Hè Na Brògan

Na h-Eileanan Siar

29 An Giblean 2020

Le Calum MacIllEathain
Seachdain 18 – 29.04.2020

Air a ghabhail le Rory MacDiarmid

Faclan

Sèist:

Hè na brògan, hò na brògan
Hè na brògan, bha iad saor
Hè na brògan, hò na brògan.

An cuala sibhse mu na brògan
Fhuair Dòmhnall air an tràigh?
Bha tè ac aig Port na Dùna
Tèil’ ac’ thall aig Clach ’an Bhàin.

Thàinig iad a-steach mu Mhàisgear
Theich na bàtaichean gu luath
Chuir iad fios chun an Ùigeach
Gu robh U-boat a’ dol mun cuairt.

Nuair a nochd iad ris a’ Chruiser
Gu robh ùtrais air bòrd
H-uile fear aig action station
’S iad a’ shelligeadh nam bròg.

Siud an rud a tholl na sàilean
’S dh’fhàg na gàmagan nan cùl
’S thuirt a’ mate ri gunna starboard
Saoilidh mi gun bhuail thu stiùir.

Dh’fhalbh an Cruiser ’s i na cabhaig
Airson survivers thoirt air bòrd
Nuair a ràinig iad an wreckage
Dè a bh’ ac’ ach paidhir bhròg.

Thàinig iad a-steach mu Chràgam
Theich na balaich ’s iad ri snàmh
Dùil ac’ gur e sgiath a’ chearbain
Bh’ ann an teanga na tè cheàrr.

’S cha tàinig a leithid riamh dhan àite
Bhon a’ Bhutt gu ruig thu Ùig
’S e thuirt Dòmhnall ’s e cho àraid
Sàbhailidh iad paidhir ùr.

Nuair a ràinig Dòmhnall dhachaigh
Le na brògan ’s iad cho mòr
Dh’fheuch e tè a-steach bhon dreasair
’S cha deigheadh ann dhith ach an t-sròin.

Chaidh e leotha dhan an t-sabhal
’S gu robh othail air na bh’ ann
Tè a’ steigeadh ri gach ursainn
Dh’aindeoin brùthadh, cha deigheadh ann.

Smaoinich e an cuir gu Timpson
’S ghabh e feagal ron an charge
’S ann a dh’fheuchadh e fhèin orr’
’S chuir e brèid air an tè cheàrr.

Cha b’ e minidh ’s cha b’ e sreangan
A bh’ aig Dòmhnall ris a’ cheàrd
Ach a uèir a bh’ aig na balaich
Thug an solas dhan an àite.

Tha na brògan nis air dìobairt
Iad air sgaoileadh as gach àite
Sùil Dhòmhnaill air a’ chladach
Ach a faigh e càil nan àite.

An t-àite

Buinidh an t-òran seo do bhaile beag ris an canar An Dùn ann an sgìre Charlabhaigh air taobh siar Leodhais. ’S e eilean beag a th’ ann an Cràgam, beagan tuath air beul Loch Chàrlabhaigh.

Tha An Dùn ainmeil chionns gur ann an sin a tha Dùn Charlabhaigh, An Dùn Mòr, an dùn as slàine sna h-Eileanan Siar. Tha e suidhichte air cnoc os cionn Loch an Dùin le seallaidhean farsaing a-mach gu muir, gu deas agus chun iar.

An deidh cladhach san dùn lorg arc-eòlaichean nithean a bhuineadh don fheadhainn a bha a’ fuireach air an làraich faisg air deireadh Linn an Iarainn. Tha e air aithris gun robh e air a chleachdadh mar dhaingneach le cuid de Chlann MhicGhilleMhoire sna 1500an.

Ged tha e falamh an-diugh, gun mhullach air agus le pàirt dheth air tuiteam, chan eil teagamh nach robh Dùn Chàrlabhaigh cudromach mar àite-teàrmainn agus mar chomharra-stiùiridh fad iomadh linn.

An t-ùghdair

Rugadh Calum MacIllEathain, Calum Thao mar a chante ris, anns an Dùn, ann an 1912.

Bha e anns an arm, anns na Sìophortaich, bho 1934 agus anns a’ 51st Highland Division nuair a chaidh e fhèin agus na mìltean eile a ghlacadh le na Gearmailtich aig St. Valery-en-Caux san Fhraing san Ògmhios 1940. An dèidh coiseachd dhan Phòlainn chaidh an cumail glaiste nam prìosanaich gu deireadh a’chogaidh.

Nuair a thill e dhachaidh an dèidh a shaoradh b’ ann mar bhreabadair bu mhotha a bha e a’ dèanamh bith-beò. Tha e coltach gur e duine dòigheil, eirmseach a bh’ ann, dha robh e furasta rann no òran a dhèanamh. Bha an taigh anns an robh e a’ fuireach còmhla ri a bhràthair Ùisdean ainmeil mar thaigh-cèilidh.

An t-òran

Rinn Calum MacIllEathain an t-òran seo a’ tarraing à fear de a nàbaidhean, Dòmhnall MacArtair (Dòmhnall Chaluim Bell), a bha air paidhir bhrògan saor a cheannachd. Ann am mac-meanmna Chaluim b’ ann air an tràigh a lorg a nàbaidh na brògan, ach mus d’ thàinig iad gu tìr bha na brògan cho mòr ’s gun do shaoil daoine gur e U-boat a bh’ annta, ’s chaidh losgadh orra.

’S e minidh an t-inneal a bhiodh greusaiche a’ cleachdadh airson toll a dhèanamh anns an leathair an uair a bhiodh e a’ càradh bhrògan.

Cha do mhair na brògan aig Dòmhnall MacArtair uabhasach fada ach tha an t-òran air a bhith measail aig daoine fad iomadh bliadhna, gu h-àraid air taobh siar Leòdhais.

← Air ais gu liosta nan òran