Hò ‘n ceàrd dubh
A' Ghàidhealtachd
29 An t-Ògmhios 2021
Òran le Dòmhnall Bàillidh Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Rona NicLeòid
Faclan
Sèist
Hò ’n ceàrd dubh, hè ’n ceàrd dubh;
Hò ’n ceàrd dubh dhaor am fearann.
Tha Sellar an Cùil-Mhàillidh
Air fhàgail mar mhadadh-allaidh,
A’ glacadh is a’ sàradh,
Gach aon nì thig na charaibh.
’S truagh nach robh thu ’m prìosan
Rè bhliadhnan air uisg' is aran,
Is cearcall cruaidh de dh' iarann
Mud shliasaid gu làidir daingeann.
Nam faighinn-s’ air an raon thu
Is daoine bhith gad cheangal,
Bheirinn le mo dhòrnaibh
Trì òirlich a-mach dhed sgamhan.
Chaidh thu fhèin ’s do phàirtidh
An àirde gu bràighe Rosail,
Is chuir thu taigh do bhràthar
’Na smàlaibh a-suas ’na lasair.
Nuair a thig am bàs ort,
Cha chàirear thu anns an talamh,
Ach bidh do charcais thodharail
Mar òtrach air aodann achaidh.
Mar a thagh mi an t-òran
Bha mise airson òrain à Cataibh a lorg, oir ged a tha mi à Cataibh chan eil mi eòlach air mòran òrain bhon an àite seo. Chleachd mi Tobar an Dualchais gus coimhead tro na h-òrain a chaidh a chlàradh neo a sgrìobhadh ann an Cataibh. Ghlac an t-òran seo m ’aire oir tha e mu dheidhinn an caractar inntinneach Pàdraig Sellar. A bharrachd air sin tha an t-òran seo ag ainmeacheadh cuid de dh’àiteachan air a bheil mi eòlach agus a tha faisg orm.
An t-ùghdar
Chan eil tòrr fiosrachadh mu Dhòmhnall Bàillidh air-loidhne ach tha mi a’ creidsinn gun robh e à Cataibh a chionns gu bheil an t-òran mu dheidhinn na fuadaichean a thachair ann an Cataibh agus a bha Pàdraig Sellar cunntachail air an son. A thuilleadh air sin fhuair mi a-mach gun do rinn e eilthireachd gu Eilean a’ Phrionnsa ann an Canada. Tha e coltach gun deach an t-òran a sgrìobhadh as dèidh na cùirt-lagha aig Pàdraig Sellar air 23 Giblean, 1816, ’s mar sin feumaidh gun d’ rugadh Bàillidh grunn bhliadhnaichean roimhe seo.
An t-òran
’S e òran aoireil a tha ann an Hò ’n ceàrd dubh. Tha e follaiseach bho na faclan gun robh gràin aig Dòmhnall Bàillidh air Pàdraig Sellar. Tha e a’ dèanamh coimeas eadar Sellar agus madadh- allaidh, a’ sealltainn gun robh Bàillidh a’ coimhead air Sellar mar chreachadair. Tha e cuideachd a’ toirt iomradh air a’ chùirt-lagha a bh’ aig Sellar agus mar a bu mhiann leis gun robh Sellar ann am prìosan airson bliadhnachan le dìreach uisge is aran. Tha e gu math follaiseach anns an treas rann gun robh gràin aig Bàillidh air Sellar oir tha e ag ràdh “Bheirinn le mo dhòrnaibh, Trì òirlich a-mach dhed sgamhan.” Tha an t-òran cuideachd a’ toirt iomradh air mar a chur Sellar teine ri taigh ann an Rosal. Aig an deireadh tha e ag ràdh nach tèid Sellar a thiodhlacadh anns an talamh ach gum bidh an carcas aige air a sgaoileadh thairis air an talamh mar thodhar.
Fiosrachadh eile
Chaidh Cùil-Mhàillidh ainmeachadh anns an òran seo. Tha Cùil-Mhàillidh faisg air baile Ghoillspidh far an robh George Granville Leveson-Gower, Dùic Chataibh, a’ fuireach ann an Caisteal Dhùn Robain. Bha an Dùic an sàs leis na fuadaichean ann an Cataibh bho mu 1814 gu 1820. Dh’obraich a’ bhean aige, a’ Bhan-Iarla, le Pàdraig Sellar, Roy agus Uilleam Young a tha air ainmeachadh san òran, tro na fuadaichean. Bha Sellar agus Young ag obair air tuathanas chaorach ann an Cùil-Mhàillidh agus dh'fhuadaich iad daoine far an fhearann sin cuideachd.
’S e fear-lagha a bha ann an Sellar agus thàinig e fhèin agus Young suas bho Siorrachd Mhoireibh ann an 1808 a dh’obair dhan Bhan-Iarla. Chaidh Sellar a chur fo chasaid murt agus losgadh teine sa chùirt, oir bhàsaich boireannach beagan laithean às deidh dha Sellar an taigh aice a chur na theine nuair a bha i fhathast a-staigh. Cha deach e dhan phrìosan.
Ann an Goillspidh tha ìomhaigh den Dùic air mullach Beinn a’ Bhragaidh ag adhbhrachadh beagan connspaid.
A bharrachd air Cùil-Mhàillidh, tha an t-òran ag ainmeachadh Rosail. ’S e Rosail aon de na àiteachan às na dh’fhuadaich Sellar daoine. As dèidh na fuadaichean cha robh duine air fhàgail ann an Rosail; bha dìreach na tuathanasan chaorach ann. A thuilleadh air sin, b’ ann faisg air Rosail a bhàsaich am boireannach as dèidh dha Sellar an taigh aice a chur na theine.
