Fo Ghlàmaig

19 An Gearran 2024

Òran le Tormod MacNeacail air a rannsachadh agus air a ghabhail le Aileas NicLeòid

Faclan

Sèist: ’S gann gun dìrich mi chaoidh
Dh’ionnsaigh frith àrd a’ mhonaidh
’S gann gun dìrich mi chaoidh

Fhuair mi litir à Dùn Èideann
Nach fhaodainn fhèin nis dol don mhonadh

Pàdraig Mòr an Ceann-Loch-Aoineart
Rinn e ’n fhoill ’s cha d’ rinn e buinnig

Tha mo ghunna caol air meirgeadh,
Cha tèid mi don t-seilg leis tuilleadh

’S truagh nach robh mi ann an Glàmaig
’S ise làn agam air tulaich

Gabhail sealladh air na slèibhtean,
Far am bi na fèidh a’ fuireach

’S tric a mharbh mi fiadh nan stùc-bheann,
Air mo ghlùin ’s mi lùbadh m’ uillinn

Mur a biodh bràthair mo mhàthar
Bhiodh fiadh nan àrd-bheann is fuil air

Ach on dh’fhàs an lagh cho làidir
’S fheàrr bhith sàbhailt’ o gach cunnart

Fàgaidh mi a-nis an tìr seo –
Chan fhaigh m’ inntinn sìth innt’ tuilleadh

Chan fhaic Pàdraig mi air fàire,
Cha chluinn e stàiririch mo ghunna

Mar a thagh mi an t-òran

Bha mi airson rannsachadh a dhèanamh air òrain a bha às a’ bhaile far an deach mo thogail –Sgonnsar san Eilean Sgitheanach. Bha mi eòlach mu thràth air an òran “Seinneam cliù nam fear ùr” a chaidh a dhèanamh le Iain Dhòmhnaill Bhàin à Torra Mìochaig (baile a b’ àbhaist a bhith gu math faisg air Sgonnsar, is am pìos de Sgonnsar far an deach mi fhèin a thogail). Cha robh mi cinnteach an robh mi a’ dol a’ lorg càil leis a’ chuspair seo, ach chaidh mi a bhruidhinn ri Eachann MacNeacail à Sgonnsar (a tha eòlach air eachdraidh Sgonnsair tro a theaghlach agus rannsachadh) a’ faighneachd an robh fhios aige-san air òran bho Sgonnsar. Thuirt e rium gun robh e eòlach air òran leis an ainm “Fo Glàmaig”, is gun robh an loidhne “Pàdraig Mòr aig Ceann Loch Aoineart” ann. B’ àbhaist dha Pàdraig Mòr (Pàdraig Mac an t-Saoir) a bhith ag obair don Mhorair Dòmhnallach air an fhrìth aige. Le taic bho Deirdre Greumach agus Jo NicDhòmhnaill fhuair sinn a-mach gur e “’S gann gun dìrich mi chaoidh” le Tormod MacNeacail à Sgoirebreac a bha Hector/Eachann a’ ciallachadh. Ged nach ann à Sgonnsar a tha an t-òran, chòrd e rium a bhith ag ionnsachadh gun robh ceangal ann eadar an t-òran is a’ bhaile/am baile?.

An t-ùghdar

Chaidh an t-òran seo a dhèanamh le Tormod MacNeacail à Sgoirebreac. Rugadh e ann an 1798, is ghabh daoine “Fear òg Sgoirebreac” air. Ann an 1825, dh’fhàg Tormod an t-Eilean Sgitheanach le a bhràithrean is chaidh iad a Chanada, agus greis às dèidh sin chaidh iad a-null a dh’Àstràilia. Chaidh Tormod a bhàthadh faisg air Eilean Thasman ann an 1841.

Mun òran

Rinn Tormod an t-òran seo às dèidh dha litir fhaighinn ag innse dha nach fhaodadh e sealg air fearann Chloinn Dòmhnaill tuilleadh. San t-òran tha sinn ag ionnsachadh ciamar a tha e a’ faireachdainn mu dheidhinn seo, is gu bheil e a’ cur coire nach fhaod e a bhith a’ sealg tuilleadh air Pàdraig Mòr (Pàdraig Mac an t-Saoir) à Ceann Loch Aoineart a bha na mhaor aig a’ Mhorair Dhòmhnallach. Tha feadhainn ag ràdh gur e uncail Thormoid a bh’ ann am Pàdraig Mòr, ach tha feadhainn eile ag ràdh gur e uncail an neach-lagha a chur an litir gu Tormod.

← Air ais gu liosta nan òran