Mo Bheannachd don Bhàillidh Ùr

Na h-Eileanan Siar

29 An t-Ògmhios 2021

Òran gun urra Air a rannsachadh agus air a ghabhail le Peigi Nic a’ Phiocair.

Faclan

Mo bheannachd don bhàillidh ùr
’S tu fhèin a choisinn an cliù
Nuair a thàini’ tu le trùp
Bho uaislean à dùthaich MhicLeòid.

’S thàini’ tu led bhàirdse cruinn
Ghabh thu ’n earra-dheas air Port Rìgh
Thogadh do shaighdearan cìs
Ged a dh’fheumte strì nan dòrn.

’S bha ’m fear-lìon thall an dùil
Gun cuireadh e lìon ma-sgaoil
Ach feuchadh eile rinn e chùis
Nuair a dh’ùraicheadh na seòid.

’S chaidh do phèidse mun cuairt
Timcheall a’ Chinn a Tuath
’S dh’inns e dhaibh gun cheist, gun ghruaim
Gur e ’n cuan a bha fo sròin.

’S cò ’n tè nach tugadh dhut gaol
Dh’fhalbhadh tu cho luath ri maor
Le do shlaightirean ri do thaobh
Gun do sgaoil thu do chuid sheòl.

'S cò ’n tè nach tugadh dhut gràdh
Chaithris an oidhche gun tàmh
Cha teir’ Cùbair th’ as a’ bhlàths
Cha do thàrr e dhol na còir.

’S dualach dhuibh gun dèan sibh fhèin
Tha sibh ionnsaichte le chèil’
Gruagach uasal thoirt an teich
’S fhuair thu i ’n Cèitean a h-òig’.

’S ùr a’ chraobh on d’ rinn i fàs
Na bheil on talamh dhith ’s gu h-àrd
Cha mhosgan i am bun no ’m bàrr
Ach an giuthas àlainn òg.

’S Dòmhnallaich sibh thèid gach taobh
Làmh dhearg is suaicheantas air craobh
Long is bradan ’s leòmhann caoich
Gidheagan is fraoch glas òg.

Mar a thagh mi an t-òran

Thàinig mi chun an òrain seo nuair a bha mi a’ rannsachadh mu sgainneal Sheasaidh Bhaile Raghnaill air Tobar an Dualchais agus chuala mi Anna Arnott agus Seumas Dòmhnallach ga ghabhail. Dh’aithnich mi am fonn bhon chlàr aig Julie Fowlis ‘Cuilidh’ ach bha e inntinneach diofar thionndaidhean den òran a chluinntinn le diofar fhaclan. Fhuair mi na faclan a tha mi air cleachdadh an seo bho BBC Bliadhna nan Òran.

An t-ùghdar

Chan do lorg mi ùghdar airson an òran seo. Mar sin saoilidh mi gur ann tro bheul-aithris a bhiodh e air a sgaoileadh.

An t-òran

‘S ann mu sgainneal Sheasaidh Bhaile Raghnaill a tha an t-òran seo, coltach ris na h-òrain ‘An t-Aparan Goirid’ agus ‘Òran Dhòmnhaill Mhogastad’. Tha an t-òran seo air a dhèanamh mar mholadh don Bhàillidh Ùr – Dòmhnall Mhogastad, a’ sealltainn gur e duine gaisgeil a bh’ ann, eu-coltach ris am Bàillidh Cooper, a bha còir aig Seasaidh Bhaile Raghnaill a bhith a’ pòsadh, a-rèir roghainn a pàrantan.

Fiosrachadh eile

Thachair Dòmnhall Mhogastad às an Eilean Sgitheanach ris an tè seo, Seasaidh Bhaile Raghnaill mu 1849, fhad ’s a bha e ag obair ann an Uibhist a Tuath. Aig an aon àm bha pàrantan Sheasaidh a’ moladh dhi gum bu chòir dhi falbh leis a’ Bhàillidh seo, Cooper, leis gun robh e beartach, eu-coltach ri Dòmhnall. Ge-tà, cha robh am bàillidh a’ còrdadh ri Seasaidh idir agus theich i bho Uibhist air a’ bhàta Eliza gus a bhith còmhla ri Dòmhnall Mhogastad. Bha ùpraid mhòr ann, le iomadh duine an sàs, feadhainn a’ cuideachadh Dhòmhnaill agus Seasaidh faighinn air falbh, agus feadhainn a’ teicheadh às an dèidh. Bha iad air ais agus air adhart bho Uibhist, Na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach ach mu dheireadh ghluais a’ chàraid a dh’Astràilia.

Buidheachas

Taing mhòr do Chalum Ailig Mac a’ Mhaoilein airson an stiùireadh aige agus dha m’athair airson a bhith a’ brosnachadh cuspairean rannsachaidh dhomh.

← Air ais gu liosta nan òran