Duan na Muildheartaich
Earra-Ghàidheal is Bòd
22 An Giblean 2020
Gun Urra
Seachdain 17 – 22.04.2020
Air a ghabhail le Eilidh NicCarmaig
Faclan
Latha dhan Fhìnn air Tulach Chòir
A’ coimhead Èirinn far mòr thimcheall
Chunnacas a’ tighinn air bharraibh thonn
An earra chraoileach chràileach chrom
’S e b’ ainm dhan nì nach bu mhisg
A’ Mhuildheartach mhaol ruadh
O chrìochan Loch’nach thar sàil
Gu Èirinn a chomhachadh uile
Bha claidheamh meirgeach air a crios
An àm na feirge clisge cas
’S bha dà shleagh fhada chaol
Air an taobh eile dhan chaillich
Nuair dh’fhairich iad calg na bèisteadh
Dh’èirich Fionn, flath na Fìnneadh,
’S dh’èirich Oisean, flath nam fear,
’S gun do dh’èirich sin agus Cearathall.
Dh’èirich Oisean ud thall,
Dh’èirich sin is Ardann
’S dh’èirich Diarmad Mac Rìgh Lòin
’S gun d’ dh’èirich sin is Fionn is Goilean.
Ceathrar a b’ fhoghaintiche a bha san Fhìnn
A chaidh a chòmhnadh na bèisteadh;
Bha i ga frithealadh ma seach
Ma nì a lann air a’ lasair.
“Mo bheud!” arsa Gobha nan Duan,
“Ma mharbhadh mo Mhuildheartach maol ruadh
Nach tàinig a dhaoine na shluagh
A bheireadh fuil air a maol ruadh.
Mar do shluig i talamh toll
Bàthadh a muir sleamhainn lom,
’S mòr a nàire do Flaith Fàil
Gèill thoirt do luchd aoin-eilein.
Bheirinn mo bhriathran gu dian
Ma mharbhadh mo Mhuildheartach an Èirinn
Nach fàgainn-sa clach an allt
An fhine neo fàsach neo fonn
Gun togail leam air bhàrr mo long
’S Èirinn chothromach thoirt leam.
Thàrla Mac Cumhaill an àigh
’S a’ Mhuildheartach làimh air làimh;
Fearna chan fhacas mar sin
Bho cheardach Gobha Chloinn ’ic Lìobhainn.
Bha dealt air bharraibh a sleigh
Aig Mac Cumhaill an taoibh ghil;
Bha taobh a guailleadh ri bun
’S bha braon dha fuil air na fraochan.
Cha do mharbh i ach an Fhìnn,
Buidheann ma nach buinnigte gill,
’S thug an gobha leis a brìgh
Gu Iar Leòmhann an t-àrd-rìgh.
An Duan
’S e sgeulachd a tha anns an duan seo mu shabaid mhòr eadar Fionn agus an Fhèinn agus an sgroidhd-mara iargalta A’ Mhuildheartach no A’ Mhuildheartach Bhuidhe. A rèir na sgeòil bha Rìgh Èirinn airson faighinn cuidhteas dhan Fhèinn ann an Èirinn agus dh’iarr e cuideachadh air Rìgh Lochlainn, a chur an uilebheist no a’ bhana-bhuidseach A’ Mhuildheartach, a dh’Èirinn ach an cuireadh i às dhaibh.
B’ e sealladh oillteil a bha innte. Cha robh ach aon shùil eagalach na ceann. Bha a h-aghaidh dubh-ghorm, a fiaclan le sgealbhan cnàimh annta, a falt robach, ròmach, agus ghluaiseadh i sa mhuir cho luath ri rionnach. A rèir cuid bha iolaire no grìbhean, le spuirean mar mheanglain craoibh, air a ceann. An dèidh sabaid chruaidh tha an Fhèinn ga marbhadh:
Bha i gam frithealadh mu seach
Mar a ruitheadh lann roimh lasair
Gus an do thachair MacCumhail an àidh
’S a’ Mhuildheartach làmh ri làmh.
An aicheadh chan fhacas mar sin
O cheàrdach Lonn Mhic an Lìobhann
Bha dealt air bharraibh a shleagh
Aig MacCumhail an taoibh ghil.
Bha i gam frithealadh mu seach
Mar a ruitheadh lann roimh lasair
Gus an do thachair MacCumhail an àidh
’S a’ Mhuildheartach làmh ri làmh.
An aicheadh chan fhacas mar sin
O cheàrdach Lonn Mhic an Lìobhann
Bha dealt air bharraibh a shleagh
Aig MacCumhail an taoibh ghil.
Bha i gam frithealadh mu seach
Mar a ruitheadh lann roimh lasair
Gus an do thachair MacCumhail an àidh
’S a’ Mhuildheartach làmh ri làmh.
An aicheadh chan fhacas mar sin
O cheàrdach Lonn Mhic an Lìobhann
Bha dealt air bharraibh a shleagh
Aig MacCumhail an taoibh ghil.
Bha ’taobh air a tholladh le guin
Bha braon dh’ a fuil air na fraochaibh;
Mharbhadh a’ Mhuildheartach leis an rìgh
Ma mharbhadh cha b’ e ’m marbhadh mìn.
Buinidh Duan na Muildheartach agus Duan na Ceàrdaich, ’s dòcha an dà dhuan a b’ fhaide a mhair air bilean an t-sluaigh, do na sgeulachdan mòra gaisgeil mu Fhionn MacCumhail agus an Fhèinn agus chaidh an cruthachadh cho fada air ais ’s dòcha ris an deicheamh linn.
Tha seòrsaichean eadar-dhealaichte de Dhuan na Muildheartaich agus iomadh duan eile rim faighinn ann an Leabhar na Fèinne, deasaichte le Iain F. Caimbeul, a chaidh fhoillseachadh às ùr le Irish University Press ann an 1972. Tha Duan na Muildheartaich cuideachd ri lorg anns an leabhar Popular Tales of the West Highlands Vol 2 Birlinn, Dùn Èideann 1994.
