Fàilte Dhruim Fionn

A' Ghàidhealtachd

22 An t-Ògmhios 2016

Gun Urra
Air a rannsachadh ‘s air a ghabhail le Alix Aburn

Fàilte Dhruim Fionn
’s sinn a’ falbh ann le sunnd
Fàilte Dhruim Fionn
’s sinn a’ falbh ann le sunnd
Fàilte Dhruim Fionn
’s sinn a’ falbh ann le sunnd
Is comann mo rùin gan àrach ann.

Is toil leinn an t-oighr’ (x5)
’s bidh sinn ga fhaighneachd
Ùr a’ choill’ san d’ àraich thu.

Fàilte Dhruim Fionn
’s sinn a’ falbh ann le sunnd
Is comann mo rùin gan àrach ann.

Sliochd Alasdair Ruaidh (x6)
Nach d’ shàraich an sluagh mun mhàl.

Fàilte Dhruim Fionn
’s sinn a’ falbh ann le sunnd
Is comann mo rùin gan àrach ann.

Cuir umad a Cholla (x6)
’S gum biomaid a’ falbh
Tha mis’ a làimh.

Fàilte Dhruim Fionn
’s sinn a’ falbh ann le sunnd
Is comann mo rùin gan àrach ann.

Dol a Cholla ’n-diugh (x6)
’s a-màireach a dol do Rùm.

Fàilte Dhruim Fionn
’s sinn a’ falbh ann le sunnd
Fàilte Dhruim Fionn
’s sinn a’ falbh ann le sunnd
Fàilte Dhruim Fionn
’s sinn a’ falbh ann le sunnd
Is comann mo rùin gan àrach ann.

An t-òran

Fhuair mi an t-òran seo bhon t-seinneadair Ghàidhlig, Maighread Stiùbhart. Dh’ionnsaich i an t-òran dhomh cuideachd agus airson sin, tha mi gu mòr na comain.

’S e òran bho cheòl-mòr na pìoba a tha seo, agus a chionn ’s gur e pìobaire ainmeil a bha nam sheanair, ròghnaich mi beagan rannsachaidh a dhèanamh air òrain co-cheangailte ri ceòl-mòr na pìoba. A-rèir choltais, tha an t-òran àlainn seo ceangailte ri eachdraidh Chlann ’IllEathain aig an robh seilbh air Eilean Cholla agus Eilean Rùim. Bha Cathair aig a’ chinneadh ann an Druim Fionn agus thathar den bheachd gur dòcha gur e pìobaire a’ chinn-cinnidh a rinn am port.

Tha Rann 3 den òran gu math coltach ri pàirt den òran ceòl-mòr ‘Colla Mo Rùin’ agus ’s dòcha gu bheil an dà òran air a dhol am measg a chèile.

Alix Aburn, 2019

Aithneachadh

Air a chlàradh aig Aird Studio, Inbhir Nis
Air fhiolmadh aig Taigh-cluiche Cùirt an Easbaig, Inbhir Nis
Air fhiolmadh le Mike Webster, Spiral Out Pictures
Maise-gnùis Sam Whitby

← Air ais gu liosta nan òran