Gaoir nam Ban Muileach
19 An Gearran 2024
Òran le Mairearad Nighean Lachlainn air a rannsachadh agus air a ghabhail le Shannon Nicilleathain
Faclan
S goirt leam gaoir nam ban Muileach,
Iad ri caoineadh ’s ri tuireadh
Gun Sir Iain an Lunnainn
No san Fhraing air cheann turais:
’S trom an sac thug ort fuireach
Gun thu dh’fhalbh air an luingeas,
Gur h-e adhbhar ar dunach:
B’ òg a choisinn thu an t-urram sna blàraibh.
Rìgh nam prionnsa d’ an d’ rinneadh
Togail suas ann am barrachd,
’S daor a thug sinn ort ceannachd
On là thionnsgail a’ charraid:
Fògar aon mhic Shir Ailein
Às a chòraichean fearainn
Le fòirneart ’s le aindeoin,
’S gur e turas an earraich so chràidh mi.
Ged a b’ fhad thu air siùdan
Cha robh lochd ort ri chunntas
Luchd-tòisich cha b’ fhiù leat
Dhol a dhèanamh dhuibh ùmhlachd;
Àrd leòmhann bu mhùinte,
’S e mo chreach gun do dhrùidh ort
Meud t-eallaich ra ghiùlan
’S nach robh lèigh ann a dhiùchradh am bàs uait
MacGillEathain nan lùireach
Bhith na laighe sa chrùiste
Ann an leabaidh na h-ùrach
An suain chadail gun dùsgadh,
’S ruaig bhàis air do mhuinntir;
Gar an d’ fhuair iad a dh’ùine
Cead an armachd a ghiùlan,
’S ann a thug iad dan ionnsaigh nan teann-ruith.
’S ann Dimàirt roimh an latha
Bu neo-aoibhneach ar gabhail
On là a dh’eug MacGillEathain
’S a chaidh sìos sliochd ar taighe;
’S mòr mo dhìobhail o Shamhain
’S o Fhèill Brìde seo chaidh;
Tha mi am thruaghan bochd mnatha
Gun cheann cinnidh thaobh athar no màthar.
MacGillEathain nan ruag thu -
Cha neart dhaoine thug uainn thu:
Nam b’ eadh, dh’èireadh mud ghualainn
Luchd nan clogaide cruadhach
Fir mar gharbh-fhrasa fuara
Bheireadh leotha na fhuair iad;
’S goirt an naidheachd seo chualas
On là chruinnich do shluagh ann an Àros.
Oirnne thàinig an dìobhail -
Tha Sir Iain a dhìth oirnn
’S Clann GhillEòin air an dìobradh,
Iad gun iteach gun lìnnidh
Ach mar gheòidh air an spìonadh;
Chan eil feum bhith ga innseadh
’S iad am measg an luchd mìoruin,
Gar an ann ri feall-inntleachd a bha iad.
Och, is mis tha air mo sgaradh
Nach tug iad thu thairis
Dhol air tìr air an Ealaidh,
Dhol fo dhìon anns a’ charraig,
Do reilig nam manach
Far ’m bheil do chàirdean nan laighe
Mar ri d’ athair ’s rid sheanair,
Far am faodamaid teannadh mu d’ chàrnan.
An t-ùghdar
Rugadh, thogadh agus bhàsaich Mairearad Nighean Lachlainn ann am Muile. Bha i na bana-bhàird do Chlann GhillEathain an Dubhaird agus bhiodh i a’ sgrìobhadh òrain tuiridh is molaidh do na Leathanaich. Thathar am beachd gun robh i beò eadar 1660 agus 1751 agus gur ann à Tòrrloisgte am Muile a bha a teaghlach. A bharrachd air a sin, chan eil mòran fiosrachaidh ri lorg mu deidhinn, ach a rèir rannsachaidh, bha tòrr cheanglaichean aice ri diofar sgìrean a bharrachd air Muile, leithid A’ Mhorbhairne, Mùideart agus Àird nam Murchan. Tha tòrr deasbaid ann a thaobh cò dha a bhuineadh Mairearad Nighean Lachlainn; cuid a’ smaointinn gur e Leathanach a bh’ innte agus cuid eile am beachd gur e Dòmhnallach a bh’ innte. Tha e soilleir sna h-òrain gun robh ceangal air choireigin aice ris an dà chinneadh, ’s gur dòcha gun robh i air Leathanach a phòsadh. Thathar cuideachd den bharail gun robh teaghlach mòr aice, ach gun do bhàsaich a clann uile mus do chaochail i fhèin. A rèir beul-aithris, chaidh a tìodhlacadh fo chreagan air a beul fodha san uaigh ann an cladh Chille Naoinean.
Mun òran
Chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh an dèidh bàs Shir Iain MacGillEathain Dhubhaird, ceann-cinnidh Chlann GhillEathain eadar 1867 agus 1716. Anns an òran, tha Mairearad Nighean Lachlainn ga mholadh gu mòr agus a’ mìneachadh mar a tha mnathan Mhuile fo mhulad às aonais ceann-cinnidh a bhàsaich cho fada air falbh bho a thìr fhèin.
Thathar ag ràdh gun robh Sir Iain a’ sabaid ann am Blàr Chille Chnagaidh, 27mh Iuchar 1689, aig aois 16 - ‘b’ òg a choisinn thu an t-urram sna blàraibh’. A rèir rannsachaidh, bhàsaich Sir Iain air Disathairne 11 Màrt 1716 le tinneas an dèidh Blàr Sliabh an t-Siorraim ann an 1715 far an robh e a’ stiùireadh còrr is 400 Leathanach.