Cumha Ghriogair MhicGriogair

Sgìrean Eile

15 An t-Ògmhios 2016

Òran le: gun urra *
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Morvyn Mheinnearach

Seo tionndadh bho Ghleann Lìobhann den òran ainmeil seo a fhuair mi ann an Cruinneachadh Chill Fhinn de dh’òrain Ghàidhlig a chruinnich Teàrlach Stiùbhairt.

Tha an t-òran ag innse mu mar a tha bana-Chaimbeulach òg a tha fo ghealladh-pòsaidh aig Baran na Dalach air teicheadh airson a bhith còmhla ri Griogair MacGriogair Ghlinn Sreith.

Le taing mhòr dha Tony Dilworth airson a chuid taice is comhairle.

Faclan

Moch madainn là Didòmhnaich
Bha mi sùgradh rim ghràdh;
Ach mun tàinig meadhan-là
’S mise bha air mo chràdh.

Sèist;
Ochain, ochain, ochain uiridh,
’S goirt mo chridhe, a laoigh;
Ochain, ochain, ochain uiridh,
Cha chluinn d’ athair ar caoidh!

Nam biodh dà fhear dheug de chinneach,
’S mo Ghriogair air an ceann,
Cha bhiodh mo shùil a’ sileadh dheur,
No mo leanabh fhèin gun dàimh.

Sèist

’S truagh nach robh m’ athair ann an galar,
Agus Cailein am plàigh,
Ged bhiodh nighean an Ruadhanaich
Suathadh bas is làimh.

Sèist

’S truagh nach robh Fionnlairg na lasair,
’S Bealach mòr na smàl,
’S Griogair bàn nam basa geala,
Bhith eadar mo dhà làimh.

Sèist

Ged bhiodh cur is cathadh ann,
Is “latha nan seachd sian,”
Gheibheadh Griogair dhòmhsa cragan,
San caidlimid fo dhìon.

Ba hu, ba hu, àsrain bhig,
Chan eil thu fhathast ach tlàth:
’S eagal leam nach tig an là
Gun dìol thu d’ athar gu bràth.

* Thathar den bheachd gum b’ i Mòr Chaimbeul a rinn an t-òran seo:

“…the most likely author of the verses was Marion Campbell (Mór nighean Dhonnchaidh), daughter of Duncan Campbell of Glenlyon (Donnchadh Ruadh na Féile), who was widowed by those events.”

(Blankenhorn, 2014, p. 6)

← Air ais gu liosta nan òran