Gun Òlainn Slàinte Theàrlaich

Earra-Ghàidheal is Bòd

29 An t-Ògmhios 2021

Òran gun urra neo ’s dòcha le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair (1690 – 1770) Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Fionnlagh MacIllFhinnein

Faclan

’S gun òlainn slàinte Theàrlaich
Ged leònadh i gu bàs mi,
Air chionn gum faicinn e le ghaisgich,
Tighinn air ais gu àite
’S gun òlainn slàinte Theàrlaich

An litir ghluais mo dhòchas,
A dh’ fhiosraich mi Didòmhnaich,
Gun d’ thug sibh bristeadh air luchd-chasag
Dh’fhàg sibh lag gun treòir iad.

[Sèist]

Clann Dòmhnaill chruaidh nam fraoch-bheann,
A choisinn buaidh sa chaonnaig,
Gur fada chluinnteadh fuaim ur cruadhach
Tighinn ’ro thruaillean caola.

[Seist]

’S leat Dòmhnall bàn bho Lòchaidh,
Le fhir làidir chròdha,
’S le lannan glasa, dùbh-ghorm, sgaiteach,
’S math gu casgairt feòla.

[Seist]

Nuair thèid an crùn air Tèarlach,
Bidh sniùid air coinnlean-cèire ;
Bidh lasair ait air bàrr gach caisteil,
’S dibh gu bras ’g a h-èigheach

[Seist]

Mar a thagh mi an t-òran

Tha ùidh mhòr agam ann an eachdraidh na h-Alba agus bha mi airson òran a thaghadh a bha co-cheangailte ri tachartas sònraichte san eachdraidh againn. Tha mi a’ fuireach ann an Allt na Ceàrdaich (faisg air Inbhir Nis) agus bha mi cuideachd airson òran a thaghadh a bha faisg orm. Tha ùidh shònraichte air a bhith agam anns na Seumasaich bhon a bha mi gu math òg agus chunnaic mi Blàr Chùil Lodair mar fìor dheagh chothrom barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu dheidhinn ruideigin anns an robh ùidh agam. Lorg mi an t-òran seo air Tobar an Dualchais agus chòrd am fonn rium gu mòr. Nuair a rinn mi barrachd rannsachaidh mu dheidhinn, lorg mi a-mach gun deach a sgrìobhadh le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair - bàrd a bha an sàs anns an ’45 – is bha mi cinnteach gum biodh an t-òran seo sgoinneil airson a’ phròiseact.

An t-ùghdar

Chaidh Alasdair Mac Mhaighstir a bhreith ann am Mùideart eadar 1690 agus 1700 (chan eil fios againn gu cinnteach). Bha athair na mhinistear do dh’ Eaglais na h-Alba agus bha a theaghlach càirdeach dha ceann-cinnidh Chlann Raghnaill agus bha e na cho-ogha dha Flòraidh NicDhòmhnaill.

Cha robh foghlam sgoile aige agus bha athair ga theagasg. Chaidh e gu oilthigh Glaschu far an do choinnich e ri a bhean, Sìne NicDhòmhnaill. Mun cuairt air 1729 bha e na thidsear ann an Àird nam Murchan. Ann an 1741 dheasaich e faclair, a’ chiad leabhar Gàidhlig ùr a chaidh fhoillseachadh riamh.

Bha e an sàs ann an ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 agus bha e gu mòr an sàs ann mu 1745. Bha e gu math faisg air a’ Phrionnsa Tèarlach agus bha e mar neach-oide ‘cainnt nan Gàidheal’ dha. Chaidh e air feadh Alba leis a’ Phrionnsa agus b’ e Seumasach gu math làidir a bh’ ann. Bha e a’ sgrìobhadh tric mu dheidhinn an strì aig na Seumasaich. Às dèidh Blàr Chùil Lodair sgrìobh e gus brosnachadh a thoirt do na Seumasaich agus do Thèarlach a bha na fhògarrach san Fhraing.

Chaochail am bàrd timcheall air 1770 ann an Àrasaig.

An t-òran

Tha an t-òran a’ bruidhinn air gun òladh am bàrd slàinte Thèarlaich ged a chuireadh an deoch e gu bàs, gus am biodh Tèarlach a’ tilleadh leis na gaisgich aige dhan àite ceart (na Rìgh). Tha e cuideachd a’ moladh Chlann Dòmhnaill airson cho math ’s a bha iad air sabaid.

← Air ais gu liosta nan òran