Gleann Gallaidh

19 An Gearran 2024

Òran le Rob Donn MacAoidh air a rannsachadh agus air a ghabhail le Caitlyn Yule

Faclan

Gleann-a-Gallaidh, Gleann-a-Gallaidh,
Gleann-a-Gallaidh nan craobh,
Cò a chì e nach mol e,
Gleann-a-Gallaidh nan craobh.

Ri faicinn crìoch àrdain
Ga mo bhreugadh gu taobh,
'S ann a smuainich mi fanadh
An Gleann-a-Gallaidh nan craobh.

Chan àill leam bhur n-airgead
'S ri bhur n-arm cha bhi mi,
Cha diùlt mi bhur drama
Ach ri tuilleadh cha bhì.

Ged a gheibhinn gu m' àilgheas
Ceann-t-sàile MhicAoidh,
'S mòr a b' annsa leam fanadh
An Gleann-a-Gallaidh nan craobh.

Fonn diasach, 's mòr a b' fhiach e
Gu fiadhach 's gu nì,
Aite sìobhalt ri doineann
Is nach criothnaich a' ghaoth.

Mun òran

Chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh le Rob Donn MacAoidh, 1714-1778, à Allt na Caillich, faisg air an t-Srath Mhòr, ann an Dùthaich MhicAoidh.. Anns an t-òran seo, tha Rob Donn a’ dèanamh moladh air Gleann na Galaidh, a tha faisg air Tunga san sgìre, ‘s tha e ga dheànamh glè fhollaiseach nach eil e airson a’ bhith ann an àite sam bith eile air an t-saoghal, eadhan leis a leannan fhèin,
“Ged a gheibhinn gu m' àilgheas Ceann-t-sàile MhicAoidh, 'S mòr a b' annsa leam fanadh An Gleann-a-Gallaidh nan craobh"

← Air ais gu liosta nan òran