Laoidh mun Nollaig: A Solis Ortus Cardine

Sgìrean Eile

29 An t-Ògmhios 2021

Laoidh le Mgr Ailean Dòmhnallach (1859-1905) Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Fergus Rothach

Faclan

Bhon ionad am bi ’ghrian a’ tilleadh
Gu iomall cian nan tìrean uile,
Cliù do Chrìosta ar ceann-cinnidh
’Rugadh dhuinn bhon Òigh as gile.

Cruthadair sòlasach a’ chruinne,
Ghabh e thuige colainn duine,
Shaor e ’n fheòil le ’fhuil o mhilleadh,
’Tiarnadh a shaothair bho dhiombuil.

Innibh màthar am beus bu ghlaine
Lìon thu, Dhia, le gràs gun ghainne –
Ghiùlaineadh an com na h-ainnir
Rùintean air nach d’fhuair i aithne.

Thogadh teampall Dé gu h-ealamh
Anns an uchd a bha gun smal air;
An òigh a bha gun aithn’ air duine –
Ghineadh Mac do Dhia ’na h-innibh.

Rug i ’n-diugh am Macan rùnach
’Gheall an t-Aingeal dhi le ùmhlachd,
Am Macan gaolach bh’ air a giùlan
Dh’fhàiltich am Baisteach gu mùirneach.

Air bad den channlaich rinn thu cadal,
An fhrasach bhochd do rogha leapa:
Sheachnadh tu air ianan gainne
’S bheathaicheadh air dileag bhainn’ thu.

Tha còisir fhlathanais làn aiteas
’Togail laoidh tha binn ri claisteachd;
Lìonadh na buachaillean le tlachd
Is am Buachaille diadhaidh ’nan glacaibh.

Moladh ’s urram dhutsa, Chrìosta,
Rugadh dhuinn le Òigh gun ghìomh innt’
’S cliù don Athair ’s don Spiorad Dhiadhaidh
Fad tràth bith-bhuanta na sìorrachd. AMEN.

Mar a thagh mi an laoidh

Cha bhi òrain no bardàchd air cuspairean mar creideamh, Crìosd no an Eaglais a’ nochdadh cho tric aig a’ Mhòd, aig Fèisean no an leithid. Fiù anns an Eaglais! Tha mi airson sin a chur ceart, oir tha mòran eisimpleirean againn de dh’fhìor dheagh sgrìobhadh air na cuspairean sin. Mar sin, tha mi air a bhith a’ cruinneachadh òrain Chrìosdail. Tha mi an dùil goireasan a chur ri chèile airson an Eaglais Ghàidhlig, ach cuideachd daoine aig a bheil, no aig nach eil, creideamh sam bith.
Rinn Maighstir Ailean iomadh laoidh, is tha an t-òran seo na eisimpleir math de sgrìobhadh mu chreideamh aig sàr bhàrd às an sgìre agam fhìn (barrachd mu Mhgr Ailean gu h-ìosal). Tha na faclan ùr aig Mgr Ailean agus am fonn aosmhòr a’ dol ri chèile ann an dòigh bhrèagha – aosta is òg aig an aon àm. Nam bheachd, cha robh na fuinn a bh’aig na seann mhanaich cho diofraichte bho na fuinn thraidiseanta aig na Gàidheil. Is tha feum againn anns an t-saoghal Gàidhlig air barrachd ‘carols’ aig àm na Nollaig!

An t-ùghdar

Rugadh Ailean Dòmhnallach ann an 1859 anns A’ Ghearasdan. B’ ann à Clann Dòmhnaill na Ceapaich a bha e, daoine aithnichte airson sàr bhàrdachd. Tha Sìleas na Ceapaich ainmeil fhathast airson a bàrdachd agus laoidhean.

Bha Mgr Ailean na shagart ann an Dalabrog, Uibhist a Deas, agus Èirisgeigh faisg air fichead bliadhna. Chruinnich e mòran eachdraidh, òrain is sgeulachdan mar chur-seachad, agus sgrìobh e òrain is bàrdachd cuideachd.

Tha an creideamh làidir a bh’ aige furasta ri fhaicinn anns an sgrìobhadh aige. Tha e a’ meòrachadh gu math tric air Moire, Dia, Ìosa agus air an Eaglais Chaitligich. Sgrìobh e mòran mu latha a’ bhreitheanais, mar a sgrìobh laoidheadairean eile, leithid Pàdruig Grannd is Dùghall Bochanan. Bhàsaich e ann an Èirisgeigh ann an 1905.

An laoidh

’S e eadar-theangachadh de dh’òran nas sìne na a’ Ghàidhlig a tha seo! Chaidh an t-òran a sgrìobhadh ann an Laideann mun a’ bhliadhna 450 le Coelius Sedulius. Tha am fonn aige mu 1500 bliadhna a dh’ aois. ’S e aon de na ciad ‘carols’ Nollaig ann an cànan sam bith.

Tha an tionndadh aig Mgr Ailean na eisimpleir gu math brèagha air na sgilean bàrdachd aige. Tha Raghnall MacIlleDhuibh ga mholadh:
‘[T]he Gaelic text is very skilfully constructed to match the stresses of the Latin chant [...] It is hard to think of anyone today who would have enough knowledge of Gaelic, Latin and music to do anything similar.’

Seo am fonn mar a tha e ann an Eilein na h-Òige:

Buidheachas

Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Raghnall MacIlleDhuibh a chuidich mi lem rannsachadh.

← Air ais gu liosta nan òran