Gille gu Geingealadh
Na h-Eileanan Siar
29 An t-Ògmhios 2021
Facail le Murchadh MacPhàrlain 1901-1982 Fonn le Donaidh Barker (1999- ), Peigi Barker (2002- )
Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Donaidh agus Peigi Barker
Faclan
Tha mo chrann an ceann m’ imir
’S a shuic air an geurachadh
Sgaoil cunbhalach m’ fheamainn
’S chan eil ach aon èis orm
Sèist
Tha m’ imir
Is gille gu geingealadh
Tha mise ri sireadh
‘S bheir mise mo ghealladh
Nuair thig latha na dròbha
Gu faigh e uam gròta.
Ò Cò! Ò Cò! Cò gheibh mi ri geingealadh?
Mo ghreallagan ’s m’ amall
’S mo shliosan an òrdugh tha
Crudhan ùr air mo ghearran
Chuir “Steallag” an Steòrnabhagh.
Mar mharcach an earrach
Dol a dh’ iarraidh bean-ghlùin ’s e
Ri ’g èigheach “Chan urrainn
Dhomh fuireach cus ùine riut.”
Anns an sgrìob lathar odhair
’S an t-each-dubh air a bhàn do-bhrìgh
Treabham dìreach dlùth domhainn
’S na fàgam fiù fàrag ann.
Tha an crùn-òir air a’ chonas
’S gun treabhadh no cliathadh deis
’S e corca-na-cuthaige
Agams’ ’m bliadhna bhios.
Mur treabhair ’s mur cuirear
O cionnas bhios buain againn
No aran a dh’fhuinnear
’S a’ chiste-mhin fuar falamh.
Rium òganach thachair
Le crodh dol gam buachailleachd
Fàg do crodh air a’ mhachair
‘S nì mise do dhuaiseachadh.
Mar a thagh sinn an t- òran
Bha sinn a’ lorg òran à Leòdhas is bha sinn airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn a-mach mu na h-òrain aig Murchadh MacPhàrlain. Thachair sinn air na h-òrain aig Bàrd Mhealabhoist oir bha sinn a’ coimhead air an t-seinn aig Donnie is Mairead NicLeòid, a bha anns a’ chòmhlan Na h-Òganaich. Thagh sinn Donnie is Mairead air sgàth ’s gur e bràthair is piuthair a th’annta mar a th’ annainn fhèin. Lorg sinn a-mach gun robh iad a’ seinn tòrr de na h-òrain aig Murchadh MacPhàrlain is mar sin bha sinn a’ coimhead airson òran leis nach do chlàr na h-Òganaich.
Lorg sinn an t-òran anns an leabhar Le Mùirn - Murchadh MacPhàrlain agus Mairead Nicleòid, Sgeul Càirdeis, air a sgrìobhadh le Catrìona Mhoireach mun chàirdeas eadar Mairead is Murchadh.
An t-ùghdar
Rugadh is thogadh Murchadh MacPhàrlain ann am Mealabost, Leòdhas. Cha robh Gàidhlig aige san sgoil ach bha Fraingis, Laideann is Beurla. Chaidh e gu Ameireaga a Tuath anns na 1920an ach thàinig e air ais gu Alba ann an 1932 is bha e anns an dàrna cogadh. Cha robh bean aige riamh ach ghluais e air ais gu Leòdhas às dèidh a’ chogaidh. ’S e ùghdar glè ainmeil a bh’ ann am Murchadh agus sgrìobh e am pailteas òrain eile. Sgrìobh e Cànan nan Gàidheal ann an 1974 agus tha iomadh seinneadair air clàradh an òrain bhon àm sin- mar eisimpleir Karen NicMhathain, Cathy Ann Nic a’ Phì agus Ishbel NicAsgaill. Cuideachd sgrìobh e an t- òran ’S fhada leam an oidhche gheamhraidh nuair a bha e ag obair thall thairis ann an Canada. Chlàr Capercaillie, Anna Mhoireach agus Na h-Òganaich uile an t-òran seo.
An t-òran
San òran, tha Murchadh a’ lorg cuideigin a nì obair geingealaidh. Chan e facal glè chumanta a th’ann an ‘geingealadh’ san latha an-diugh. Tha Murchadh a toirt mìneachadh air an fhacal ‘geingealadh’ mar seo:
“B’ e sin ceàrd a bhiodh againn an uair a bha sinn òg, ’s e sin a bhith an cois a’ chruinn an
uair a bhithte a’ treabhadh, agus an uair a bhiodh an fheamainn ’s an t-innear a’ dol na tiùrr
mu choltair a’ chruinn, dh’fheumadh sinn a bhith a’ cumail a’ choltair glan, le forc no pìos
maide no rud sam bith a chumadh an coltair glan agus bhiodh sinn a’ tionndadh an inneir ’s
an fheamainn a dheigheadh na thiùrr mun choltair. Bhiodh sinn ga tionndadh a-steach dhan
sgrìob, agus b’ e sin a bhith a’ geingealadh.
’S e sin a tha an duine a th’ ann an seo ag iarraidh, càite am faigh e gille a nì geingealadh?
Tha mi a’ dol air ais a-nis dhan t-saoghal a bh’ ann. Bidh mise a’ spìonadh, a’ feuchainn ri
spìonadh nithean às an t-saoghal a bh’ ann agus ga thoirt dhan a’ ghinealach a th’ ann an-
diugh, ach am bi fios aca air nì-eigin a bh’ againn ri dhèanamh airson a bhith beò.”
Fiosrachadh eile
Tha Murchadh a’ sgrìobhadh mu dhuine air a bheil am far-ainm ‘Steallag’ anns an dàrna rann. B’ e gobha a bh’ ann an Calum ‘Steallag’ MacLeòid ann an Steòrnabhagh, daoine glè aithnichte anns a’ choimhearsnachd.
Chan eil sinne a’ smaointinn gu bheil an t-òran mu dheidhinn aon duine ach tha e mu dheidhinn daoine a tha ag obair air tuathanas. Tha sinn a’ faireachdainn gu bheil an t-òran mar shamhla de Ghàidhlig. Chan e ‘Cò gheibh mi ri geingealadh?’ – cò chumas an tuathanas a’ dol? - ach cò chumas Gàidhlig beò?
Buidheachas
Tha sinn airson taing mhòr a thoirt do Mhairead NicLeòid airson an taic a thug i dhuinn leis an òran agus le barrachd fiosrachaidh mu Mhurchadh.