Marbhrann do Sheòrdag
Na h-Eileanan Siar
15 An t-Ògmhios 2016
Òran le: Iain Stiùbhart
Air a rannsachadh is air a ghabhail le: Isabelle Bain
Chaidh an t-òran seo a dhèanamh le Iain Stiùbhart à Col. Sgrìobh e an t-òran mar gum b’ e an duine aig Seòrdag a bha ga sgrìobhadh. B’ e Seòrdag a’ chiad bhean a bh’ aig Iain MacÌomhair (Am Peel). Bhàsaich i nuair a bha i òg agus dh’fhàg i triùir chloinne òg. B’ e aon den chloinn aice, Ceitidh NicDhòmhnaill, no Ceitidh a’ Pheel, seanmhair nighean air an robh mi eòlach san sgoil. Bha an t-òran, am measg òrain eile a sgrìobh e, ann an seann leabhran nach eil ann an clò an-diugh.
Faclan
Ò, b’ àill leam fhìn an-dràsta
Gun robh bàrdachd na mo ghnè,
Ach an innsinn do mo chàirdean
Mu a’ chràidh a tha nam chrìdh,
Ri caoidh mo chèile ghràdhach
Sgar am bàs uam ann an Tìm;
Chan fhaic mi anns an fhàsach thu,
O ghràidh, don tug mi gaol.
Nach mise nis tha cràiteach,
Rinn thu m’ fhàgail ’s mi cho òg,
Nuair bha mo ghràdh cho làidir dhut,
Mar shaighdean sàs nam fheòil:
Tha mise a-nis san fhàsach seo
Mar neach bhiodh sàs an ceò
’S mo shùilean tha air fàillneachadh
’S iad bàthte na mo dheòir.
Bha ìomhaigh a bha fìnealt’ ort
’S bu dhìreach thu nad dhealbh;
Bha do ghruaidhean mar an caorann
Is do dhà shùil chaomh cho gorm;
Bha cuailean buidhe dualagach
Mar ghruag ort ’s i gun chearb
’S bha faoilteachas nad aodann
A bha ag inns’ nach robh thu borb.
Ò, ’s òg a thug mi gaol dhut
’S cha chaochail e gu bràth,
Ged tha mi creids’ le tìde
Gun tig sgaom air mar aig càch;
Oir mur am faigh mi faothachadh
Thig dìobairt air mo shlàint’
’S cò chumas suas mo dhìlleachdain
Mur saothraich mi nan àit
Nach mise a-nis tha cràiteach
An ceann do phàistean ’s iad cho maoth,
Nuair chluinneas mi ri rànaich iad
Tha iad a’ toirt sgàineadh air mo chrìdh.
’S an sgiath a bha gam blàthachadh
Air am fàgail ann an Tìm,
’S tha ’n t-àit’ seo a-nise fàsail dhomh
Ged tha mo chàirdean ri mo thaobh.
Ò, b’ fheàrr gum biodh mo chianalas
Gam strìochdadh gu mo ghlùin,
Gu bhith ag iarraidh tròcair
Agus pòsaidh tha cho dlùth,
Nach sgar am bàs gu sìorraidh
Dh’aindeoin deuchainn a thig oirnn:
Dèan còmhnadh na mo dheuchainn leam
Gu bhith gad iarraidh mar is còir.