder, chuir e tuainealaich nam cheann,
And often-times I wished I was air ais an tìr nam beann.
A’ fuaim a bh’ aig na tramway cars was rumbling in my ears,
Nuair chaidh mi sìos am Broomielaw, my eyes were full of tears,
Mi guidhe gu robh mi air ais in my dear native home,
Gur truagh an nì gur Gàidheal mi in Glasgow all alone.
Na fireannaich ’s na boireannaich who met me on my way –
An dòighean cha do chòrd iad rium, they had too much to say;
Bha cuid dhiubh ’g iarraidh airgead orm, and when I said, “Clear away!”,
Gun d’ chuir iad a-mach an teanga rium, and nasty things did say!
Thog sin suas mo nàdar-sa, my temper it got wild,
Is chaidh mi sìos gun sgapainn iad along the banks of Clyde;
Fhuair mi greim air balach dhiubh and I tossed him round my head,
Thilg mi meadhan na sràideadh e, and they picked him up for dead.
Thàinig an sin am polasman, a splendid man was he,
Duine gasta, spèisealta, belonging to Portree;
Thuirt e rium, “O, òganaich! What, what is all this row?”
“Chaidh iadsan riumsa a chonnsachadh and I will tell you how”.
Thòisich mi ri innse dhà, he’d heard the likes before,
Is rinn e fead ra chompanach who stood in the shop door,
Thug e mach a leabhar and pretended down to write
Mar a thòisich Iain Dòmhnallach the Lowlanders to fight.
Bha nàire mòr is mi-ghean orm to be in such a fix,
Thuirt e rium, “On ’s Gàidheal thu, you’ll have to stop those tricks.
Fhalbh,’s na dèan a leithid gu bràth, just treat them with disdain,
Oir gu cinnteach cuiridh mis thu ’n sàs if you do the likes again!”
Thug mi taing gu cridheil dha and I went upon my way:
Tha iomadh bliadhn’ on latha sin - I’m in Glasgow to this day;
Faithnichidh mi gach cùil a th’ann, I know my Glasgow well,
’S an caoimhneas mòr mo choimhearsnach I ever more shall dwell.
Mar a thagh mi an t-òran
Bha mi a’ miannachadh tuilleadh òrain a’ lorg à Glaschu a chionn ’s gur ann an seo a bha mi air mo thogail agus cuideachd seo far an do dh’ ionnsaich mi Gàidhlig. Ged a tha mi air iomadh òran bhon a’ Ghàidhealtachd ionnsachadh, cha do thachair mi roimhe air òrain bho Glaschu. Thàinig mi tarsainn air an òran seo as dèidh dhomh a bhith a’ bruidhinn ri Màiri Anna NicUalraig agus dh’ionnsaich mi gun robh an aon smaoin aice agus thug seo orm rannsachadh a dhèanamh air a’ chuspair seo. Chòrd an t-òran seo gu mòr rium air sgàth ’s gun robh e dà-chànanach agus cho ìnntineach agus diofraichte bho rud sam bith a chuala mi roimhe.
An t-ùghdar
Rugadh Uilleam Marshall ann an sgìre Bhruach Chluaidh ach ghluais e nuair a bha an t-àite seo air a sgrios san Dàrna Cogadh. Bha a chiad dachaidh air Sràid Bannerman, Bhruach Chluaidh, a chaidh a dhroch mhilleadh ann an ionnsaigh bhomaichean Gearmailteach ann an 1941. Chaidh Uilleam òg a ghluasad gu Dùn Bheagain, An t-Eilean Sgitheanach, agus b’ ann an seo a dh’ionnsaich e Gàidhlig fhileanta. An dèidh a’ Chogaidh thill e a Ghlaschu agus bhiodh e a’ dol dhan Eilean Sgitheanach airson saor-laithean agus mar sin neartaich e na sgilean cànain aige. Thòisich e a’ seinn ann an 1967 nuair a mhothaich daoine gun robh tàlant aige aig cèilidh ann am Baile Ghobhainn agus bhon a sin bha e a’ seinn air a’ rèidio agus aig cuirmean eile gu tric. Chlàr e Songs of a Skye Man ann an 1988.
Mun òran
Tha an t-òran macaronic seo a’ cleachdadh Beurla agus Gàidhlig ann an dòigh a tha a’ sealltainn, ann an dòigh eutrom agus èibhinn, mar a bha an connsachadh cultarail ann an Glaschu aig an àm. Tha iomadh duine ris na bhruidhinn mi ag ràdh gum b’ àbhaist òrain den stoidhle seo a bhith air an cluinntinn gu tric nuair a bha iad òg, ach a-nis nach eil iad rin cluinntinn idir. Tha an stoidhle macaronic seo uabhasach ùr dhomhsa. Tha e a’ toirt beachd soilleir air an t-suidheachadh anns an robh tòrr Ghàidheil ann an Glaschu agus mar a bha am beatha. Tha an t-òran a’ mìneachadh an aonaranachd a bha am bàrd a’ faireachdainn agus am mì-rian. Ach aig deireadh an òrain is e air a bhith a’ fuireach ann an Glaschu airson iomadh bliadhna, tha e a-nis cho eòlach air a’ bhaile.
Fiosrachadh eile
Tha Uilleam Marshall a’ mìneachadh mar a bha an suidheacahdh airson tòrr daoine a bha a’ gluasad gu Glaschu bhon a’ Ghàidhealtachd (feumaidh gun robh e eòlach air daoine a bha mar seo ged a bha e air a thogail ann an Glaschu). Ghluais iad air sgàth ’s nach robh tòrr obair ri fhaighinn anns na h-Eileannan agus bha barrachd cothroman obrach ann an Glaschu. Bha iad a’ tighinn bho sgìre shocair, shàmhach, fhalamh, gu àite trang agus làn fuaim; tha an dà chultar seo uabhasach eadar-dhealaichte, agus ’s beag an t-iongnadh gun robh e duilich fàs suas ri beatha agus cànan ùr. Tha an t-òran a’ bruidhinn mu dheidhinn poileas agus aig an àm seo bha tòrr de phoilis Ghlaschu bhon a’ Ghàidhealtachd. Mar seo, ma bha thu ann an trioblaid bha e na bhuannachd dhut ma bha thu nad Ghàidheal. Beagan mar “get out of jail free (this time) card” anns na faclan aig Màiri Anna NicUalraig. Tha seo a’ sealltainn ged a bha e duilich uaireannan, bha dìlseachd eatarra agus b’ urrainn spòrs a bhith aca cuideachd.
Buidheachas
Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Jo NicDhòmhnaill, Màiri Anna NicUalraig agus Tormod Caimbeul a chuidich mi lem rannsachadh.