Madainn Earraich
Sgìrean Eile
29 An t-Ògmhios 2021
Facail le Aonghas Mac a Phì (1927 – 2011); fonn le Fiona NicChoinnich Air a rannsachadh is air a ghabhail le Rory MacCarmaig
Faclan
Tha ceò geal na maidne a’ togail a cheann
Is sgàilean na h-oidhche a’ triall far nam beann
Is an uiseag ag iomairt sìor suas anns an speur
’S a h-òran cuir fàilt’ oirnn, uile, gu lèir.
Tha àileadh nan lusan ’s na pàircean mun cuairt
Gu cùbhraidh nam chuinnean an-dràsta cho suairc
Is math a bhi beò ann an Dùthaich mo Ghaoil
Ann an Earrach na bliadhna, le sìde cho ciùin.
Tha mullach nan sgoran a’ nochdadh bhon cheò
Is am faileas an sgàthan na mara gun sgleò
Is dathan nan slèibhtean ’s nan rèidhlean cho brèagh’
Ann an gathan na grèine ag èiridh an sionn.
Tha cathraichean siùbhlach a’ fàgail a’ bhàigh
Is clann-òga a’ cluich anns a’ ghainneamh air tràigh
Laoigh-bailceach a’ geumnaich ri chèile ’s an lòn
’S an crodh-bainne gam freagairt le ròlaich bhon chrò.
Nach bòidheach na seallaidhean uile mun cuairt
Is nach math a bhi beò ’s a bhi taingeil ’g an luach?
Is Cliù dhan an Tì a thug dhuinne gach nì
Tha a bheannachd an seo ann an àilleachd ar tìr.
Mar a thagh mi an t-òran
Thòisich mi an rannsachadh agam air an eadar-lìon, a’ coimhead airson òrain Ghàidhlig bhon sgìre agam fhèin, Siorrachd Rois. As deidh beagan ùine, lorg mi leabhar agus clàr le Fiona NicChoinnich, an dà chuid leis an ainm ‘Òrain nan Rosach’. Às dèidh a bhith ag èisteachd ri na h-òrain is a’ leughadh na faclan is an fhiosrachadh, ràinig mi co-dhunadh gun robh ùidh sònraichte agam san obair aig Aonghas Mac a’ Phì. Bha ruideigin caran draoidheil mun sgrìobhadh aige a thug buaidh orm agus is fìor thoil leam an ìomhaigheachd a chruthaich e. Bha e follaiseach gun robh ceangal làidir aig Aonghas ri Fiona agus, mar sin, chuir mi post-dealain thuice airson barrachd fiosrachaidh mu Aonghas. Mar a tha e, ’s e seòrsa de mheantor a bh’ann an Aonghas dhi!
An t-ùghdar
Rugadh Aonghas air an 8mh latha den t-Iuchair 1927 agus bàsaich e air an 13mh latha den Ghearran 2011 aig 83 bliadhna a dh’ aois. Chaidh Aonghas a thogail ann an Glaschu agus anns an Eilean Sgitheanach is chaidh e dhan oilthigh aig Sgoil-ealain Ghlaschu. Às dèidh seo, dh’obraich Aonghas mar thidsear ealain ann an Inbhir Nis, far an robh ùidh air leth aige anns a’ phìob is sgrìobhadh òrain. Bha Aonghas agus a bhean cuideachd a’ seinn còmhla ri Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain agus, ann an 2006, dh’fhoillsich Aonghas an leabhar aige fhèin de dh’òrain Ghàidhlig, stèidhichte air ceòl na pìoba. Tha ‘The Crunluath Collection’ a’ sealltainn mar a tha na h-òrain aige gu ìre mhòr stèidhichte air ceòl mòr na pìoba, ged a tha iad ùr.
An t-òran
An seo, tha Aonghas a’ bruidhinn mu mhadainn àlainn a bh’ aige a-mach ann an nàdar a tha cho luachmhor dha. Tha e a’ sgrìobhadh mun t-saoghal a’ tighinn beò air a bheulaibh agus na dathan is na fiadh-bheathaichean anns an t-sealladh as fheàrr leis. Sgrìobh Aonghas faclan an òrain seo ach ’s e Fiona NicChoinnich a sgrìobh am fonn.
Fiosrachadh eile
’S e seinneadair Gàidhlig à Inbhir Pheofharain a th’ann a Fiona NicChoinnich. Tha Fiona air a bhith a’ seinn air feadh na Roinn-Eòrpa agus Ameireaga a Tuath is bhuanaich i Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2005. A bharrachd air seo, bha i air a h-ainmeachadh airson seinneadair Gàidhlig na bliadhna ann an 2005, 2006, 2012 agus 2015. Ann an 2015, thòisich Fiona obair ùr mar tasglannaiche agus manaidsear aig Urras Nàiseanta na h-Alba.
Buidheachas
Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Karen Oakley, Jo NicDhòmhnaill agus Fiona NicChoinnich a chuidich mi lem rannsachadh.