Crodh Chailein
Sgìrean Eile
15 An t-Ògmhios 2016
Òran le: gun urra
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Morvyn Mheinnearach
Gheibhear seo anns an leabhar ‘The Killin Collection of Gaelic Songs with Music and Translations’ le Teàrlach Stiùbhart à Siorrachd Pheairt. Chleachd mi am port a tha san leabhar agus bha seo, a rèir coltais, air a sheinn son bhliadhnaichean ann an Gleann Lìobhann.
Le taing mhòr dha Tony Dilworth airson a chuid taice is comhairle.
Faclan
Cha chaidil, cha chaidil,
Cha chaidil mi uair,
Cha chaidil mi idir
Gus an tig na bheil bhuam.
Gun toireadh crodh Chailein,
Dhomh bainn’ air mo ghaol,
Air mullach a’ mhonaidh,
Gun duine nar taobh.
Crodh Chailein mo chridhe,
Crodh Iain, mo ghaoil;
Crodh lìonadh nan gogan,
Crodh togail nan laogh.
Gu bheil sac air mo chridhe,
’S tric snigh’ air mo ghruaidh,
Agus smuairean air m’ aigne,
Chùm an cadal seo bhuam.
Crodh Chailein, mo chridhe,
Crodh Chailein, mo ghaoil;
Crodh ciar-dubh, breac-ballach,
Air dath na circ’-fhraoich.
Cha tèid mi don bheithe,
No thional nan crò;
Air breacan donn ribeach
Tha mi feitheamh nam bò.
Crodh Chailein, mo chridhe,
Crodh Iain, mo ghaoil;
Crodh lìonadh, nan gogan,
Crodh togail nan laogh.