Loch Maruibhe
A' Ghàidhealtachd
29 An t-Ògmhios 2021
Òran le Aonghas Mac a Phì (1927 – 2011); Iain A. MacLeòid (1919 - 2011); Roy Ford Air a rannsachadh agus air a sheinn le Rory MacCarmaig
Faclan
Tiugainn leam-sa gu tìr nam beannaibh
’N tèid thu leam far am b’ òg bha mi
’S e mo mhiann bhith san iar le m’ leannan
Ciaradh feasgar taobh Loch Maruibh;
Guilbneach shuas ud àrd anns an speur
Sruthan fuar uisg’ is gàir nan ceum
Cur fàilte bhlàth-chridheach oirnn don ghleannan
’S nì sinn dachaidh taobh Loch Maruibh.
Gu là Luain bi mi luaidh a mhaise
’N tir mo ghràidh far am b’ àill leam bhith
Fuaim nam pìob thar an fhrìth le caithream
Dùsgadh smuaintean tha dlùth d’ ar cridh;
Sòlas buileach bhith ri do thaobh
Stòras dhuinne am meud ar gaoil
Is còmhnaidh leat far bheil fraoch a’ bhearraidh
Bòidheach maiseach taobh Loch Maruibh.
Càit’ bheil àit’ cho àill’ an sealladh
Bho Chàrn a’ Ghlinne a’ coimhead Siar
Le uisg’ na locha a’ deàrrsadh romhad
A’ teàrnadh bhruthach ’s am feasgar ciar;
Cùl an Eilean is Slioch mu d’ choinneamh
’S Meall a’ Ghiuthais ’s a làimh-chlì
Cò a chunnaic loch cho brèagha ris
Dol air chuairt taobh Loch Maruibh.
Bi mo smuaintean gu tric a’ tionndadh
Gu làithean m’ òige mar bha mi
Subhach coiseachd mu na bruachan
Ris an loch ud tha teann do m’ chrìdh;
Is ma thig thu leam gu toileach
Bi sinn còirdte le gràdh is sìth
Nàr dachaidh bhòidheach mhaiseach
Seasgar shìos ud taobh Loch Maruibh
Mar a thagh mi an t-òran
Thòisich mi an rannsachadh agam air an eadar-lìon, a’ coimhead airson òrain Ghàidhlig bhon sgìre agam fhèin, Siorrachd Rois. Às dèidh beagan ùine, lorg mi leabhar agus clàr le Fiona NicChoinnich, an dà chuid leis an ainm ‘Òrain nan Rosach’. Às dèidh a bhith ag èisteachd ri na h-òrain is a’ leughadh na faclan is an fhiosrachadh, ràinig mi co-dhunadh gun robh ùidh sònraichte agam san obair aig Aonghas Mac a’ Phì. Bha ruideigin caran draoidheil mun sgrìobhadh aige a thug buaidh orm, agus is fìor thoil leam an ìomhaigheachd a chruthaich e. Bha e follaiseach gun robh ceangal làidir aig Aonghas ri Fiona agus, mar sin, chuir mi post-dealain thuice airson barrachd fiosrachaidh mu Aonghas. Mar a tha e, ’s e seòrsa de mheantor a bh’ann an Aonghas dhi!
An t-ùghdar
Rugadh Aonghas air an 8mh latha den Iuchair 1927 agus bàsaich e air an 13mh latha den Ghearran 2011 aig 83 bliadhna a dh’ aois. Chaidh Aonghas a thogail ann an Glaschu agus anns an Eilean Sgitheanach is chaidh e dhan oilthigh aig Sgoil-ealain Ghlaschu. Às dèidh seo, dh’obraich Aonghas mar thidsear ealain ann an Inbhir Nis, far an robh ùidh air leth aige anns a’ phìob is sgrìobhadh òrain. Bha Aonghas agus a bhean cuideachd a’ seinn còmhla ri Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain agus, ann an 2006, dh’fhoillsich Aonghas an leabhar aige fhèin de dh’òrain Ghàidhlig, stèidhichte air ceòl na pìoba. Tha ‘The Crunluath Collection’ a’ sealltainn mar a tha na h-òrain aige gu ìre mhòr stèidhichte air ceòl mòr na pìoba, ged a tha iad ùr.
An t-òran
Anns an òran ‘Loch Maruibhe’ tha Aonghas a’ sgrìobhadh mun toileachas a tha e a’ faireachdainn a’ suidhe ann an nàdar ri taobh Loch Maruibhe. Tha e airson an leannan aige a thoirt dhan loch, far am biodh iad le chèile ann an gaol is sìth. Tha an sealladh a’ toirt Aonghas air ais gu làithean òige
Sgrìobh Roy Ford a’ chiad dà cheathramh dhen òran seo ann am Beurla is choisinn e a’ chiad duais air a shon ann an co-fharpais air STV. Dh’iarr e air Iain A. MacLeòid an dà cheathramh aige eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Bha Iain Aonghas MacLeòid às na Hearadh, ged a thug e iomadh bliadhna a’ fuireach ann an Gloucestershire ann an Sasainn agus anns an Leargaidh Ghallda. Bha e na Bhàrd aig a’ Chomann Gàidhealach ann an 1971 agus tha na dàin aige, Loch Maruibhe nam measg, rim faighinn anns an leabhar Luinneagan MhicLeòid (1973). Chaochail e san t-Sultain 2011.
Buidheachas
Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Karen Oakley, Jo NicDhòmhnaill agus Fiona NicChoinnich a chuidich mi lem rannsachadh.
