Laoidh Spioradail (taghadh de cheathramhan)

Sgìrean Eile

29 An t-Ògmhios 2021

Laoidh le Aonghas MacAonghais Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Fergus Rothach.

Faclan

Gur muladach a tha mi
’S mi ri àireamh sios mo lochd:
Chan urrainn mi ga àicheadh
Nach eil fàillinn ann am chorp;
Ged fhuair mi ’n creideamh gràsmhor
Chum mo shàbhaladh bhon olc,
’S e dòchas agus gràdh
A bheireadh slàinte do mo lot.

’S e creideamh an ciad iarrtas
’Tha riatanach ’thoirt duinn,
A thogas dhinn na fiachan
A bha riamh oirnn bho thùs.
Ar leam gur mòr na miarailtean
’Rinn Criosda ’s an lagh ùr
Nuair nìtear clann do Dhia dhinn
Leis na briathran leis a’ bhùrn.

’S e gaol do Dhia ’s d’ ar nàbaidh
Suim nam fàintean sin gu léir;
Ma ghlèidheas sinn na dhà sin
Cumar càch leinn air an rèir: -
Na reachdan sin cho cruaidh oirnn
Air son ar buannachd fhèin
’S gun aithnichear am buadhannan
‘N ar gluasad anns gach ceum.

Tha sòlas anns na flathas
A bhith ’n làthair cathair Dhé;
Cha do thomhais aon neach fhathast e
’Tha ’labhairt às a bheul:
Chan fhaca sùil ’s cha chuala cluais,
’S cha do smaointich neach fo ’n ghréin
A mhiad ’s a th’ aig ar Slànaighear
Mu mhuinntir ghràdhach fhéin.

Tha buaidhean an Dia fhiughantaich
Gun tùs, gun chrìoch, gun cheann;
Gu lèir dhomh air gach taobh dhomh iad
Ged bhitheadh mo shùilean dàll.
Tha ’ghnìomhannan mar leabhar
’Bhiodh mu ’m chomhair ann am làimh,
’S ged ’thionndainn mìle duilleag
Chì mi tuilleadh ’s an taobh thall.

Mar a thagh mi an laoidh

Cha bhi òrain no bardàchd air cuspairean mar creideamh, Crìosd no an eaglais a’ nochdadh cho tric aig a’ Mhòd, aig Fèisean no an leithid. Fiù ’s anns an Eaglais! Tha mi airson sin a chur ceart, oir tha mòran eisimpleirean againn de dh’fhìor dheagh sgrìobhadh air na cuspairean sin. Mar sin, tha mi air a bhith a’ cruinneachadh òrain Chrìosdail. Tha mi an dùil goireasan a chur ri chèile airson an Eaglais Ghàidhlig, ach cuideachd dha daoine aig a bheil, no aig nach eil, creideamh sam bith.
Tha Fuaran air cothrom math a thoirt dhomh sgrùdadh a dhèanamh air òrain às an sgìre agam fhìn. Tha an t-òran seo na eisimpleir math air an seòrsa creideamh a bh’aig muinntir Loch Abar ceud agus leth-cheud bliadhna air ais, agus air an obair cruinneachaidh a rinn Mgr Ailean Dòmhnallach. Mar Chrìosdaidh tha mi ag aontachadh leis na faclan brèagha aig a’ bhàrd: Chan fhaca sùil ’s cha chuala cluais, /’S cha do smaointich neach fo’n ghréin / A mhiad ’s a th’ aig ar Slànaighear / Mu mhuinntir ghràdhach fhéin.’

An t- ùghdar

Fhuair Mgr Ailean Dòmhnallach (1859-1905) Laoidh Spioradail bho fhear Aonghas MacAonghais agus chaidh a chlò-bhualadh ann an 1883.

¬Ged a fhuair mi taic bho Raghnall MacIllleDhuibh (sgrìobhadair agus neach-rannsachaidh a tha fìor eòlach air an eachdraidh agus an obair aig Mgr Ailean), gu mi-fhortanach chan eil mòran fiosrachaidh ri fhaighinn mu MhacAonghais, a dh’ aindeoin ’s gur ann à sgìre Àrasaig a bha e. Tha e cinnteach ge-ta gur e fìor dheagh òran à Loch Abar a tha seo, air an robh an sagart measail.

Rugadh Ailean Dòmhnallach ann an 1859 anns A’ Ghearasdan. B’ ann à Clann Dòmhnaill na Ceapaich a bha e, clann ainmichte airson sàr bhàrdachd. Tha Sìleas na Ceapaich ainmeil fhathast airson a bàrdachd agus a laoidhean.

Bha Mgr Ailean na shagart ann an Dalabrog, Uibhist a Deas, agus ann an Èirisgeigh airson faisg air fichead bliadhna. Chruinnich e mòran eachdraidh, òrain is sgeulachdan mar chur-seachad, agus sgrìobh e òrain is bàrdachd cuideachd. Tha an creideamh làidir a bh’ aige furasta fhaicinn anns an sgrìobhadh aige. Tha e a’ meòrachadh gu math tric air Moire, Dia, Ìosa agus air an Eaglais Chaitligich. Sgrìobh e mòran mu latha a’ bhreitheanais, mar a sgrìobh laoidheadairean eile, leithid Pàdraig Grannd is Dùghall Bochanan. Bhàsaich e ann an Èirisgeigh ann an 1905.

An laoidh

’S e Laoidh Chrìosdail a th’ ann. Tha am bàrd a’ tòiseachadh ann an staid uabhasach, a’ meòrachadh air peacadh agus bàs. Tha e a’ meòrachadh air ‘na seachd cinn-peacaidh bàs’. Aig a’ chrìoch tha e a’ gabhail misneachd agus dòchas ann an Dia. Tha 29 rannan anns an òran slàn.

’S e ‘A Nochd gur Faoin mo Chadal Dhomh’ am fonn traidiseanta air an òran seo (a rèir Sources of the Gaelic Hymnal) Seo am fonn mar a tha e air a sheinn le Aonghas MacDhòmhnaill air Tobar an Dualchais:

Buidheachas

Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Raghnall MacIlleDhuibh a chuidich mi lem rannsachadh.

← Air ais gu liosta nan òran