Eilean Leòdhais leis a’ Ghàidhlig

Na h-Eileanan Siar

28 An t-Ògmhios 2021

Òran le Uilleam MacCoinnich (1857-1907) Air a rannsachadh is air a ghabhail le Alice Nic a’ Mhaoilein
Air a sheinn air fonn - Hòro Nighean, Hòro Nighean

Faclan

Eilean Leòdhais, Eilean Leòdhais,
Eilean Leòdhais leis a’ Ghàidhlig,
An taobh an Ear tha Rubh’ ’n t-Siumpain,
Seo, a rùin, san deacha m’ àrach.

Eilean ’s a bheil daoine còire
Iad a’ còmhradh anns a’ Ghàidhlig,
Cha reiceadh iad air an òr i,
Bidh i ’n còmhnaidh ac’ sna blàraibh.

Chunna mi e ’n eachdraidh sgrìobhte,
Gun robh i aig ar sinnsir, Adhamh,
’S nuair a chaidh an fhairge sgaoileadh
Gun robh i aig Maois san fhàsach.

Gabh gu cogadh no gu sìth iad,
Fàg air tìr no cuir gu sàl iad,
Chan eil cinneach eile chualas,
A bheir buaidh air luchd na Gàidhlig.

’S mòr an comharr’ thug an rìgh dhuinn,
Air an t-sìth a th’ anns na Gàidheil,
Nuair a fhuair e crùn na rìoghachd,
Thug e sgrìob air feadh na Gàidhealtachd.

Mhol e ’n t-eilean ann an uaisleachd,
’S mhol e ’n sluagh airson an cànain,
’S mhol e iad airson an stuamachd,
’S mhol e bhuaidh a bh’ anns a’ Ghàidhlig.

’S ann nam measg a rugadh òg mi,
Ann an Leòdhas a chaidh m’ àrach,
Far ’n do dh’ionnsaich mi bhi ’g òran,
Measg nan òighean air an àirigh.

Mar a thagh mi an t-òran

Thagh mise dà òran (Eilean Leòdhais leis a’ Ghàidhlig agus Mo dhùthaich ri tighinn air m’ aire) a chaidh a sgrìobhadh le Uilleam MacCoinnich, Bàrd Chnoc Chùsbaig mar a tha sinne eòlach air. Bha mi airson òrain a dhèanamh aig an robh ceangal rim theaghlach fhèin. Tha tòrr diofar sgrìobhadairean againn san teaghlach ach thagh mi Uilleam chionns gu robh e a’ fuireach dìreach sìos an rathad bhuamsa. Cuideachd, bha mi airson amhrain a thaghadh nach cluinnear cha mhòr aig duine an-diugh. Bha e gu math cudromach dhomh dà òran a thaghadh nach eil air an gabhail tric airson briathrachas a’ bhàird a thoirt seachad.

An t-ùghdar

Rugadh Uilleam Dhòmhnaill ’ic Choinnich ann an Siadar an Rubha, Leòdhas, ann an 1857. Thàinig cuideachd athar dhan Rubha bho thaobh Loch Seilg air na Lochan agus thàinig màthair Uilleim, nighean Mhurchaidh Mac ’ill Lèighe, à Seisiadar. Fhuair a h-athair pìos fearainn ann an Siadar an uair a chaidh an taca a thoirt bhon uachdaran Gillanders ’s a bhriseadh na lotaichean ann am meadhan na naoidheamh linn deug. Bha seachdnar ann an teaghlach athar, sianar bhalach agus aon nighean, agus bha triùir de na mic ri bàrdachd.
B’ e Uilleam a b’ òige san teaghlach. Mus robh e ach òg chaidh athair agus dà bhràthair dha a bhàthadh ’s iad ag iasgach le lìn-mhòra. Bha Uilleam agus dithis bhràithrean eile, Iain agus Murchadh (Am Paidhleat), a’ fuireach air an aon fhearann eadar “a’ Bhuail’-fheòir is Cnoc Chùsbaig” ann an Siadar. Eadar an triùir, bha aca “aona mac deug ann de ghillean ciatach” mar a tha e ag ainmeachadh anns an òran Mo dhùthaich ri tighinn air m’ aire.
B’ ann à Garrabost, an ath bhaile, a bha bean Uilleim, Màiri nighean Alasdair MhicAoidh. Bha ceathrar chloinne aig Uilleam agus Màiri; triùir mhac, Dòmhnall, Iain agus Alasdair a chaochail na leanabh, agus aon nighean, Oighrig.
Bha Uilleam agus Màiri pòsta airson fichead bliadhna mus do sgar am bàs iad. Thog an teaghlach orra a Chanada agus lean Uilleam a mhic gu Fort William, Ontario. Bhàsaich e an sin ann an 1907 agus tha e air adhlacadh an Cladh Mountain View anns a’ bhaile.
Bha dachaigh Uilleam fo bhonn Cnoc Chùsbaig agus sin mar a thàinig an t-aimn Bàrd Chnoc Chùsbaig air. Sgrìobh e tòrr amhrain as dèidh dha bhean bàsachadh – mar eismpleir Màiri nighean Alasdair. ’S e bàrd gu math ainmeil a bha ann agus bha e an-còmhnaidh gu math pròiseil às an eilean agus a chànan.

An t-òran

Rinneadh an t-òran seo ri linn don Rìgh Eideard (1841-1910) is a chèile rìoghail, Alexandra, cuairt a thoirt do Leòdhas ann an 1902. Thàinig iad a Steòrnabhagh air an gheat rìoghail Victoria and Albert. Thadhail iad aig Caisteal Leòdhais agus chur iad dà chraobh beithe sa ghàrradh.
Tha an t-òran mu dheidhinn a bhith a’ moladh na Gàidhlig. Tha rann a trì ag ràdh:
Chunna mi e ’n eachdraidh sgrìobhte,
Gun robh i aig ar sinnsir, Adhamh,
’S nuair a chaidh an fhairge sgaoileadh,
Gun robh i aig Maois san fhàsach.

Tha seo a’ ciallachadh gu robh a’ Ghàidhlig air a bhith ann airson linntean mòra. Cuideachd, tha ceangal làidir aig an amhran seo ris a’ Bhìoball. Tha Uilleam a’ dèanamh a-mach gu robh a’ Ghàidhlig fiùs air a bruidhinn le daoine mar Adhamh agus Maois. Tron òran air fad tha Uilleam a’ feuchainn ri faighinn seachad a’ phuing - ge bith càite am biodh muinntir an eilein, bhiodh a’ Ghàidhlig agus briathran a’ Bhìobaill ann cuideachd.

Buidheachas

Bu mhath leam taing a thoirt do mo sheanmhair, Etta Nic a’ Mhaoilein, airson an fhiosrachadh a thug i dhomh mu dheidhinn Uilleam, agus do mo sheanair, Seonaidh ‘Beag’ Mac a’ Mhaoilein, airson an òran a theagasg dhomh.

← Air ais gu liosta nan òran