Co-dhiù Thogainn Fonn nan Gaisgeach

A' Ghàidhealtachd

28 An t-Ògmhios 2021

Òran le Iain MacIlleathain (naoidheamh linn deug) Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Calum Rosach

Faclan

Co-dhiù thogainn fonn nan gaisgeach
Anns gach àit’ an òlainn drama;
Co-dhiù thogainn fonn nan gaisgeach.

’S e Dotair Dòmhnallach tha mi ’g ràidhtinn –
Is mac croiteir e gun àicheadh;
Thug e buaidh air Fear Nobhàr,
À Taigh na Pàrlamaid, chùm e mach e.

Ach gur e mo cheist an t-uasal
Sheas gu dìleas anns a’ chruadal;
Thug e nise uile buaidh orr’,
’S tha e shuas a dheòin no dh’aindeoin.

Bha na ragaichean an-còmhnaidh
A’ sìor ruith leis an cuid bòilich,
Ag innse air a h-uile dòigh
Gun tugadh Nobhàr òg dhuinn ceartas.

Ach gur e mo cheist an t-àrmann
A fhuair urram mòr nan Gàidheal;
Thug e buaidh air a nàmhaid,
’S bheir e bhàn dhuinn màl an fhearainn.

Tha Dotair Dòmhnallach làn chruadail;
Dh’èirich Leòdhas bhon taobh tuath leis,
Siorramachd Rois nam fearaibh cruaidh –
’S e an t-Eilean Dubh chùm suas a’ bhràtach.

’S ann a tha mo cheist air Ruairidh
A fhuair urram bhon taobh tuath seo,
’S tha e nis am measg nan uaislean
Chum bhith cumail suas a’ cheartais.

Bha ’n Dòmhnallach Camashron air thùs ann –
’S mòr tha bhailtean air a chùram;
Ma gheibh esan uile dhùrachd,
Cha bhi cùram oirnn à ceartas.

Dotair Clarc, an sàr dhuin’-uasal,
’S mòr bu mhisde sinne uainn e;
Air Mac-na-Ceàrda thug e buaidh,
’S bheir e bhuainn am fuachd ’s an t-acras.

Tha Jessie Collings air ar cùlaibh
Gu ar seasamh aig na cùirtean,
’S chan eil bàillidh fon a’ Chrùn
Bheir màl dùbailt’ bhuainn an ath-bhliadhn’.

Na Cataich nach do sheas cho cruaidh
’S bu chòir dhaibh aig àm a’ chruadail,
Bhiodh aca Sutharlanach suairce
Chuireadh gruaim air Diùc ’s air Marcuis.

Ach gur sinne tha stàideil
Le Dotair Dòmhnallach ’s MacPhàrlain,
Friseal Mac-an-Tòis’, an t-àrmann;
’S ann tha tàir aig muinntir Chataibh.

Mar a thagh mi an t-òran

Lorg mi an t-òran seo anns an leabhar “Tuath is Tighearna” le Dòmhnall Meek, agus thog e m’ ùidh. Ged nach robh mi eòlach air an sgeulachd seo, b’ inntinneach an t-òran agus an sgeul fhèin. Chuir e nam chuimhne òrain-molaidh eile a th’ againn air feadh na Gàidhealtachd, a’ moladh nam beò agus nam marbh mar an ceudna. Cha do leugh mi fhìn fear ann an dòigh phoilitigeach mar seo, agus às dèidh a leughadh shaoil mi gum b’ e nì inntinneach a bh’ann tionndadh ùr a thoirt do òran-molaidh mar seo, gu h-àraidh sna làithean an-diugh, ged a chaidh a sgrìobhadh ann an 1885! Bha e gu math co-aimsireil dhomh. B’ ann às leth nan croitear agus an tuath a chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh agus bha mi airson am buaidh uile a chomharrachadh agus a thaisbeanadh dhuibh faisg air ceud, trithead ’s a còig bliadhna às dèidh an latha àraidh seo.

An t-ùghdar

Bhuineadh an t-ùghdar, Iain MacIlleathain, do Dhroighnidh (“Drynie Park”), Maol Buidhe (Mulbuie) air an Eilean Dubh agus bha e beò anns an naoidheamh linn deug. Bha e mun cuairt aig taghadh coitcheann agus bha e an sàs anns a’ bhuidheann ionadail aig an “Highland Land Law Reform Association”. A bharrachd air a bhith na bhall, b’ e bàrd dhan bhuidheann ionadail a bh’ ann. Mar sin, feumaidh gun do sgrìobh MacIlleathain bàrdachd eile dhan bhuidheann agus dha chompanaich.

An t-òran

Tha an t-òran seo a’ comharrachadh buaidh an Dotair Ruairidh Dòmhnallach anns an taghadh coitcheann ann an 1895. Thug an Dotair buaidh air “Fear Nobhàir,” a bha a’ seasamh na aghaidh, agus b’ e tlàchd agus rùn na tuatha seo, le dòchas gun tigeadh piseach a thaobh leasachadh an fhearainn agus còirichean nan croitearan. A dh’aindheoin ’s gu robh taic nam pàipearan-naidheachd (“na ragaichean”) aig Nobhàr, cha d’ fhuair e buaidh.

Fiosrachadh eile

’S ann à Droighnidh, Maol Buidhe, a bha MacIlleathain, baile faisg air a’ Bhlàr Dhubh, air an Eilean Dubh. Air sgàth ’s gur ann mu taghadh a tha an t-òran tha iomraidhean ann air an Eilean Dubh, Siorramachd Rois agus Cataibh mar an ceudna. A rèir a’ bhàird bha an t-Eilean Dubh gu math an sàs anns an iomairt le dùil cùisean fearainn an Eilein Dhuibh agus còirichean nan croitearan a leasachadh; “’S e an t-Eilean Dubh chùm suas a’ bhratach.”
Tha iomradh air “Fear Nobhàr” ann, Munro-Fergusson à Nobhàr, baile an ear-thuath air Baile Eòghainn, Ros an Ear. Sheas “Nobhàr” às leth nan Libearalach. Cha do choisinn e taic an tuath ged a bha na pàipearan-naidheachd (“na ragaichean”) a’ tairgse taice agus molaidhean dha. A dh’aindheoin an “cuideachadh” cha b’esan a fhuair buaidh.
Tha iomradh beag ann air Diùc Chataibh agus am Marcuis, daoine nach biodh deònach an taic a chur ri croitearan no luchd-leasachaidh dualchasach. Bha an aon dìmeas aca ga dhèanamh air an tuath leis gum biodh iad deònach gu fàgadh buaidh an Dòmhnallaich “... gruaim air Diùc ’s air Marcuis.”

← Air ais gu liosta nan òran