Màili Dhonn
Sgìrean Eile
20 An Dùbhlachd 2020
Gun Urra
Seachdain 46 – 20.12.2020
Air a ghabhail le Coinneach MacNeacail
Faclan
Sèist:
Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn,
Mhàili dhonn, tilleadh dhachaigh
Gruagach òg a’ chùil duinn,
Dh’èireadh m’inntinn air d’ fhaicinn.
Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn.
Gura mise tha gu tinn,
Cùl mo chinn air na leacan,
Bha mi roimhe rotach, garbh
Air an fhairge ga marcachd.
Gura mise tha gun spèird
An Dùn Èideann ’s an Sasann
Bha mi rèidh am measg nan seòid
Cluich an òir air na cairtean.
Chaidh sinn timcheall Rudha Lìte,
’S iomadh gunna caol a’ lasadh
Leig mo Mhàili siud ma cluais,
Ghabh i ’n cuan, ’s ann bha fasan.
Thog i h-acarsaid an Èirinn,
Leig i brèid ann an Sasann,
Bhuail i sròn air tìr an Lìte,
’S leig i cridhe ann an Glaschu.
’S ann an t-seachdain chun an-dè
Thog mi brèid ann an Sasann,
’S ann a shamhlaich mi do cheum
Ri laoigh fèidh ’s e aig astar.
Bha i siùbhlach gun mheang
Eadar chruinn agus chnagan;
Darach nach teirig a chaoidh
Eadar druim agus plang.
Nuair a thèid mi chun na fèill’
’S e do bhrèid a thig dhachaigh;
Tops’l ùr ga dhèanamh dlùth,
Ged chosgadh e crùn an t-slat dhomh.
An t-òran
Tha am bàrd a’ moladh Màili Dhonn, am bàta aige, dìreach mar gum b’ e boireannach brèagha a bh’ innte ach tè a thug e tro iomadh gàbhadh. Gheibh i a duais, “tops’l ùr” nuair a gheibh e fhèin gu fèill.
Tha dreach eile de Màili Dhonn mar a leanas:
Bha mi oidhch’ gu domhainn shìos
Sa Chuan Shiar ud tha farsaing,
Aiteas mara na mo chom
’S Màili Dhonn siubhal dhachaigh.
Sèist:
Màili Dhònn, bhòidheach dhonn,
Màili Dhonn siubhal dhachaigh,
Màili Dhonn, bhòidheach, dhonn.
Cha robh duin’ agam air bòrd,
Cha robh seòladair agam,
Ach mi fhìn ’s mo Mhàili Dhonn
Sgoltadh thonn, siùbhal dhachaigh.
’S binne leam na cruit nan dàn,
Cluinntinn gàir aig a h-astar,
Sruth is gaoth a’ togail fonn
’S Màili Dhonn a’ siubhal dhachaigh.
Ged nach eil mo chrodh air lòn
No mo phòr air a’ mhachair,
Soraidh slàn le cridhe trom
’S Màili Dhonn siubhal dhachaidh.
Tha Màili Dhonn am measg an iomadh òran a rinn Gàidheil a’ moladh an cuid bhàtaichean. Mar eisimpleir, anns an t-seachdamh linn deug ann an Iorram na Sgiobaireachd, mhol Murchadh Mòr MacCoinnich, Fear Aicheallaidh ann an Siorrachd Rois, am bàta aige fhèin:
Iubhrach shocrach a’ chuain
D’ an clìu toiseach dol suas
Giuthas dosrach nam buadh fo sheòl.
Buaidh ’s beannachd don t-saor
Dh’fhuaigh a darach gu caoin
’S i gun ghaiseadh gun ghaoid na bòrd.
Reubadh mara gu dlùth
O bheul sgar agus sùdh
’N dèidh ’s a barradh gu h-ùr on òrd.
B’e Iain MacFhionghain à Muile, an carpentear a bha air a’ chliopair-tì, an Taeping, ann an 1866. B’ e Dòmhnall MacFhionghain (Dòmhnall Mac Nèill ’ic Dhòmhnaill Ruaidh) à Hianais an Tiriodh an sgiobair aice agus choisinn e an rèis ainmeil eadar Sìona agus Lunnainn an aghaidh an Ariel, air an robh sgiobair Albannach eile, an Caiptean Keay. Tha MacFhionghain a’ moladh an Taeping:
’S i ghearradh an fhairge mar shiosar air caimrig
Is Sionaman mailidheach na dhealbh air a sròin;
’S i thàirngeadh an t-sùrdag air bhàrr nan tonn dubh-ghorm,
Mar fhiadh anns a’ bhùireadh air chùl nam beann mòr.
Agus bho chionn faisg air ceud bliadhna bha Iain Mac a’ Ghobhainn (1857-1924), Iain Chaluim Ruaidh à Beàrnaraigh Leòdhais, a’ moladh an t-saor a thog am bàta ruadh:
Mo bheannachd aig a’ charpentear
A thog am bàta ruadh,
Chuir giubhas agus làrag innt
Is pàirt den darach chruaidh,
Chuir peitinnean den phràisich
Air an t-sàil aice mun cuairt,
Ged thug an latha tàir dhi Cha d fhàilnich i na luaths.
Airson Màili Dhonn a chluinntinn:
- Air a sheinn mar òran luaidh le Johnny Williams à Ceap Breatainn: Tobar an Dualchais
- Air a sheinn le Màiri NicDhòmhnaill, Mairi Denny à Barraigh: Tobar an Dualchais
- Air a sheinn le Padraig Moireasdan, Pàdruig Ghilleasbuig Phàdruig ’ic Iain à Griomasaigh, mar òran a bhiodh aca ag iomradh: Tobar an Dualchais
- Air a sheinn le Seumas Greumach, Na Seòid agus Màiri Anna NicUalraig: YouTube